Gustave Flaubert

O Uicipeid
Gustave Flaubert
Beatha
Breith Rouen , 12 dhen Dubhlachd 1821
Duthaich   An Fhraing
Aite-fuirich Reims
Canteleu
Paris
Rouen
Bas Croisset (en) Translate, 8 dhen Cheitean 1880
Aite-adhlacaidh Cimetiere monumental de Rouen (en) Translate
Nadar a’ bhais adhbharan nadarra  ( ruith-fala san eanchainn )
Teaghlach
Athair Achille Cleophas Flaubert
Ceile no value
Caraid Louise Colet (en) Translate
Braithrean ? peathraichean
Foghlam
Foghlam International lycee Francois-Ier (en) Translate
Paris Law Faculty (en) Translate
Lycee Pierre-Corneille (en) Translate
Canain Fraingis
Luchd-teagaisg Pierre Adolphe Cheruel (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd nobhailiche agus sgriobhadair
Obraichean comharraichte Madame Bovary (en) Translate
Salammbo (en) Translate
Bouvard et Pecuchet (en) Translate
Sentimental Education (en) Translate
The Temptation of Saint Anthony (en) Translate
Three Tales (en) Translate
Dictionary of Received Ideas (en) Translate
Q19150097 Translate
Duaisean a fhuaras
Gluasad fiorachas
Seirbheis san arm
Stri Cogadh na Frainge 's na Pruise
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
IMDb nm0281306

B’ e Gustave Flaubert ( IPA :?ystav flob??) sar-ughdar Frangach . Rugadh e ann an Rouen air an 12mh neo an 13mh latha dhen Dhubhlachd 1821 [1] [2] agus chaochail e air an 8mh latha dhen Cheitean 1880 , ann am baile beag ris an canar Croisset . [3] [4]

Mar sgriobhadair rosg na b' fhearr darna leth na 19mh linne , thug Gustave Flaubert buaidh laidir air litreachas na Frainge leis cho domhainn 's a bha a chuid mhion-sgrudadh eolais-inntinn agus am fiorachas litreachail aige, air sgath cho soilleir 's a bha e taobh cleachdaidhean na daoine agus a’ cho-chomann, agus air sailleabh cho cumhachdail 's a bha an stoidhle aige anns na nobhailean mora a sgriobh e, mar eisimpleir Madame Bovary ( 1857 ), Salammbo ( 1862 ), L'Education sentimentale ( 1869 ), neo fiu 's na sgeulachdan goirid aige, mar Trois Contes ( 1877 ).

Beatha [ deasaich | deasaich an tus ]

Bhuineadh e do theaghlach buirdeasach caitligeach ach 's e Prostanaich a bh’ anns a chuid shinnsearan. Mar a thuirt e dha na Prostanaich ann an Nimes “‘S e fior Chaitligeach a th’ annamsa fhein, ach cha diochuimhnichidh mi a-riamh gur e Prostanach a bh’ anns mo shinnsear na b’ ainmeil.” [5] [6] 'S e an darna mhac aig Achille Cleophas Flaubert ( 1784 - 1846 ), ard dotair-lannsa aig an ospadal Hotel Dieu ann an Rouen, agus a bhean Anne Justine Caroline (Fleuriot) ( 1793 - 1872 ), a bh’ ann an Gustave.

Fhuair a pharantan sianar daoine-chloinne: Achille ( 1813 ? 1882 ); Caroline ( 1816 ? 1817 ); Emile Cleophas ( 1818 ? 1819 ); Jules ( 1819 ? 1822 ); Gustave ( 1821 ? 1880 ) agus Josephine Caroline ( 1824 ? 1846 ). Rugadh e an deidh dha a phiuthair is dithis bhrathair na b' aosta a bhasachadh. Dh’eug a mhathair nuair a bha i trom le nighean, Caroline. 'S e Gustave fhein a thug a cuid foghlaim dhi, mus do phos ise. Fhuair Gustave Flaubert leanabas gu math bronach, is thug arainneachd dhorainneach anns am flat aig athair anns an ospadal ann an Rouen (Taigh-tasgaidh Flaubert an latha an-diugh [7] ) buaidh mhor airsan. A dh’aindeoin sin, chiuinich sin cairdeas a’ phiuthar bheag Caroline, a rugadh tro bliadhna an a dheidh. [8] [9] Bha an teaghlach dhen bheachd gur e a bhrathair mor a bha na bu chudromaiche is na bu sgileil, is lean esan athair mar ard dotair-lannsa aig an ospadal.

