Berlin

O Uicipeid
Berlin
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Duthaich a' Ghearmailt
Co-chomharran 52° 31' Tuath
13° 25' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 891.82 km²
Aireamh-shluaigh 3,405,000 (2006)
Dluths 3,818.04/km²
Aireamh fon 030
Duilleag oifigeil berlin.de

Is e priomh-bhaile Poblachd na Gearmailt a tha ann am Berlin o chionn 1990 a-rithist. Tha stait-bhaile Bherlin aon de sia staitean feadarail deug anns a' Ghearmailt. An-diugh tha 3.4 millean a' fuireach ann am Berlin. Is e am baile as motha anns a’ Ghearmailt agus am baile as motha ach aon anns an Roinn Eorpa . Is docha gun robh am facal Slabhais berl a' ciallachadh mointeach, agus thug sin ainm air Berlin. Tha 3,400,500 daoine a' fuireach ann am Berlin, is le sin 's e am baile as motha na duthcha a th'ann. [1]

Berlin

Suidheachadh [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha Berlin suidhichte am measg Bhrandenburg , stait feadarail eile anns a' Ghearmailt , 512 km air falbh bho Stuttgart .

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha a’ chiad fhianais sgriobhte againn mu Cholln mar phairt den bhaile dhubailte Bherlin-Cholln anns an Spreeinsel (Eilean Spree) anns a’ bhliadhna 1237. Tha a’ chiad fhianais sgriobhte againn mu Bherlin aig bruach an Abhainn Spree anns a’ bhliadhna 1244. Bha talla a’ bhaile cumanta air a thogail ann an 1307.

Bhitheadh an cinneadh Hohenzollern a’ riaghladh Berlin gu 1918 mar diuc Bhrandenburg, Righ Phruisea agus Ceusar nan Gearmailteach

Ann an Cogadh na trichead bliadhna (1618 agus 1648) chaidh 30 % de na taighean ann am Berlin a sgrios agus chaidh an darna leth den t-sluagh a mharbhadh.

Ann an 1640 ghabh Frederic Uilleam , an Kurfurst mor, sealbh air an iompaireachd. Thoisich e air poileataigeachd den fulangas crabhach agus den imrich a chur a-steach. Mu 1700 bha 20% de mhuinntir Bherlin nam Frangaich as an Fhraing oir thug Frederic Uilleam na Prostanaich Frangach do Bherlin. Thainig moran daoine gu Berlin. Dh’ imrich iad as a' Pholainn , a Bohaimia agus a Salzburg .

Chaidh Frederic I. air a chrunadh anns a’ bhaile seo ann an 1701 agus dh' fhas Berlin na phriomh-bhaile na Pruise .

Ann an 1807 thainig Napoleon Bonaparte do Bherlin agus ghoid e an Quadriga bhon Geata Bhrandenburger Tor . Ann an 1814 chaidh an Quadriga a thoirt air ais.

Chaidh darna Iompaireachd na Gearmailt a steidheachadh anns a’ bhliadhna 1871 agus bha Berlin na phriomh-bhaile a-rithist. Bha Ceusair Uilleam II an ceusair mu dheireadh a bha ann.

As deidh a' chiad chogadh ann an 1918 chaidh Poblachd a steidheachadh anns a' Ghearmailt ann am Berlin.

Anns an 1933 chaidh na Nasaich agus Adolf Hitler a thaghadh agus steidhich iad treasa Iompaireachd na Gearmailt.

Ann an 1945 bha an Darna Cogadh seachad agus chaidh Berlin a roinn ann an ceithir roinnean. Bha Berlin an Ear aig na Ruisich agus bha Berlin an Iar aig na Staitean Aonaichte , aig an Fhraing agus aig Breatainn .

Bha na trioblaidean poileataigeach air stiuireadh am Blockade den Bherlin. Chuidich am feachd eadar-naiseanta as na Staitean Aonaichte agus eile gus am baile a chumail beo le chuir iad drochaid adhair Bherlin air chois.

