Joel Engel

O Uicipeid
Joel Engel
Beatha
Breith Berdiansk , 16 dhen Ghiblean 1868 (Julian)
Duthaich Mandat na Palastain
Impireachd na Ruise
Cinneadh Iudhaich
Bas Tel Aviv , 11 dhen Ghearran 1927
Aite-adhlacaidh Trumpeldor cemetery (en) Translate
Foghlam
Foghlam Moscow Conservatory (en) Translate
National University of Kharkiv (en) Translate
Canain Ruisis
Iudais
Dreuchd
Dreuchd ceol-sgriobhaiche , sgrudair ciuil , neach-teagaisg , eolaiche-ciuil , ethnomusicologist (en) Translate agus neach-naidheachd
Fastaichean National University of Kharkiv (en) Translate

B' e ceol-sgriobhaiche , sgrudair ciuil , neach-aithris agus neach-teagaisg a Iosrael / An Ucrain a bh' ann an Joel Engel ( ainm -breithe: Yuliy Dmitrovich Engel , Ucrainis : Енгель Юл?й Дмитрович , Ruisis : Энгель Юлий Дмитриевич , Eabhra : ???? ???? ). Rugadh e ann am Berdiansk air 28 an Giblean 1868 agus chaochail e ann an Tel Aviv air 11 an Gearran 1927 . [1] Anns a' chiad dol a-mach, dh' ionnsaich Engel lagh aig Oilthigh Kharkiv agus teoiridh ciuil comhla ri Andrejs Jurj?ns san sgoil theicnigeach an sin. Ann an 1893 mhol Tchaikovsky gun deidheadh e dhan sgoil-ciuil ann am Mosgo , far an do chuir e crioch air a chuid ionnsachaidh ciuil: fhuair e treanadh ann an sgriobhadh-ciuil fo Mhikhail Ippolitov-Ivanov agus ann an contra-phuing fo Shergei Taneyev, agus thug e ceum ann an 1897 .

As deidh dha ceumnachadh, dh' obair e airson corr is 20 bliadhna mar neach-breithneachaidh ciuil sa phaipear-naidheachd laitheil Московские ведомости ( Gaidhlig : Naidheachdan Mosgo). Dh'fhoillsich e cuideachd dreach an Riemann Musiklexikon (Gaidhlig: faclair -ciuil Riemann) sa Ruisis. Ann an 1900 thoisich Engel orain duthchail Iudhach as An Ruis chruinneachadh agus cheartachadh. Ann an 1908 ann an Sankt Peterburg steidhich e buidheann sgriobhadairean-ciuil den aon seorsa inntinn (Solomon Rosowsky ( 1878 ? 1962 ) agus Lazare Saminsky ( 1882 ? 1959 ) nam measg) air an robh Comann airson Ciuil Duthchasaich Iudhaich (Ruisis: Общество еврейской народной музыки).

As deidh sin sgriobh Engel tuilleadh reiteachaidhean de bheul-aithris Iudhach agus thoisich iad air na cuirmean aca san Ruis. [2] Ann an 1912 chaidh e comhla ris an sgriobhadair agus neach-eolais Salomon An-ski ( 1863 - 1920 ) air turas gus orain dhuthchail a chruinneachadh air feadh Ranntair Tuineachdadh nan Iudhach (Ruisis: Полоса оседлости ). As deidh Ar-a-mach an Damhair 1917 , dh' obair e aig Coimiseanaireachd airson Foghlaim an t-Sluaigh (Ruisis: Народный комиссариат просвещения) agus theagaisg e san Sgoil-ciuil ann am Mosgo. Rinn Engel ceol fosglaidh airson an drama Der Dibbuk ( Iudais : ??? ??????? ), air a sgriobhadh le An-Ski. Choisinn Engel deagh chliu tron ??cheol tuiteamach aige airson an dreach Eabhra den obair seo, a chaidh a dheanamh airson a' chiad turas ann an 1922 san Taigh-cluiche Iudhach Habimah ann am Mosgo.

Chaidh Engel dhan a' Ghearmailt ann an 1922 . Fhad 's a bha e ann am Berlin bha e an sas ann a bhith a' steidheachadh taigh-foillseachaidh air an robh Companaidh Foillseachaidh Juwal airson Ciuil Iudhaich ( Gearmailtis : Juwal Verlagsgesellschaft fur judische Musik ) agus ghabh e thairis a stiuir ealanta. Ann an 1924 rinn Engel eilthireachd gu Palastain . An sin theagaisg e san Sgoil Chiuil Shulamith ann an Tel Aviv agus rinn e ceol tuiteamach airson Taigh-cluiche Ohel. Chaochail e ann an Tel Aviv ann an 1927. [3]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Lucy S. Dawidowicz Nurse, ([[1996]), The Golden Tradition: Jewish Life and Thought in Eastern Europe, Syracuse University Press, ISBN 978-0-8156-0423-5 .
  2. Weisser, Albert ( 1983 ), The Modern Renaissance of Jewish Music, Da Capo Press, ISBN 0-306-76207-2 .
  3. Irene Heskes ( 1998 ), The St. Petersburg Society for Jewish Folk Music: The Legacy from Russia, Tara Publications, ISBN 0-933676-84-0 .