Cobhair : Puingean cudromach

O Uicipeid
Susbaint Cleachdadh Uicipeid Deasachadh Puingean cudromach Formatadh Cruthachadh cunntais Duilleagan Deasbaireachd


Ma chuireas tu ri Uicipeid 's iad na tri puingean as riatanaiche is as cudromaiche:


Neo-phairteachd [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Sgriobh na teacsaichean ann an doigh cuspaireil a bhios tuigsinneach do chuideigin nach eil eolach air a' chuspair seo. Cleachd seantansan slan. Is docha gu bheil dearbhair-litreachaidh na Gaidhlig cuideachail.
  • Sgriobh na h-aistean ann an doigh neo-phairteach, chan eil do bheachdan pearsanta a' cunntadh. Feumaidh modh-sgriobhaidh gun chlaon-bhaighean a bhith air na h-aistean le beachdan an aghaidh a bhith taisbeanta gu cothromach is gu co-mhothachail.
  • Cleachd tusan, ma bhios iad ann, cuir ris co as a tainig am fiosrachadh agad.
  • 'S e leabhar-eolais a th' ann, chan e foram, bord-brath no aite airson sanas-reic a th' ann.


An cead CC-BY-SA 3.0 [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Sgriobh na teacsaichean leat fhein. Na dean “ copy and paste ” idir, idir. Tha e coma mas e a duilleagan larach-lin, leabhraichean no bho artaigilean eile a th' annta. Mar is trice chan eil iad foillsichte fo chead CC-BY-SA.
  • Tha uile na cuideachaidhean ri Uicipeid air an leigeil mu sgaoil fo chumhnantan Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 (ron 15mh Iuchar 2009 fon Chead GNU Aithriseachd Saor ). Ann an gearr-chunntas tha sin a' ciallachadh gu bheil e ceadaichte teasaichean Uicipeid a chleachdadh a-rithist saor an-asgaidh.


Siobhaltachd [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Bidh modhail, mur eil thu ag aontachadh le rudeigin ann an aiste, cleachd an duilleag deasbaireachd a tha aig gach aiste airson co-dhunadh fhaighinn. Chan eil Uicipeid ag obrachadh gun urram is siobhaltachd a-reir a cheile.


an ath-cheum: Formatadh