Ann an 1949 chaidh an GDR, Gearmailt an Ear , a steidheachadh. B' e priomh-bhaile a bha ann am Berlin an Ear agus dh' fhas trioblaidean poileataigeachd cho dona gu Cogadh Fuar .

Bha cuir cudthrom air na trioblaidean eadar nan Ear agus nan Iar ann an 1961. Chaidh Balla Bherlin a thogail.

Balla Bherlin

Chaidh an t-sluagh mi-thoilichte agus diombach. As t-samhradh 1989 thoisich na urnaighean sithe anns an Eaglais Nicolai ann an Leipzig agus as deidh bha na caismeachdan-Di-Luain ann gach seachdain. Anns an Damhair thuit GDR am broinn a cheile. Thuit am Balla Bherlin aig 9mh den t-Samhain 1989 . Chaidh a’ Ghearmailt ath-aonadh anns a’ bhliadhna 1990 agus b’ e priomh-bhaile na Gearmailt a bha ann am Berlin a-rithist.

O chionn 1999 tha a' pharlamaid agus cuid de na ministearan ann am Berlin cuideachd ach tha seachd ministearan fhathast ag obair anns an t-seann phriomh-bhaile, Bonn .

Canan [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha Gearmailtis air a bhruidhinn ann am Berlin ach tha barrachd chananan rim cluinntinn air sgath’ s gu bheil am baile gle ioma-chultarach. Cluinnear Beurla , Arabais is Sionais gu math tric. Tha moran choigreach a’ fuireach anns a' bhaile seo agus bidh moran luchd-turais a' tadhal air Berlin.

Tha dualchainnt ann ris an canar " Berlinerisch ". Mar eisimpleir bithear ag radh icke an aite ich (Gaidhlig: mi), loofen an aite laufen (a' ruith) neo wa' an aite nicht wahr (...nach eil?)

Eaconomaidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Ionad Sony san oidhche

Tha 36% de na h-obraichean ceangailte ris an roinn-seirbhis.

  • 33% ris a' ghniomhachas
  • 13% ri malairt agus ri trafaig
  • 18% ris an t-seirbhis Poblachd.

Tha torr steisean telebhisein is reidio ann mar RB, MTV, Nick, VIVA, Sat 1, N24 agus gu nadarra tha studio aig ARD, ZDF no RTL ann am Berlin cuideachd. Tha 80% de na gniomhachasan a’ buntainn ris an treas roinn. Tha an treas roinn gle chudthromach airson Berlin agus mar sin tha turasachd a’ fas nas cudthromaiche ri taobh bhancaichean agus sheirbhisean eile.

Is e DaimlerChrysler, Sony, Springer-Verlag, Walter de Gruyter na companaidhean as cliuitiche a tha ann. Chan eil torr aiteachas ann agus chan eil ach beagan gniomhachas ann am Berlin. Is e obair mheatailt, cheimigeachd agus bhidh am meur gniomhachais as motha ann am Berlin.

Cultar [ deasaich | deasaich an tus ]

Gus am meadhan-aois trath [ deasaich | deasaich an tus ]

Farsaingeachd

‘S e sluagh na Semnonaich a bha anns an sgire Bherlin . Ach ‘s e Sueben an t-ainm a bha air an treubh. Cha robh sluagh Gearmanach coitcheann ann. Bliadhnaichean as deidh bha cumhachd phoilitigeach a dh’ fhas an t-aonadh sluaigh na Gearmanaich . ‘S e treubh na Sueben a bha a’ dol a-steach an t-Sluagh Mor na h- Alamannaich . Bha iad a' fuireach ann an clachain agus bha taighean aca, a bha air a thogail bho choille is bhon chailc. Bha cumadh-cruidh is aiteachas ann.

Creideamh

Bha paganach ann gu tric leis na h-iobart nan daoine . Bha a' Chriosdachd a’ toirt air na Gearmanaich anns an 5mh linn.

Ealain

Tha a’ chiad fianais sgriobhte mu gu bhith 200 as deidh Dia. ‘S e Futhark a bh’ ann na chiad litrichean Ghearmanaich . Bha cuid na bu lugha sgriobhaidhean den an am seo. Cha mhor dh' aithnich na daoine dealbhan. O chionn na 5mh linn bha ailleagan oir ann. Bha dealbhan na tuirc is nam feidh abhaisteach mar na eisimpleirean Romanach .

