한국   대만   중국   일본 
Tutankhamun - Uicipeid Jump to content

Tutankhamun

O Uicipeid
Tutankhamun
pharaoh

1332 BCE - 1323 BCE
Smenkhkare (en) Translate, Neferneferuaten (en) Translate - Ay (en) Translate
Beatha
Ainm slan Tutankhaten
Breith Amarna (en) Translate, 1341 BCE
Duthaich New Kingdom of Egypt
Aite-fuirich unknown value
Bas Memphis (en) Translate, 1323 BCE
Aite-adhlacaidh tomb of Tutankhamun (en) Translate
Nadar a’ bhais adhbharan nadarra  ( Maileiria )
Teaghlach
Athair Messi
Mathair A' Bhan-tighearna Og
Ceile Ankhesenamun (en) Translate
Clann
Braithrean ? peathraichean
Fine 18mh righ-shliochd na h-Eipheit
Foghlam
Canain Middle Egyptian (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd riaghladair

Bha Tutankhamun (cuideachd: Tutankhamen, Tutankhaten, Tutankhamon [1] 'na pharaoh ann an 18mh rioghrachas na h-Eipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC re linn ann an eachdraidh na h-Eipheit air a bheil an Rioghachd Ur (no Linn na h-Impireachd Ur uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Righ Tut ris gu tric. Bha ainm tusail, Tutankhaten , a’ ciallachadh "dealbh beo Aten " agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beo Amun ". Ann an dealbh-sgriobhadh na h-Eipheite , sgriobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnath an cois gnathas an luchd-sgriobhaidh a chuireadh ainm de aig toiseach abairt mar urram dhan dia. [2] Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Righ Rathotis 18mh rioghrachas na h-Eipheit a bha a’ riaghlaidh, a-reir an eachdraidhe Manetho , fad naoidh bliadhna, faid a tha a-reir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgriobh Flavius Josephus . [3]

Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon [4] [5] ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhor gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhor a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhuisg e uidh am measg nan daoine san Eipheit arsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Eipheit ) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain as an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dheanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios de an t-ainm a bha oirre) an da chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Og a chaidh a lorg san tuama KV35 . [6] A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air doigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam pharaoh . [7]

Ainmean [ deasaich | deasaich an tus ]

Crogan oillbhastair a chaidh ath-shlanadh gu ire le da lamhrachan. Tha cartouche pharaoh Tutankhamen agus Banrigh Ankhesenamun air. An 18mh righreachas, o Gurob, Fayum (An Eiphit). Ann an Taigh-tasgaidh Petrie Eolas na h-Eipheit, Lunnainn, a-nis.

Mar a b’ abhaist do pharaohan na h-Eipheit, bha pailteas ainmean air Tutankhamen.

Ainm Horus
G5
E1
D40
tG43tF31stG43Z3
????????????????????????
Kanakht Tutmesut
An tarbh laidir tlachd-bhreitheach
Ainm Nebti
G16
nfrO4
p
G43M40Z3sW11
r
V28D36
N17
N17
N21
N21

wraHprZ1imn
n
nb
r
Dr
r
A41
????????????????????????????????????????????????????????
Neferhepusegerehtawy Werahamun Nebrdjer
Am fear a ni foirfe laghan, a shithicheas an da thir; fear mor luchairt Amun; Tighearnan nan uile [8]
Ainm Horus oir
G8
U39N28
Z2
O34R4
t p
R8AHqAq
Y1
mAats

Htp
t p
R8AwT
z
U39xa
Z2
it
f

A41
f
C2U39xa
Z2
Tz
z
tA
tA
m
????????????????????????????????????????????????????????????????????????????????????
Wetjeskhausehetepnetjeru Heqamaatsehetepnetjeru Wetjeskhauitefre Wetjeskhautjestawyim
Am fear air a bheil cruintean is a thoilicheas na diathan; riaghladair na firinnh, a thoilicheas na diathan; air a bheil crun athar, Re; air a bheil cruintean is am fear a cheanglas an da thir annta
Ro-ainm
M23L2
N5L1Z2
nb
???? ????????????
Nebkheperure
Tighearna chruthan Re
Mac Re
G39N5
 
imn
n
tG43tS34HqAiwnSma
???? ????????????????????????
Tutankhamun Hekaiunushema
Iomhaigh bheo Amun, riaghladair Heliopolis Uachdarach.

