한국   대만   중국   일본 
Samhain - Uicipeid Jump to content

Samhain

O Uicipeid
Lochran sneipe

’S e feill a th' ann an Samhain a bhios air a chomharrachadh air oidhche an 31mh den Damhair .

Tusan na feille [ deasaich | deasaich an tus ]

A reir coltais, do na Ceiltich a bha a’ fuireach san Roinn-Eorpa , is gu h-araid do na Gaidheil , bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir raithean, a thoisicheadh le feilltean sonraichte, is bha na feilltean seo dha-riribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le feill ris a’ chanadh iad Imbolc , air 1 an Gearran ( La Fheill Brighde an deidh laimh), feill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Cheadamhan no a-nis Bealltainn , air 1 an Ceitean, Lugnasad air 1 an Lunastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh ( Samrad Fuin san t-Seann Ghaidhlig), aig toiseach a’ mhios air a bheil an aon ainm. Ge-ta, tha na cinn-la air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean.

Mar a bhiodh na laithean a’ toiseachadh le beul na h-oidhche a reir nan Seann Gaidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ toiseachadh leis a’ gheamhradh, is ’s e am sonraichte a bha seo.

Chan ann direach gur b’ e sin deireadh na buana, is am na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh.

A thaobh nan seann fhionn-sgeul paganach a bh’ aig na Gaidheil, ’s mar a chaidh a sgriobhadh air Lebor Gabala Erenn san 11mh linn, bha treubhan a’ fanachd mar-tha ann an Eireann nuair a thainig na Mile Spainne no Gaidheil, ’s iad na Tuatha De Danann is na Fomoirich , daoine-sithe leis an robh aca ri sabaid mus d’fhuair iad an eilean. Nuair a bhuannaich na Gaidheil Eirinn, chaidh na sithichean dhan t-Saoghal Shios.

Ged-ta, bhiodh am brat eadar an da Shaoghal a’ fas tana aig deireadh an t-samhraidh is anns a’ chiad la den t-Samhain bhiodh na sithichean a’ ruith air feadh an aite, agus na cumhachdan draoidheil air fas.

’S e na draoidhean a bha os cionn ghnothaichean os-nadarrach mus tainig an creideamh Criosdail dha na h-Eileanan Breatannach, is mar a sgriobh an luchd-eachdraidh Romanach, a leithid Julius Caesar air Commentarii de Bello Gallico (50mh RC), bhiodh iad a’ deanamh deas-ghnath air an oidhche sin, air Oidhche Shamhna. Tha e coltach gum biodh iad a’ deanamh gealbhan, a bhiodh, ’s docha, a’ toirt neart don grein a bha a’ call spionadh aig an am seo den bhliadhna, is dheanadh iad dannsaichean, urnaighean is iobairtean do dhiathan an nadair, fiu ’s fein-iobairt no iobairt daonna, gus bainne is arbhar fhaighinn ann am pailteas sa bhliadhna a bha a’ toiseachadh, ach chan urrainn dhuinn dearbhadh gun robh na cleachdaidhean seo cumanta ann an dha-riribh, agus chan eil ach tuairisgeulan Romanach is Criosdail (le manaich) againn man deidhinn. Co-dhiu, ’s cinnteach gur b’ e seo am na casgairte aig aon am, mar a tha La Feill Mhartainn fhathast san latha an-diugh air an 11mh den t-Samhain, is bhiodhte a’ deanamh gealbhan air an dearbh Oidhche Shamhna suas dhan 20mh Linn ann an Albainn, mar a nithear fhathast an-diugh ann an Eirinn.

Cleachdaidhean thar nan linn ann an Eirinn is Albainn [ deasaich | deasaich an tus ]

Bhiodh an gealbhan, no "samhnag" dha-riribh cudromach air Oidhche Shamhna, chan ann direach airson na sithichean is spioradan olca a chumail air falbh, ach airson faighinn a-mach de a thachradh anns an am a bha romhpa. Air sgath ’s gun robh cumhachdan draoidheil aig an am a bu laidire, bhiodh daoine a’ faighinn a’ chothruim gus tachartasan fhaicinn air na lasraichean, agus bha geamaichean eile leis an aon adhbhar air feadh tir nan Gaidheal suas dhan 20mh linn. Mar eisimpleir, ann an Albainn, bhiodhte a’ cur da chno air an teine, is bhiodh gach cno a’ riochdachadh balach no caileag. Nam fuiricheadh an da chno comhla, bhiodh an dithis fhathast comhla taobh a-staigh na bliadhna, ach bhiodh iad a’ dealachadh nan spreadhadh fear dhiubh a-mach as an teine. Agus bhiodh na caileagan oga a’ cur geansaidhean fliucha faisg air an teine gus an tiormachadh, is bhiodh na balaich aig an robh uidh orra a’ tionndadh nam muilicheannan.