'S e oganach fa leth romansach a bh' ann Flaubert agus bha uidh mhor aige anns an litreachas mar-tha, ged nach robh e dealas idir air an fhoghlaim a fhuair e aig an sgoil College royal, neo an uair aig an ard-sgoil Lycee de Rouen (bho 1832 ). Chaidh e a chur air falbh anns an Dubhlachd 1839 airson dhith-smachd agus rinn e a chuid dheuchainnean na aonar ann an 1840 . Choinnich e Elisa Schlesinger ann an Trouville-sur-Mer , as t-samhradh 1836 . Seo an tachartas na bu chudromaiche a thachair dha nuair a bha e og, agus thug sin buaidh mhor mhaireannach airsan. Chleachd e an gaol lasanta a dh’fhairich e anns an nobhail L'Education sentimentale , gu seachd araidh anns an duilleig ainmeil far a “nochdas” Madame Arnoux ri beulaibh Frederic og aig a’ choinneamh geur searbh mu dheireadh eatorra.

Sheachain e an t- Arm air sgath gun do bhuannaich e crannchar gill (gu cumanta aig an am), agus ann an 1841 thoisich e air an Lagh ag ionnsachadh ann am Paras, gun dealas, ach bha e gu math beothail brogail an siud co-dhiu. Choinnich e moran dhaoine ainmeil ann an saoghal na ealain is na litreachas, mar an snaidheadair James Pradier agus an t-ughdar Maxime Du Camp, deagh charaid aige, is fiu 's am bard agus sgriobhadair drama Victor Hugo . Leig e leas an Lagh, nach do chordadh leis a-riamh, anns an Fhaoilleach 1844 an deidh droch Ghalair thuiteamach fhulang. Thill e gu Rouen, is an uair sin, bho an t-Og-mhios 1844 bha e na thamh ann an Croisset, ri taobh na Seine , faisg air Rouen. Sgriobh e sgeulachd neo dha agus a’ chiad dreach an nobhail L'Education sentimentale an siud. Chaochail athair agus a phiuthar bheag ann an corra sheachdain aig toiseach 1846 , (direach da mhios an deidh an torraicheis ? 'S e Flaubert fhein a thogadh nighean a phiuthar, Caroline). A bharrachd air sin, as t-earrach na bliadhna sin thoisich e cairdeas dobhaidh eadar-uineach fad dusan bliadhna leis a’ bhan-bhard Louise Colet. Sgriobhadh esan torr litrichean dhise is bheireadh e gu ire a chuid bheachdan taobh obair an sgriobhadair, seoltachd an Fhraingis agus na smuaintean aige taobh chairdeas eadar na boireannaich is na fireannaich an sin. Lean sin mus do bhriste iad is sgriobh e a litir mu dheireadh dhi air an 6mh latha dhen Mhart 1855 . Ged an do dh’fhas e gu math reamhar na bhodach, 's e oganach laidir sporsail a bh’ ann an Gustave Flaubert, seach gu robh e cho dheidheil air snamh, claidheamhaireachd, marachd is fiu 's sealgaireachd.

Ceithir baidealan na sgriobh Flaubert [ deasaich | deasaich an tus ]

Bha Flaubert agus Charles Baudelaire beo aig an aon am agus bha e cho cudromach mar am bard sin a sgriobh Les Fleurs du Mal ann an litreachas Frangach na 19mh linne. Ann an da cuid air a chaineadh (air adhbharan moralta) agus tlachdmhor (air sgath am forsa litreachas aige) nuair a bha e beo fhathast, thathar dhen bheachd an latha an-diugh gur e fear dhe na sgriobhadairean nobhailean na b’ fhearr na linne aige, gu seachd araidh airson Madame Bovary , an nobhail a chuir am Bovaryas ( Fraingis bovarysme) air doigh, agus airson L'Education sentimentale a lean e; thathar a’ cur a chuid obrach eadar na nobhailean eolais-inntinn a sgriobh ( Stendhal ), agus an nadarras aig ( Emile Zola agus Guy de Maupassant , ged an robh an dithis sin cinnteach gur e Flaubert a sheall an t-slighe air adhart dhuibh). Thug na sgriobh Honore de Balzac buaidh mhor airsan, agus bha e ag obair air na cuspairean sin ann an doigh uabhasach pearsanta (Tha L'Education sentimentale coltach ri Le Lys dans la vallee agus chuir La Femme de trente ans smuaintean na inntinn airson Madame Bovary a sgriobhadh) [10] . 'S e nobhailean gu math fiorachail a sgriobh e. A bharrachd air sin, bha ailleachd sgriobhaidh (Fraingis: esthetique) fa leth cudromach dha, is le sin chuireadh e moran uine seachad gus gach leabhar a chur air doigh, is e gan sgrudadh leis ainmeil “Deuchainn na Beoil” (Fraingis: L’epreuve du gueuloir) [11]  ≫, nuair a leughadh e na sgriobhadh anns an guth ard). Bha beo-ghlacadh mor aige taobh na sgriobh Honore de Balzac, an t-athair litreachail aige, agus sgriobh e an seantans sin anns na notaichean aige: Teich bho Le Lys dans la vallee, na chuir earbsa ann an Le Lys dans la vallee . [12]