Nuair a chaidh na seann-tradaiseanan crabhaidh a chur an sas as ur an deidh crionadh adhradh Aten , chaidh ainm atharrachadh. Thathar ’ga thar-litreachadh twt-?n?-?mn ?q?-?wnw-?m? air neo, a-reir nosan luchd-eolais na h-Eipheit an latha, Tutankhamun Hekaiunushema , a’ ciallachadh “Iomhaigh bheo Amun, riaghladair Heliopolis Uachdarach”. Nuair a ghabh Tutankhamun an righ-chathair, ghabh e ro-ainm a tha ’ga thar-litreachadh nb-?prw-r? air neo Nebkheperure , a’ ciallachadh "Tighearna chruthan Re ". Dh’fhaoidte gur e Nibhurrereya , ann an litrichean Amarna, an doigh air an robhar a’ fuaimneachadh ainm.

Beatha [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomhaigh fiodha an righ oig a chaidh a lorg ’na thuama
Tha Tutankhamun a’ faighinn fluraichean o Ankhesenamen

Bu Tutankhamun mac Akhenaten (air an robh Amenhotep IV roimhe) agus aon dhe na peathraichean aig Akhenaten [9] no ’s docha aon dhe na co-oghaichean aige. [10] ’S e Tutankhaten an t-ainm a bha air nuair a bha e ’na phrionnsa. [11] Ghabh e an righ-chathair ann an 1333 RC nuair a bha e naoidh no deich bliadhna a dh’aois agus ghabh e ainm Nebkheperure mar righ. [12] B’ e te air an robh Maia a mhuime agus tuama aice aig Saqqara . [13] Tha coltas gum b’ e fear Sennedjem a thidsear.

Nuair a rinneadh righ dheth, phos e a leth-phiuthair Ankhesenpaaten agus dh’atharraich i a h-ainm gu Ankhesenamun an deidh sein. Bha da nighean aca ach rugadh an da dhiubh marbh. [6] Rinneadh rannsachadh tomografach ann an 2011 agus chunnacas gun do bhasaich an darna nighean nuair a bha a mathair eadar an 5mh agus an 6mh mios dhe leatromachd agus an te eile aig 9 miosan. Cha deach fianais air galar o bhroinn a lorg no fiu adhbhar bais. [14]

Rioghachadh [ deasaich | deasaich an tus ]

Ged nach eil fhios, leis cho og ’s a bha an righ, tha teans gun robh comhairlichean cumhachdach aige, a’ gabhail a-staigh Ard-vizir Ay (a ghabh an righ-chathair an deidh Tutankhamun) agus an Seanalair Horemheb (ma dh’dhaoidte mac-ceile is iar-theachdaiche Ard-vizir Ay). Sgriobh Horemheb gun do rinn an righ “tighearna na duthcha” dheth, ’s e sin prionnsa oighre a ghleidheadh an lagh. Thuirt Horemheb cuideachd gun robh esan comasach air fearg an righ a lasachadh nan digeadh fearg air. [15]

Fo bhuaidh nan comhairlichean aige, thill Tutankhamun cuid dhe na rudan a thugadh a-steach re rioghachd athar san treas bhliadhna a rioghaich Tutankhamun. Chuir e crioch air adhradh de Aten agus dh’aisig e Amun mar am priomh-dhia agus dh’aisig e pribhleidean tradaiseanta nan sagartan. Cuideachd, ghluais e priomh-bhaile na duthcha air ais a Nodh agus chaidh baile Akhetaten a threigsinn. [16] ’S ann aig an aon am a dh’atharraich e ainm, a’ gabhail ri Tutankhamun, “iomhaigh bheo Amun” mar dhaingneachadh air ath-aiseag Amun.