Bha iomadh geama ann, gu seachd araid am measg an oigridh, mar eisimpleir, far an cuireadh gealagan-uighe air glainne uisge, gus faicinn ma bha “craobhan” air fas (deagh chomharra), no far an cuireadh da mhaide fiodha comhla, a-rithist a’ riochdachadh dithis, is chitheadh nan robh iad a’ tuiteam comhla; no “Na Tri Lugaidhean”, far an cuirte tri bobhlaichean fiodha, fear le uisge glan, fear le uisge salach is fear falamh. Bhiodh balach a’ cur lamh ann am bobhla le a shuilean duinte, is bhiodh e a’ ciallachadh gun ro e gu bhith a’ posadh maighdeann nan lorgadh e am bobhla le uisge glan, banntrach nan robh an t-uisge salach, is gum bhiodh e gun phosadh leis a’ bhobhla fhalamh.

Ach ma tha geama ainmeil air Oidhche Shamhna, fhathast an-diugh, ’s e a bhith a’ feuchainn ri ubhal a ghlacadh bho amar uisge, no crochte le sreang, direach leis a’ bheul. A reir a’ chreideimh, bhiodh a’ chiad neach air ubhal a ghlacadh a’ posadh sa bhliadhna, agus chanadh cuid gum biodh am balach no caileag leis an robh iad gu bhith a’ posadh a’ nochdadh ann an aisling, nan cuirte an t-ubhal a ghlac iad fon chluasag.

Glacadh nan ubhal ann an Eirinn

Bha geamaichean eile ann leis am biodh an oigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn co leis am biodh iad a’ posadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan oga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an culaibh, fhad ’s a bha iad ann an seomar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgathan le coinnlean nan lamhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar da bhaile no sgire gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha speisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beoil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ posadh na caileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ deanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beoil an aite uisge.

Bha a’ mhor chuid de na geamaichean co-cheangailte ri faidheadaireachd, agus gu h-araid ri faisneachdan gaol am measg nan daoine oga. Sgriobh na Romanaich mu dheidhinn fheisean mora a bhiodh air an cumail timcheall air an teine air an oidhche seo, le biadh is deoch ann am pailteas, mar bu ghnath dhaibh fhein ann am Bacchanalia ; is bha sin ciallach nuair a bhiodh, mar toradh, ginealach ur air a bhreith as t-samhradh, an t-am a bu fhreagarraiche. Mar sin, tha e coltach gun robh an t-am seo sonraichte don oigridh, is gum biodh an fheadhainn a b’ oige a’ lorg bramar aig an am sin, is ’s e cleachd a tha fhathast beo an-diugh ann an doigh air choireigin. ’S math dh’fhaodte, ma-tha, gun tainig na “geamaichean gaoil” bho na seann chleachdaidhean feolmhor a chumadh na paganaich.

A bharrachd air na geamaichean, bhiodh miasan sonraichte air an ullachadh airson na h-oidhche, mar a bha an fhuarag anns na h-Eileanan (seorsa brochain min-choirce le uachdair, uisge no bainne) a bhiodh a h-uile duine a’ gabhail bhon aon bhobhla - no buntata-pronn anns a chuirte fainne, putan, ponair is pios clo, a bhiodh a’ ciallachadh bannais, aonarachd, bochdainn 7rl. do na daoine a bhiodh gan lorg, an dearbh rud ris a’ bhairin bhreac ann an Eirinn.

Mar sin, bhiodh am biadh a’ gabhail pairt chudromach anns an fheill a tha seo, gu h-araidh nuair a bhiodh daoine a’ cruinneachadh ri cheile is a’ ceilidh air nabaidhean tron oidhche, is iad ri dannsa is ri ceol.

Air ais dha na sithichean, a bha mar bu tric buailteach air milleadh, cron is mi-fhortan, bhiodh daoine a’ fagail biadh taobh a-muigh nan taighean airson an sathachadh, is bhiodh na daoine a bha a’ creidsinn gun robh seann spioradan an teaghlaich a’ tilleadh dhachaigh air an oidhche sin a’ cur aran-coirce is uisge-beatha faisg air an teine, is luaithreach min sgapte air an lar gus na larachdan fhaicinn sa mhadainn.