Mu dheireadh thall, 's e ughdar uabhasach moralta a bh' ann, air sailleabh cho ioronasach agus eu-dochasach a bha, taobh na daoine. Sheall Dictionnaire des idees recues ( Gaidhlig  : Faclair na smuaintean air fhaighinn) direach cho talantach 's a bha e le sin. Chuir Pleiade coig leabhraichean dhe litrichean a sgriobh e gu Louise Colet, George Sand agus moran eile anns a’ chlo.

A chuid obrach [ deasaich | deasaich an tus ]

Leabhraichean

  • Reve d'enfer , 1837
  • Memoires d'un fou , 1838
  • Madame Bovary , 1857 agus 1930 (le sgriobhainnean taigh nan Cuirte)
  • Salammbo , 1862 agus 1874 (clo-bhualadh mu dheireadh)
  • L'Education sentimentale , 1869
  • Le Candidat (vaudeville), 1874
  • La Tentation de saint Antoine , 1874 agus 1903 (clo-bhualadh mu dheireadh)
  • Trois Contes  : Un cœur simple , La Legende de saint Julien l'Hospitalier , Herodias , 1877
  • Le Chateau des cœurs (Drama), 1880
  • Bouvard et Pecuchet (nach do chriochnaich e), 1881
  • Par les champs et les greves (Voyage en Bretagne) , 1886
  • Memoires d'un fou , 1901
  • A bord de la Cange , 1904
  • Œuvres de jeunesse inedites , 1910
  • Dictionnaire des idees recues , 1913
  • Premieres œuvres , 4 leabhraichean, 1914 ? 1920
  • Novembre , 1928 (ach 1842 )
  • Souvenirs, notes et pensees intimes ( 1838 ? 1841 ) , 1965
  • Album , annote par Jean Bruneau agus Jean A. Ducourneau, 1972
  • Bibliomanie et autres textes 1836 - 1839 , 1982

Litrichean

Cruinneachaidhean

  • Œuvres completes , 8 leabhraichean, 1885 (Quantin)
  • Œuvres , 10 leabhraichean, 1874 ? 1885 (Lemerre)
  • Œuvres completes , leabhraichean, 1926 - 1933 (Conard)
  • Œuvres completes illustrees , leabhraichean, 1921 ? 1925
  • Œuvres , 2 leabhair. 1951 ? 1952 agus 1989 (clo-bhualadh ur), notaichean le Albert Thibaudet agus Rene Dumesnil (Gallimard)
  • Œuvres completes , 1940 ? 1957 (Les Belles Lettres)
  • Œuvres completes , 2 leabhair. 1964 (Seuil)
  • Œuvres completes , 18 leabhraichean, 1965 ? 1965 , notaichean le Maurice Nadeau
  • Œuvres completes , 16 leabhraichean, 1975 (Etudes litteraires francaises)
  • Œuvres completes , 16 vo leabhraichean, 1971 ? 1975 , notaichean le Maurice Bardeche
  • Œuvres completes , notaichean le Claudine Gothot-Mersch agus Guy Sagnesinconnue, 5 leabhraichean. : Œuvres de jeunesse , 2001 ; I-V: air an t-slighe.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. L'acte de naissance
  2. L'acte de deces
  3. Encyclopædia Britannica
  4. Encyclopedie Larousse
  5. Consultable en ligne
  6. Deach tusail: Je suis bon catholique. Mais je n’oublierai jamais que le plus illustre de mes ancetres fut protestant
  7. Taigh-tasgaidh Flaubert
  8. Biographie
  9. documents familiaux
  10. C. Gothot-Mersch, Dictionnaire des litteratures de langue francaise , Bordas, p810.
  11. Le gueuloir de Flaubert : explications du mythe
  12. C. Gothot-Mersch, Dictionnaire des litteratures de langue francaise