Mar phairt dhen obair ath-aisig aige, thoisich an righ air iomadh proiseact togalach, gu sonraichte aig Karnak ann an Nodh far an do choisrig e teampall dha Amun. Chaidh iomadh carragh a thogail agus tha e sgriobhte air doras a thuama “gun dug an righ seachad a bheatha a’ dealbhadh iomhaighean nan diathan”. Bhathar a’ comharradh nam feilltean tradaiseanta a-rithist, a’ gabhail a-staigh na feadhainn co-cheangailte ri Tarbh Apis , Horemakhet agus Feill Opet . Tha carragh-chuimhne ath-aisig a’ cur an ceill:

Bha teampaill nan diathan is ban-diathan ... air an sgrios. Bha na sgrinichean aca air treigsinn is ’nam fasach. Cha robh na tearmannan aca ann tuilleadh is bhathar a’ cleachdadh nan cuirtean mar rathaidean ... agus na diathan air cul a chur ris an duthaich ... Nan deanadh duine sam bith impidh air dia airson comhairle, chan fhaigheadh e freagairt. [17]

Bha eaconamaidh na duthcha lag agus tro cheile an deidh rioghachadh Akhenaten. Bha dioplomasachd leis na rioghachdan eile air a chur an dearmad agus rinn Tutankhamun oidhirp ceanglaichean dioplomasach a steidheachadh leotha as ur, gu sonraichte le Mitanni . A-reir nan gibhtean a fhuaras ’na thuama a diofar dhuthchannan, shoirbhich leis. Ach ged a rinn e oidhirp air na daimhean eadar na duthchannan ath-shlanachadh, tha iomradh air cogadh ri Nubia agus muinntir Aisia ri leughadh ’na theampall bais ann an Nod. Ged a chaidh armachd cuirp agus airneis cogaidh a lorg ’na thuama, chan eil na h-eachdraichean dhen bheachd gun do rinn e cogadh e fhein air blar leis cho og ’s a bha e (bhasaich e nuair a bha e mu 19) agus na ciorraman a bha air is e feumach air bata coiseachd. [6] [18]

Slainte is coltas [ deasaich | deasaich an tus ]

As aonais nan seudan aige, tha mumaidh Tutankhamun fhathast ann an Gleann nan Righrean ’na thuama KV62

Bha Tutankhamun ’na fhear beag aotrom mu 180cm a dh’airde. [19] Bha a bheulagan mor agus tar-bhid a bha siol Thutmoses ainmeil air. Chaidh mion-rannsachadh reideo-eolais, daon-eolais agus ginteil a dheanamh air grunn mhumaidhean eadar an t-Sultain 2007 agus an Damhair 2009 mar phairt de phroiseact rannsachaidh air teaghlach Righ Tutankhamun. Sheall an rannsachadh gun robh bearn bheag ’na chairein [20] agus ma dh’fhaoidte fiaradh cnaimh an droma gu ire bhig. Sheall an rannsachadh air corp Tutankhamun cuideachd nach a chas chli ceart ri linn neacrois a’ chnamha. Dh’fhaoidte gum be seo a chuir air coiseachd le bata agus chaidh moran dhiubh a lorg ’na thuama. [21]

Nuair a rinneadh deuchainn DNA air mumaidh Tutankhamun, lorg luchd-saidheans DNA o na faoighichean a dh’adhbharaicheas malaria . ’S e seo an fhianais ghinteil as sine a lorgadh dhen tinneas gu ruige seo. Chaidh barrachd air aon siol dhen fhaoighiche malaria a lorg agus tha sinn a’ ciallachadh gun do bhuail malaria air Tutankhamun barrachd air aon turas. A-reir National Geographic “Bhitheadh malaria air siostam ion-dhion Tutankhamun a lagachadh agus bhitheadh droch-bhuaidh aig an tinneas air ath-shlanachadh a choise. Dh’fhaoidte gum b’ e seo, comhla ri cnaimh briste a leis a lorgadh ann an 2005, a thug bas air an righ og aig a’ cheann thall.” [21]

Sloinntireachd [ deasaich | deasaich an tus ]

Thoisich sgioba air DNA Tutankhamun agus mumaidhean eile ’na theaghlach a rannsachadh ann an 2008. Sheall toraidhean an rannsachaidh DNA gum b’ e Akhenaten athair agus nach b’ i mathair Tutankhamun am measg mnathan aithnichte Akhenaten ach aon dhe na peathraichean aig Akhenaten. Ach chaidh na deuchainnean a chleachd an sgioba a chaineadh le cuid. [22] [23] Thuirt an sgioba gun robh iad cha mhor gu tur cinnteach gum b’ e Amenhotep III athair aig an neach ann an KV55 , ’s e sin athar Tutankhamun. [24] Fhuaras mathair an righ oig nuair a rinneadh deuchainn DNA air mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Og (KV35YL) a lorgadh ri taobh na Banrigh Tiye ann an cabais an tuama KV35. Sheall an DNA gum b’ ise, mar athair Tutankhamun, am measg clann Amenhotep III agus Tiye. Tha sin a’ ciallachadh gur e brathair is piuthair a bha ann am parantan Tutankhamun. [25] Bha cumhachd phoilitigeach aig a’ Bhanrigh Tiye aig a’ chuirt rioghail agus bha i ’na comhairliche aig a mac an deidh bas an duine aice.

