Matamataig

O Uicipeid
Snathad Kakeya

'S e matamataig an t-eolas a tha togte air bun-bheachdan a' mheud, an structair, an fhanais agus a' chaochlaidh, agus an sgoilearachd nan luib. 'S e rannsachadh nam bun-bheachdan seo agus nan ceanglaichean eatorra a tha obair mhatamataichean. Thathar a' deanamh feum de reasanachadh rianais gus co-dhunaidhean a chur comhla agus baralachasan ura a dheasachadh 's a dhearbhadh.

Matamataig agus na Saidheansan [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha dluth-cheangal eadar matamataig agus na saidheansan ? gu h-araidh fiosaig ? ged tha aig cuid nach eil saidheans ach ealain a th'ann. Is cinnteach gu bheil gne inntleachdail aig matamataig. Tha matamataichean a' deiligeadh ri nithean easchruthach air an sgath fhein. 'S e boidhchead agus eireachdas a' cho-dhunaidh a tha cudromach a bheil brigh aige anns an t- saoghal a-muigh no nach eil. Faodaidh e bhith, ach tha e soilleir gur e a' phongalachd agus an rianas a matamataig a tha aig a' bhun-steidh iomadh saidheans. 'S ann a seo a chaidh a h-ainmeachadh "banrigh nan saidheansan". Aig an aon am 's ann as na saidheansan a thainig iomadh ceist mhatamataigeach agus, a bharrachd air sin, meuran ura dha.

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Margarita Philosophica, Gregor Reisch (1508)

Dh'fhas am matamataig bhon chunntadh , an tomhas , agus a' bheachdachadh air cumadh , cruth agus gluasad nithean. Bha e riatanach anns a' mhalairt , an ailtireachd , a' cheol , reul-eolas agus dealbhadh nan uidheam-cogaidh . Tha leasachaidhean nan smuaintean tusail am follais anns na sgriobhaidhean arsaidh bhon Eipheit , Measophotaim agus na h-Innseachan ach b' e na Sean-Greugaich a thug a' phongalachd ris. Bhon linn sin thainig ach piseach bheag anns an Roinn-Eorpa gus an 16mh Linn . Nuair sin, re Linn an Ath-bheothachaidh , thoisich leudachadh mor luath a mhaireas an diugh. Chan eil ach beag nar latha an diugh aig nach eil matamataig san teis-meadhan agus tha matamataig a' cheart cho riatanach dhuinne 's a bha e dar sinnsirean. Agus thainig seo uile bhon tuigse gu bheil riaghailtean cunntadh na ponarach iomchaidh do chunntadh an airgid no do chunntadh an rud sam bith eile. 'S ann leis a' chunntadh fhein a tha na riaghailtean seo. Anns an aon doigh tha riaghailtean le cumaidhean, le cruthan agus le caochladh ? nithean uile a tha easchruthach.

Tha na h-innealan easchruthach matamataigeach feumail do cheistean doirbh a dh'fhuasgladh anns na saidheansan, an innleadaireachd , eolas-leighis , a' mhalairt, eaconamachd agus iomadh raon eile. 'S e matamataig gniomhaichte a theireadh ri seo mar dealachadh a dheanamh bho mhatamataig ghlan (no teoiridheach ). 'S e am fuasgladh a tha cudromach ann am matamataig gniomhaichte. Far nach eil fior fhuasgladh ann, bidh seol ann gus fuasgladh fhaighinn a tha cho dluth ris an fhior fhuasgladh 's a tha riatanach. Ach chan e seo fuasgladh idir do ghlan-mhatamataiche. Mar a thuirt fear dhiubh: tha cuid a tha a' smaoineachadh nach eil e gu diofar agus cuid eile aig a tha fios gu bheil.

An diugh, tha na roinnean mora matamataige:

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]