Charles Lapworth

O Uicipeid
Charles Lapworth
Ceann-suidhe Comann Geolas Lunnainn

1902 - 1904
Jethro Teall (en) Translate - John Edward Marr (en) Translate
Beatha
Breith Faringdon (en) Translate, 20 dhen t-Sultain 1842
Duthaich   Rioghachd Aonaichte na Breatainne Moire agus Eireann
Bas Birmingham , 13 dhen Mhart 1920
Teaghlach
Clann
Dreuchd
Dreuchd geolaiche agus pailleon-eolaiche
Fastaichean Oilthigh Bhirmingham
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rioghail

B' e creag-eolaiche Sasannach a bha ann an Charles Lapworth .

A Bheatha [ deasaich | deasaich an tus ]

Rugadh e san 2mh den t-Sultain 1842 ann am Faringdon ann am Berkshire (an-diugh Oxfordshire). Fhuair Lapworth foghlam ann an Culham Diocesan Training College faisg air Abingdon airson a bhith na neach-teagaisg. An uair sin ghluais e do na Criochan far an do rinn e rannsachadh air fosailean nam beathaichean. Le mapadh mionaideach agus le modh-gabhail ur-ghnathach de sgrudadh air fosailean sonraichte bha Lapworth a' sealltainn nach b' e direach aon sreath-leanmhainn tiugh de chreag Siluriananch ann ach gun deach sin a chruthachadh le moran fhillidhean tana a bha air am pasgadh a-rithist is a-rithist. Tha e ainmeil air sgath na h-obrach le fosailean gu h-araidh le graptolites, a bha beo aig amannan sonraichte. Le sin bha e a' moladh gu bheil na creagan eadar na creagan Cambrach ann an ceann a tuath na Cuimrigh agus an fheadhainn Silurianach ann an ceann a deas na Cuimrigh a buntainn do dh'uine gheolasach ur: an t-am Ordobhaiseach.

Fosailean sonraichte a bha beo aig amannan sonraichte a-mhain

Ann an 1869 phos e Janet Sanderson, nighean a' mhaighstir-sgoile anns a' Gheal Ath agus bhon uair sin bha e airson fuireach anns an sgire seo. Bha e fhein na mhaighstir-sgoile fad 11 bhliadhna ann an sgoil na h-Eaglais Easbaigich anns a' Gheal Ath. An uair sin chaidh e air ais don oilthigh gus clach-eolas ionnsachadh agus thoisich e ag obair mar neach-cuideachaidh ann am Madras College ann an Cill Rimhinn , Fiobha . Ann an 1881 b' e esan a’ chiad ollamh airson clach-eolas ann am Mason's College, (an-diugh Oilthigh Bhirmingham ) far an robh e a' teagasg gus an do leig e a dhreuchd dheth.

Chuir e seachad uine faisg air Diuranais le mapadh na Gaidhealtachd [1] . B' e esan a' chiad fear a chruthaich an teoiridh chonnspaideach gun robh na creagan na bu sine nan laige air mullach nan creagan na b' oige. Bha e a' beachdachadh gum b' e pasgadh iom-fhillte a b' adhbhar. Chaidh an teoiridh a dhearbhadh le Ben Peach agus John Horne leis an obair a rinn iad air iar-thuath na Gaidhealtachd.

Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rioghail ann an 1888 agus fhuair e Royal Medal ann an 1891 [2] . Ann an 1899 fhuair e an Wollaston Medal , an duais a b' airde den Geological Society of London air sgath na h-obrach aige air a' Ghaidhealtachd agus ann am Monadh a Deas. 'S ann air Lapworth a tha an loch eigheadail "Lake Lapworth" air ainmeachadh.

Chaochail e san 13mh dhen Mhart 1920 ann am Birmingham . Tha taigh-tasgaidh Lapworth ann am Oilthigh Bhirmingham le tasglann de na rannsachaidhean a rinn e [3] .

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Dealbh de mhapa Lapworth ann an Diuranais Oilthigh Bhirmingham
  2. Comann Rioghail
  3. Taigh-tasgaidh Lapworth

Tusan [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]