Eabhraig

O Uicipeid
Eabhraig
baile-siorrachd , baile susbainteach , sgire gun pharaiste , baile mor
Cur air cois 71 CE   Deasaich
Ainm oifigeil York   Deasaich
Ainm duthchasach Jorvek   Deasaich
Tar-sgriobhadh IPA j?ːk   Deasaich
Ainmichte as deidh Taxus   Deasaich
Neach bhon aite eboracensi   Deasaich
Motto Let the Banner of York Fly High   Deasaich
Duthaich Rioghachd Aonaichte   Deasaich
Priomh-bhaile de Kingdom of Deira , Siorrachd Eabhrac   Deasaich
Sgire riaghaltais ionadail City of York   Deasaich
Roinn-tide UTC±00:00 , UTC+01:00   Deasaich
Siorrachd eachdraidheil Siorrachd Eabhrac   Deasaich
Domhan-leud is -fhad 53°57′0″N 1°5′0″W   Deasaich
Baile-ceile Dijon , Munster , Nanjing   Deasaich
Na bha roimhe Eboracum   Deasaich
Cod a’ phuist YO1, YO10, YO19, YO23, YO24, YO26, YO30, YO31, YO32   Deasaich
Larach-lin http://www.york.gov.uk/   Deasaich
Cod fonaichean-talmhainn 01904   Deasaich
Comharran-cleithe SO SE603517   Deasaich
Roinn-seorsa an deilbh Category:Views of York city   Deasaich
Map

'S e baile eachdraicheil ann an Siorrachd Eabhraig a th' ann an Eabhraig, (Beurla: York) aithnichte cuideachd mar Iorc a reir GOC, aig a bheil seann bhalla air a thimcheall. Tha am baile air a shuidheachadh far am bi da abhainn ( Ouse agus Foss ) a' coinneachadh. Tha am baile ainmeil air sgath eachdraidh beartaich, a chionn 's gu bheil e mu 2,000 bhliadhna dh'aois.

Shuidhicheadh am baile mar Eboracum ann an AD 71 leis na Romanaich is b' e fear an da phriomh-bhailtean de Breatainn Romanach air fad'. Fad an trath seo, chaidh iomadh daoine eachdraidheil, mar Constaintin Mor, a chomannach leis a' bhaile. Riaghaileadh an rioghachd Romanach air fad' bho Eabhraig fhein fad' da bhliadhna le Septimus Severus.

As deidh teachd nan Angles, chaidh ainm ur Eoferwic a chuir air a' bhaile, is chleachdadh e mar priomh-bhaile na rioghachd Northumbria. Fhuair na Lochlannaich greim air a' bhaile ann an 866, is chuir iad an t-ainm Jorvik air a' bhaile fhein is sgire fada nas fharsainge eile air a' thaobh thuath Shasainn. Mun bhliadhna 1000, dh' ainmeachadh am baile mar York .

Dh'iarr Ridseard I Shasainn air Eabhraig mar priomh-bhaile Shasainn air fad' ach mus an do rinn e a' chuis a dheanamh, chaidh e a chuir a dreuchd. As deidh cogaidhean nan Rosan, thug Eabhraig taigh do Chomhairle an Tuath is dh'aithneachadh e mar priomh-bhaile taobh tuath na duthcha. B' ann as deidh na h-Aisige a thoisich cudthrom poilitigeach a dhol a taobh. 'S e mor-roinn Eabhraig a th' ann te an da roinn eaglaiseil, ri taobh Canterbury.

Bho 1966 's e teirm Baile Eabhraig a bhios ag ainmeachadh sgire ughdarrais a' gabhail a-steach sgirean tuatheil thairis criochan traidiseanta a' bhaile. Tha sluagh de 137,505 anns a' bhaile fhein, ged a bhios 184,900 de dhaoine anns an ughdarras air fad'. Aig an am seo, bidh meadhan a' bhaile, taobh a-staigh nam ballaichean mora, na h-aite thurasachd chudthromaich, far an deach iomadh luchd-cheilidh a gach cearnag an t- saoghail .

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Annuaire de France