Ged nach eil an data iomlan againn fhathast, tha an rannsachadh a’ cur ’nar suilean gur e nighean Tutankhamun fhein a tha anns an darna mumaidh nighein ann an tuama Tutankhamun agus gu bheil deagh-theans gur e darna nighean Tutankhamun a tha sa ghinean eile a chaidh a lorg ann. Ach chan eil ach piosan dhen da mhumaidh boireann a KV21 againn aig an ire-sa. [26] Dh’fhaoidte gu bheil aonan dhiubh, KV21A, mathair an naoidhein agus leis a sin, b’ i Ankhesenamun, bean Tutankhamun. Tha fiosrachadh eachdraidheil againn a tha ag innse gum b’ ise nighean Akhenaten agus Nefertiti agus leis a sin, gu bheil teans mor gun robh i ’na leth-phiuthair an duine aice. Tha fhios gun faigh iomadh naoidhean bas ro bhreith ri linn daimh-shiolachaidh san fharsaingeachd.

Bas [ deasaich | deasaich an tus ]

Chan eil sgeul air laithean mu dheireadh Tutankhamun agus rinneadh iomadh deasbad mor mu dheidhinn ri linn sin. Chaidh rannsachadh mor a dheanamh air adhbhar a bhais. Tha cuid a dh’fhianais ann, mar an fheadhainn a chuir Ralph Mitchell, micreo bith-eolaiche a Harvard , air adhart a tha a’ sealltainn gur e tiodhlacadh cabhagach a bha ann. Thuirt Mitchell gun robh smail dhonna air ballachan sgeadaichte an tuama aig Tutankhamun a’ cur ’nar suilean gun deach a chur san tuama mus robh am peant buileach tioram. [27]

Ged a tha cuid a’ beachdnachadh gun deach Tutankhamun a mhurt, tha a? mhor-chuid dhen bheachd gur e bas tubaisteach a bha ann. Sheall sgana CT ann an 2005 gun do dh’fhuiling e cnaimh-bhriseadh fosgailte ’na chas chli [28] beagan mus do chaochail e agus gun robh a’ chas air galarachadh. Sheall an rannsachadh air chuid DNA ann an 2010 gun robh e a’ fulang malaria cuideachd agus tog sin am beachd gum b’ e malaria agus tinneas Kohler II adhbharan a bhais comhla. [29]

Thuirt buidheann de luchd-saidheans Gearmailteach ann an 2010 gun robh iad-san dhen bheachd gur e tinneas nan ceallan corranach a dh’adhbharaich a bhais ach dhiult luchd-saidheans eile am mineachadh seo [30] a chionn ’s nach do chaochail e mus robh e 5, mar is abhaist leis an tinneas seo, agus ionad neacrois a chnamha a bhios ’na chomharra air galar Freiberg-Kohler mar is trice seach tinneas nan ceallan corranach. Rinn buidheann de reidio-eolaichean, arc-eolaichean is eolaichean-gintinneachd rannsachadh ann an 2005 slighe sganaichean CT agus chunnacas nach do bhasaich e an cois buille air a cheann mar a bhathar am beachd roimhe sin. [31] Sheall dealbhan CT ura fianais air galaran a bha air o bhroinn, rud a tha nas cumanta ann an clann cola . Ma bhios clann eadar braithrean is peathraichean, gheibh a’ chlann da lethbhreac de dhroch-ghineachan, aonan o gach parant, nas trice agus sin as adhbhar gum fuiling clann cola de ghalaran ginteil nas trice. Tha amharas gun robh leth bhearn-chairein aige cuideachd, galar o bhroinn eile. [32] A bharrachd air sin, chaidh dusanan de ghalaran eile a chur air adhart mar adhbhar a bhais thraith. [33] [34]