Bhiodh iobairtean fhathast air an deanamh sna h-Eileanan suas dhan 19mh Linn, mar eisimpleir, chuireadh lionn no lite air a’ mhuir do “Shony”, Dia na Mara, gus feamainn gu leor fhaighinn bhuaithe. No, bhiodh iad a’ deanamh iomhaigh coin leis a’ bhuain mu dheireadh, is bhiodh iad ga losgadh air an t-samhnaig. Bha sin a’ toirt taing do spioradan na talmhainn airson bliadhna torrach, is airson dion fhaighinn bhuapa an aghaidh phlaighean.

Mar a bha Feill Bealltainn a’ comharrachadh toiseach na h-obrach air an talamh, bha Samhain a’ comharrachadh deireadh na buana. ’S e am nan atharrachaidhean a bh’ ann, mar a tha an t-seann abairt ag radh “Air Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh”, agus bhiodh an crodh air a roinneadh eadar an fheadhainn airson marbhadh gus feoil fhaighinn airson a’ gheamhraidh, is an fheadhainn a bhiodh iad a’ cumail gus ginealach eile fhaighinn. A thuilleadh air sin, is co-cheangailte ris a’ chreideamh, cha bhiodh daoine ag ithe smeuran as deidh na h-oidhche sin, oir bhiodh na sithichean air smugadh orra, mar a chanadh ann an Eirinn, no gun robh na diabhlan air am munadh, mar a bhathar a’ creidsinn ann an Sasainn.

Seann aghaidh-choimheach a Eirinn.

Bha creideamh ann aig daoine nach robh na sithichean idir cairdeach, is bhiodhte gan seachnadh. Air an adhbhar sin, bhiodh sneipean air am falamhachadh, is air an cleachdadh mar lochrain, is aodainn eagalach orra, gus na creutairean os-nadarrach a chumail fada air falbh, ach air sgath ’s gur e puimceanan a bu chumanta ann an Ameireaga nuair a dh’imrich Gaidheil a Eirinn is a Alba ann, b’ e sin a thoisich iad air cleachdadh, is a chleachdas daoine air feadh an t-saoghail san latha an-diugh, mar fhasan no buaidh as na Staitean.

Tarsgabhaig sgeadaichte airson na feille

Air an aon adhbhar, a bhith a’ cumail nan sithichean is taibhseachan fada bhon bhaile, bhiodh daoine a’ cur seann aodach, piosan bein is aghaidhean-coimhich orra, a’ feuchainn ri a bhith eagalach, gus nach biodh na sithichean a’ dol faisg orra, sin gighis no “guesing” sa Bheurla, is bhiodh a’ chlann a’ dol mun cuairt bho thaigh gu taigh gus airgead no biadh fhaighinn bho na nabaidhean an deidh a bhith a’ seinn rann no dha dhaibh. Seo cleachdadh a tha a’ tighinn a-nis as na Staitean ann an doigh eadar-dhealaichte, a chionn ’s gur e “Trick-or-treat” a bhithear a’ deanamh mu choinneimh nan doras. Cuideachd, bhiodh na balaich oga air a’ Ghaidhealtachd a’ deanamh magadh is bhandalachd aotrom air feadh an ait’, a leithid dunadh nan similear aig taighean nan nabaidhean, no a bhith a’ leagail crodh is eich saor a-mach as na staballan. Gu ire, bha seo ceadaichte air an oidhche sin.

Chaidh an fheill seo air a "Chriosdachadh" air Tir-mor na Roinn Eorpa sna meadhan-aoisean, far an canar “Toussaint” no “Todos los Santos” oirre, is far am bi cleachdaidhean eadar-dhealaichte air an cumail san latha an-diugh.

Ceanglaichean a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]

Clar leabhraichean is sgriobhainnean [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Halloween. From Pagan Ritual to Party Night (2002) le Nicholas Rogers USA
  • Hallowe’en Its origins, rites and Ceremonies in the Scottish Tradition (1971) le F. Marian McNeill Dun Eideann
  • A Calendar of Scottish National Festivals, Halloween to Yule (1961), le F. Marian McNeill Dun Eideann
  • Folksongs and Folklore of South Uist (1977) le Margaret Fay Shaw Dun Eideann
  • The Religion of the Ancient Celts (1911) le J.A. MacCulloch Dun Eideann
  • The Gaelic Otherworld (2005) le John Gregorson Campbell Dun Eideann
  • Irish Druids and Old Irish Religions (1986) le James Bonwick, Dorset Press USA
  • Celtic Myth and Legend (1975) le Charles Squire Newcastle Publishing
  • A Complete Guide to Celtic Mythology (2000) le Bob Curran, Appletree Belfast
  • Samhain: Season of Death and Renewal (1997) le Alexei Kondratiev