Drama

O Uicipeid

'S e gne-sgriobhaidh litreachail a th' ann an drama a thathar a' gniomhadh mar as trice air ard-urlar, co-dheanta de chomhraidhean eadar iomadh caractaran. 'S ann as an t- seann Ghreugais a tha am facal: tha δρ?μα a' ciallachadh gniomh ? rudeigin a nithear, bhon ghniomhair δρ?ω , dean .

Eachdraidh anns an Iar [ deasaich | deasaich an tus ]

Ann an cultar an Iar, chaidh na ciad dealbhan-cluiche an sgriobhadh anns a' Ghreug, bhon 5mh linn RC, far an robh tri gneithean-sgriobhaidh dheth air an aithneachadh: comadaidh, traidseadaidh, agus na dealbhan-cluiche satyr . Gu mi-fhortanach, chan eil dealbhan-cluiche bhon am sin ach le coig sgriobhadairean ( Aeschylus , Aristophanes , Euripides , Menander , agus Sophocles ) againn an-diugh. Ann an linn nan Romanach, cuideachd, chaidh torr dealbhan-cluiche an sgriobhadh, agus tha cuid dhiubh againn fhathast.

Sa' mheadhon-aois, bha mor-chuid an drama co-dheanta de dealbhan-cluiche mhiorbhaile (Beurla: mystery plays ), seorsa drama crabhach no liotuirgeil a riochdaich sgeulachdan as an tradaisean Chriostail.

Sna 16mh agus 17mh linntean ann an saoghal na Beurla, bha sgriobhadairean mar William Shakespeare , Christopher Marlowe , agus Ben Jonson a' sgriobhadh drama a tha ainmeil fhathast an-diugh. Sgriobhas torr dhrama aig an am ann an cam-dhan . Cuirear an t-ainm Siglo de Oro ( Linn Orail ) air an 17mh linn san Spainn , nuair a bha Pedro Calderon de la Barca , Tirso de Molina , agus ughdaran eile a' sgriobhadh drama clasaigeach na Spainne, agus anns an Fhraing san aon am, bha sgriobhadairean mar Moliere , Jean Racine , agus Pierre Corneille a' sgriobhadh na dh'fhasadh an drama Frangach clasaigeach.

Cleasaichean drama Gaidhlig [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]