Rinn sgioba rannsachaidh Eiphiteach fo Yehia Gad agus Somaia Ismail on Ionad-rannsachaidh Naiseanta ann an Cairo barrachd sganaichean CT fo stiuireadh Ashraf Selim agus Sahar Saleem o Roinn an Leigheis aig Oilthigh Chairo , comhla ri triuir chomhairlichean o thall thairis, Carsten Pusch o Oilthigh Eberhard Karls a Tubingen sa Ghearmailt ; Albert Zink o Institiud EURAC airson Mhmaidhean agus an Fhir-dheighe ann an Bolzano , An Eadailt ; [35] agus Paul Gostner o Priomh-ospadal Bolzano . [36] . Ghabh seo a-steach anailis lorgan DNA steidhichte air anailis STR comhla ri gleusan rannsachaidh eile agus chuir an rannsachadh seo gu neoini nan teoirigean a thuirt gun robh galar Antley-Bixler no galar Marfan air ach rinn e soilleir gun robh galaran a’ carnadh ann an teaghlach Tutankhamun. Chaidh grunn galaran a lorg ann an Tutankhamun, mar galar Kohler II, ach cha chuireadh gin dhiubh bas air leis fhein. Rinneadh deuchainnean ginteil airson gineachan STEVOR, AMA1 agus MSP1 nach fhaighear ach ann am Plasmodium falciparum agus sheall sinn gun robh malaria tropaigeach ann an 4 mumaidhean, a’ gabhail a-staigh Tutankhamun. [6] Ach chan eil aonta fhathast de direach agus co na galaran direach a chuir air basachadh.

Mar a chaidh innse gu h-ard, lorg an sgioba DNA o dhiofar fhaoighichean a sheall gun robh an tionndadh as miosa de mhalaria air grunn thursan ’na bheatha ghoirid. Adhbharaichidh malaria seoc do rian an fhala no fiu freagairt bhasmhor on t-siostaim ion-dhion on bhodhaig agus faodaidh aon seach aon dhiubh bas a chur air duine. Ma bha droch-ghalar cnamha air Tutankhamun, cha leigeadh a leas a bhith basmhor leis fhein. Sgriobh Zahi Hawass, arc-eolaich agus ceannard Ard-chomhairle na h-Eipheit air Arsaidheachd agus a bha an sas san rannsachadh “Ma dh’fhaoidte gun robh e a’ stri an aghaidh ghalaran o bhroinn o thus gus an do bhuail malaria air gu dona no gus an do chuir cas bhriste uiread a spairn air bodhaig nach b’ urrainn dha seasamh ’na aghaidh tuilleadh”.

Rinn an t-Eipheit-eolaiche Dr Chris Naunton agus luchd-saidheans o Institiud Cranfield sgrudadh iar-bhais biortail air Tutankhamun aig deireadh 2013 agus lorg iad grunn leointean air leth-taobh a bhodhaig. Rinn luchd-sgrudaidh thubaistean car an uairsin dealbhadh mas-fhior de thubaistean feunan-cogaidh air coimpiutair agus cho-dhuin an Dr Naunton gun deach Tutankhamun a mharbhadh ann an tubaiste le feun-cogaidh, gun do bhuail feun e fhad ’s a bha esan air a ghluinean agus gun do bhris sin aisnean is a pheilbhis. Thug Naunton suil air na thuirt Howard Carter cuideachd, gun deach a bhodhaig a losgadh. Comhla ris an daon-eolaiche Dr Robert MacConghalaich agus an t-arc-eolaiche foireansach Dr Matthew Ponting, rinn iad argamaid gun deach corp Tutankhamun a losgadh fhad ’s a bha e duinte a-staigh ’na chiste-laighe. Thuirt iad gun do dh’adhbharaich na h-olachan balmachaidh, an t-ogsaidean agus anart iom-obrachadh ceimigeach comhla, ag ardachadh an teasa sa chiste os cionn 200°C. Thuirt Naunton “Cha robh duil againn idir ri gualachadh agus dualachd gun deach am mumachadh cearr agus gun deach an corp ’na theine leis fhein beagan an deidh an tiodhlagaidh” [37] .

