Sneachd

O Uicipeid
Sneachd

Is e cruth uisge reoite a tha ann an sneachd . Bithidh sneachd uaireannan a' frasadh bho na neoil nuair a bhitheas an teothachd beagan fo ire reothaidh. Is meanbh eagar de sneachd criostalan sgapta, ioma fillte, mar as tric an patran croise neo rionnaig. Chanar “bleideagan-sneachda” ri na criostalan seo. Tha bleideagan-sneachda , eu-coltach ri clachan-meallain , aotrom an coimeas leis an trast-thomhais agus tuitidh iad gu malla chun talmhainn. Is abhaist do theothachd an aille a bhi nas isle aig airdean as motha agus airson an adhbhar seo, bithidh sneachd uaireannan a' tuiteam gu talamh tro adhair a tha os cionn ire reothaidh. Anns an suidheachadh seo faodaidh don sneachd a ruigsinn na talmhainn aig inbhe eadar reothadh agus leaghadh. Chanar flin ris a' mheasgachadh de sneachd agus uisge a tha ann a seo.

Ma bhitheas an sneachd a' tuiteam air fearann a tha os cionn ire reothaidh theid a leaghadh- ach ma thuiteas e air talamh nas fhuara, bithidh e na laighe na staid reoite agus faodaidh dha a chruinneachadh na plaide a chuibhrigeas sgire farsuinn.

Buaidh sneachd air Albann [ deasaich | deasaich an tus ]

Sneachd a' tuiteam ann an Alba

Chan abhaist don teothachd an Alba a' fuireach fo ire reothaidh airson uine mhor, ach air na beanntan nas arda, agus airson an adhbhar sin chan abhaist do sneachd a' laighe fad iomadh seachdain, mar a bhitheas e an Lochlann agus 'sna beanntan Ailpeach. Airson a h-aon adhbhar, chan abhaist do dhomhainneachd sneachda an Alba a' ruigsinn an domhainneachd de 2 neo 3 meatairean a tha cumanta an gleannaibh Nirribhidh .

A dh'aindeoin sin, re geamhraidh cruaidh, faodaidh do roinnean na h-Alba fhulang sneachd troma a ruigeas domhainneachd mi abhaisteach, mar a thachair an Siorramachd Pheairt an Dubhlachd 2010, far an robh domhainneachd de 750mm air an ruigsinn ann am pairtean na sgire.

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]

ScotlandsNature.blog 2020-11-19: ‘Sneachd’ air Aghaidh na Tire - le Ruairidh MacIlleathain, mu dheidhinn sneachd ann an ainmean-aite an Albainn