한국   대만   중국   일본 
Cuaigearan - Uicipeid Jump to content

Cuaigearan

O Uicipeid
Comann Crabhach nan Caraid
Steidhichte 17mh Linn
Leabhar Crabhach Leabhar Smachd
Ceannard Duine sam bith
Thoisich Sasainn
Duthchanan as treasa Sasainn
A' Cheinia
Na Staitean Aonaichte
Burundi
Guatamala

Tha na Cuaigearan nam buill de ghluasadan creideimh air a tha, gu leir, Comann Crabhach nan Caraid ( Beurla : Quakers no Religious Society of Friends ). [1] Tha a' chuid as motha dhiubh gan fhaicinn fhein mar Chriosdaidhean ; ge-ta, tha iomadh diofair eadar buidhnean sonraichte air sgath diadhachd agus adhraidh , oir tha iad a' creidsinn ann an "solas a-staigh" aig gach ball seach ann an creudan suidhichte. San fharsaingeachd, tha iad nan siochantairean , tha iad airson simplidheachd agus co-ionnannachd , agus an aghaidh innse bhreugan. Tha prionnsabalan aig coimhearsneachdan sonraichte air an cruthachadh ann an Leabhar Smachd (Beurla: Book of Discipline ). Tha na leabhraichean seo air an atharrachadh bho am gu am agus tha caochladh ainm oifigeil eile aca, m.e. Faith and Practice ( Creideamh agus Cleachdadh ) no Quaker Faith and Practice .

Chaidh an steidheachadh aig meadhan 17mh linn ann an Sasainn le George Fox . [2] An-diugh, tha coimhearsneachdan nan Cuaigearan as motha anns a' Cheinia (mu 134,000), anns na Staitean Aonaichte (mu 87,000) agus ann an Guatamala (mu 21,000). Ann an 2010 , bha 14,315 Cuaigearan claraichte anns an Rioghachd Aonaichte , 720 dhiubh ann an Alba . [3] Tha Siochantas gu math cudromach dha na Cuaigearan.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Quakerweb
  2. Ravenhill
  3. Yearly Meeting of the Religious Society of Friends (Quakers) in Britain: Tabular statement as at 31 xii 2010 (Beurla)

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]