Ach rinneadh barrachd rannsachaidh ann an 2014 agus sheall sin nach robh e coltach idir gun deach a mharbhadh ann an tubaiste le feun-cogaidh. Sheall na sganaichean a rinneadh dhe na cnamhan briste gun a chlogaid agus a chnamhan ? ach aonan ? a bhriseadh an deidh a bhais. Chunnacas sna sganaichean gun robh leth chuag-chas aige agus nach b’ urrainn dha seasamh gun taic idir agus leis a sin, nach biodh e coltach idir gun seasadh e ann am feun-cogaidh aig am sam bith. Tha sin nas coltaiche fhathast leis gun deach iomadh bata-coiseachd a lorg ’na thuama. Cho-dhuin iad gun do dh’adhbharaich iomadh rud a bhais aig a’ cheann thall ? na galaran o bhroinn a fhuair e o pharantan is iad brathair is piuthair, droch-bhuaidh na coise bhriste agus am malaria a bha air. [38] [39]

An deidh a bhais [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomhaigh Tutankhamun agus Ankhesenamun aig Luxor a chaidh am milleadh re iomairt damnatio memoriae an aghaidh pharaohan linn Amarna

Nuair a bhasaich Tutankhamun agus an da naoidhean a bha marbh aig am am breith, thainig siol Thutmoses gu crioch. Tha litrichean Amarna a’ cur ’nar suilean gun do sgriobh ur-bhantrach Tutankhamun gu righ Suppiluliuma I nan Hiteach, a’ faighneachd an doireadh e dhi aon dhe mhic ann am posadh. Chan eil na litrichean ag innse mar a chaochail Tutankhamun ach tha Ankhesenamun ag radh san teachdaireachd gun robh eagal oirre ’s nach posadh i fear dhe a muinntir fhein. Ge-ta, chaidh am mac a mharbhadh mus do rainig e Ankhesenamun agus beagan an deidh sin, pos Ay bantrach Tutankhamun is an da dhuthaich a-nis a’ cogaidh an aghaidh a cheile gus an dug na Hitich a’ bhuaidh air an Eipheit. [40] Chan eil fhios de thachair ri Ankhesenamun is chan eil sgeul oirre tuilleadh san eachdraidh. Bha an darna bean aig Ay, te air an robh Tey , ’na h-ard-bhean rioghail ’na deidh. An deidh bas Ay, ghabh Horemheb an righ-chathair gun choir agus thoisich e air iomairt damnatio memoriae an aghaidh Ay, athair Tutankhamun, Akhenaten, a leas-mhathair Nefertiti, a bhean Ankhesenamun agus a leth-pheathraichean is buill eile a theaghlach. Cha deach fiu Tutankhamun a chaomhnadh is chaidh iomhaighean is ainm a sgriobadh as an eachdraidh. Cha robh clann aig Horemheb agus dheoin e an righ-chathair dha Paramessu a steidhich an naoidheamh righreachas na h-Eipheit, siol Ramesses.

Cudromachd [ deasaich | deasaich an tus ]

Bha Tutankhamun naoidh bliadhna a dh’aois nuair a rinneadh pharaoh dheth, mac dia Ra, agus rioghaich e mu dheich bliadhna. [41] Ann an eachdraidh, tha Tutankhamun cudromach a chionn ’s gun robh e ’na pharaoh nuair a bha an Eipheit cha mhor aig airde a neart san t-saoghal agus a chionn ’s gun do dhiult e an creideamh ur a thug athair Akhenaten a-steach. [42] Cuideachd, bha an tuama a lorg Carter ann an Gleann nan Righrean cha mhor slan, an tuama rioghail Eipheiteach as slaine a chaidh a lorg a-riamh.

Mar pharaoh, leis gun robh Tutankhamun cho og, tha teans gun do rinn a vizir agus iar-theachdaiche Ay cuid mhor dhe na co-dhunaidhean mora poileataigeach re rioghachadh Tutankhamun.

Bhathar ag urramachadh righrean an deidh dhaibh basachadh ann an cultaichean-bais agus teampaill ach bhathar ag urramachadh Tutankhamun san doigh sin fhad ’s a bha e beo fhathast, rud nach do thachair gu tric. [43] Lorgadh carragh aig Karnak a tha coisrigte dha Amun - Ra agus tha Tutankhamun ag radh air a’ charragh gum b’ urrainnear tagradh maitheanais no tagradh slanachaidh o pheacadh a dheanamh dha-san ’na riochd diadhaichte. Chaidh teampaill dhan chult seo a thogail fad is farsaing eadar Kawa agus Faras ann an Nubia . Tha ainm piuthair Iar-righ Kush a’ gabhail a-staigh iomraidh air ainm an righ dhiadhaichte, comharra air cho uile-choitcheann ’s a bha an cult aige. [44]