Gus an latha an-diugh [ deasaich | deasaich an tus ]

Creideamh

As deidh an Ath-leasachadh anns an 15mh linn 's e an cuid a bu mhotha nan daoine Prostanaich a bh' annta. Anns an 18mh linn thoir Frederic Mor an ceadachas-crabhach . An-diugh 's e baile mor gle ioma-chultarach a th' ann am Berlin agus tha torr chreideimh ann.

Saidheans/ Eolas

Tha ceithir oilthighean ann. ( 'S e am Medizinische Fakultat coitcheann as motha ann an Roinn Eorpa .) Tha tri colaisdean-ealain is seachd colaisdean le cuspairean sonraichte is deich colaisdean phriobhaideach ann. Tha gu bhith 140.000 oileanaich aig Berlin.

Ealain [ deasaich | deasaich an tus ]

Togalachan ainmeil is cudthromach [ deasaich | deasaich an tus ]

  • an Geata Bhrandenburg leis an Quadriga , air a thogail eadar 1788 agus 1791
  • an Leabharlann na Gearmailt , air a thogail eadar 1774 agus 1780
  • an taigh-opra na Gearmailt , air a thogail 1743
  • an Zeughaus, air a thogail eadar 1695 agus 1706
  • Oilthigh Humboldt Berlin , a chaidh fhosgladh ann an 1809
  • an Reichstag , air a thogail eadar 1884 agus 1894
  • an Caisteal Bellevue, air a thogail ann an 1785
  • an Caisteal Charlottenburg, toiseach a thogail ann an 1695
  • an Kaufhaus des Westens (Buth nan Siar), a' bhuth as motha ann an Roinn Eorpa
  • am Funkturm Berlin, air a thogail eadar 1924 agus 1926 airson na treasa Funkausstellung
  • am Fernsehturm Berlin, an togalach as airde anns a' Ghearmailt air fad (368m)

Eaglaisean cliuiteach [ deasaich | deasaich an tus ]

  • a' chathair-eaglais Bherlin
  • a' chathair na Hedwig, air a thogail eadar 1747 agus 1773
  • a' chathair Fhrangach air a' mhargaidh na Gendarmen
  • an tobhta nan eaglaise "Cuimhne an Ceasar-Uilleam", air a thogail eadar 1891 agus 1895 agus air an sgrios anns an darna cogadh
  • an eaglais na Mairi

Taighean-tasgaidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Eilean na taigh-tasgaidh (o chionn 1999 dualchas an t-saoghal cultar UNESCO )
  • an t-seann lobhta naiseanta
  • an t-seann taigh-tasgaidh anns a' gharradh nam miann (Lustgarten) [no ann an garradh nam miann]
  • an taigh-tasgaidh ur
  • an taigh-tasgaidh Bode
  • an taigh-tasgaidh Pergamon
  • an taigh-tasgaidh na h-ealain
  • an taigh-tasgaidh na h-eachdraidh anns an Zeughaus
  • an tasglann Bauhaus
  • an taigh-tasgaidh na h-Iudhaich
  • torr chruinneachaidh na deilbh anns na taighean diofraichte

Feisteas [ deasaich | deasaich an tus ]

  • taighean-chluiche leis na phrograman cunbhalach
  • coisirean-ciuil leis na phrograman cunbhalach
  • orcastra is opra leis na phrograman cunbhalach
  • Feis Fiolm eadar-naiseanta
  • Berlinale, leis an duais mathan Bherlin
  • agus feisean eile

Daoine ainmeil, a tha/ bha ceangailte ris Berlin [ deasaich | deasaich an tus ]

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Ann an Litreachas [ deasaich | deasaich an tus ]

Aistean co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]

Meadhan a' bhaile

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Bailtean as motha na cruinne
  2. SisterCities
  3. Urz?d Miasta Warszawa
  4. Stadt Koln