An tuama [ deasaich | deasaich an tus ]

Howard Carter agus a cho-obraichean a’ fosgladh dorsan na sgrine san t-seomar-tiodhlagaidh ann an 1923 (ath-riochdachadh an fhosglaidh on bhliadhna 1924)

Chaidh Tutankhamun a thiodhlagadh ann an tuama a bha annasach beag an coimeas ri inbhe. Dh’fhaoidte gun do chaochail e gu h-obann mus deach tuama rioghail nas spaideile a chriochnachadh agus gun deach a mhumaidh a chur ann an tuama a bha gu bhith aig cuideigin eile. Bhiodh sin ’na dhoigh gnathas nan 70 latha eadar bas is tiodhlagadh a chumail. [45]

Dh’fhastaich George Herbert, 5mh Iarla Caernarfon, an t-arc-eolaiche Sasannach Howard Carter ann an 1915 airson tuama Tutankhamun ann an Gleann an Righrean agus b’ esan a thug seachad am maoineachadh air a shon. An deidh rannsachadh siostamataigeach, lorg Carter an tuama (KV63) san t-Samhain 1922. [46]

Tha mumaidh Tutankhamun ’na thuama ann an Gleann an Righrean a-rithist a-nis. 85 bliadhna an deidh dha Carter a lorg, air a’ 4mh latha dhen t-Samhain 2007, chaidh a’ pharaoh a thoirt a-mach as a chiste-laighe oir a agus a chur ’na thuama fon talamh aig Luxor ach ann an ciste-ghloine shonraichte a bhacas crionadh a’ mhumaidh a thigeadh an cois taisead is teas an luchd-turais a bhios a’ tadhal air an tuama. [47]

Bhris meirlich a-steach dhan tuama co-dhiu da thuras o shean ach a-reir nan rudan a chaidh a ghoid (mar olachan is cungaidhean cubhrais) agus ath-shlanachadh follaiseach an tuama an deidh sin, tha e soilleir gun do thachair seo beagan mhiosan an deidh an tiodhlagaidh thusail air a’ char as fhaide.

Chaidh an tuama a leigeil air dhiochuimhne an uairsin leis gun deach a chomhdachadh le spealagan cloiche, an darna cuid o thuaman eile a chaidh a chladhadh ’na dheidh air neo tuiltean a dh’fhag ann iad. Chaidh fiu bothain do luchd-obrach a thogail os cionn doras an tuama, gu soilleir gun dad a dh’fhios aca gun robh tuama Tutankhamun fodhpa. Nuair a chaidh aitichean-adhlacaidh nam pharaoh a sgriosadh a dh’aona-ghnothaich aig deireadh 20mh righreachas na h-Eipheit, cha deach tuama Tutankhamun a sgrios idir, ma dh’fhaoidte a chionn ’s nach robh cuimhne air ionad tuilleadh aig an am sin agus/no a chionn ’s nach robh cuimhne air ainm tuilleadh.

Mhair fathannan mu “ mhallachd nam pharaoh ” (’s docha ’ga phiobrachadh le paipearan-naidheachd a bha airson barrachd phaipearan a reic nuair a chaidh an tuama a lorg) [48] fad iomadh bliadhna, a’ cumail a-mach gun do bhasaich an fheadhainn a chaidh a-steach dhan tuama gu math trath. Ach sheall rannsachadh nach do bhasaich ach ochdnar am broinn 12 bhliadhna on deach an tuama agus a’ chiste-laighe oir fhosgladh a 58. Bha an corr beo fhathast, a’ gabhail a-staigh Howard Carter a chaochail an cois aillse na limfe ann an 1939 nuair a bha e 64. [49] [50] Bhasaich am fear mu dheireadh dhiubh, an t-arc-eolaiche Aimeireaganach J.O. Kinnaman ann an 1961, 39 bliadhna an deidh fosgladh an tuama. [51]

Chaidh 5,38 rud a lorg san tuama, a’ gabhail a-staigh ciste-laighe a bha gu tur de dh’or, aghaidh-choimheach Tutankhamun, righ-chathraichean, boghannan, trombaidean Tutankhamun, cuach lotais, biadh, fion, cuarain agus fo-aodach anairt ur. Thug Howard Carter 10 bliadhna a’ deasachadh catalog de gach rud. [52] Tha obair-rannsachaidh ur a’ cur ’nar suilean gun deach biodag Tutankhamun a dheanamh de dh’iarainn meatoraid agus thathar an duil gu bheil fiosrachadh eile ri thighinn mu theicneolas obrach-meatailt ann an duthchannan na Mara Mheadhanach san am ri teachd. [53] [54] [55] [56]

Buill-thiodhlacaidh Neferneferuaten [ deasaich | deasaich an tus ]

A-reir Nicholas Reeves , tha cha mhor 80% dhen bhathar-tiodhlacaidh aig Tutankhamun a’ tighinn o thiodhlacadh na pharaoh bhoireann Neferneferuaten , a’ gabhail a-staigh na h-aghaidh-choimheach oir ainmeil, na ciste-laighe mheadhanach, na meanbh chiste-laighe, badan dhe na panailean oir, nan iomhaighean shabti , na bogsaichean is cisteachan, na seudraidh rioghail is mar sin sios. [57] [58] Dh’fhoillsich Reeves fianais ann an 2015 a sheall gun robh ainm eile ann an cartouche air aghaidh-choimheach oir ainmeil Tutankhamun agus gum b’ e “Ankheperure mery-Neferkheperure” (’s e sin Ankheperure, muirneach le Akhenaten ) an t-ainm a bha ann roimhe agus leis a sin, gun deach an aghaidh-choimheach a dheanamh dha Nefertiti o thus, priomh-bhanrigh Akhenaten air an robh an t-ainm rioghail Ankheperure nuair a ghabh i an righ-chathair an deidh bas an duine aice. [59]

Tha an car seo a’ cur ’nar suilean gun deach Neferneferuaten (cha lughaid gum b’ ise Nefertiti ma ghabh i an righ-chathair an deidh bas Akhenaten) a chur as an righ-chathair ri linn comhstri agus nach deach tiodhlacadh rioghail a bhuileachadh oirre ? air neo gun deach ise a tiodhlacadh le bathar-tiodhlacaidh righ eile, ma dh’fhaoidte an fheadhainn aig Akhenaten fhein, le oifigearan Tutankhamun on a thainig Tutankhamun ’na deidh mar pharaoh. [60]

Dileab Tutankhamun [ deasaich | deasaich an tus ]

An eislig oir o bhonn ciste-laighe oir Tutankhamun
Eideadh-broillich Tutankhamun, a’ riochdachadh a ro-ainm
Ciste Tutankhamun a tha ann an Taigh-tasgaidh Cairo a-nis

Mas e Tutankhamun a’ pharaoh as ainmeil san t-saoghail, choisinn e an t-urram seo gu ire mhor a chionn ’s gu bheil a thuama am measg na feadhainn as slaine agus gun deach am bathar-tiodhlacaidh aige a thaisbeanadh gu tric is farsaing. Mar a sgriobh Jon Manchip White ’na ro-radh airson tionndadh 1977 dhen leabhar aig Carter, The Discovery of the Tomb of Tutankhamun , “Ged nach robh ach meas gle bheag air mar pharaoh fhad ’s a bha e beo, ’na bhas tha e a-nis a’ pharaoh as ainmeile”.

’S e naidheachd mhor a bha san tuama sna 1920 agus dh’fhas meas nan daoine air cuisean co-cheangailte ris an Eipheit arsaidh, eadar orain mar “Old King Tut” le Harry Von Tilzer as a’ bhliadhna 1923, a chaidh a chlaradh le luchd-ciuil ainmeil an ama mar Jones & Hare agus Sophie Tucker . Nochd “King Tut” ann an ainmean bathair, gniomhachasan agus bha fiu peata coin aig Ceann-suidhe nan SA, Herbert Hoover air an robh an t-ainm.

Tha na buill arsaidh a tuama Tutankhamun am measg na feadhainn a shiubhail fad is farsaing eadar ceithir cearnan an t-saoghail. Thadhail iad air iomadh duthaich ann an iomadh taisbeanadh ach is docha gum b’ e turas The Treasures of Tutankhamun am fear as ainmeile a ruith eadar 1972 is 1979. Dh’fhosgail e ann an Lunnainn ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn an toiseach eadar an 30mh latha dhen Mhart 1972 gu deireadh na Sultaine. Chunnaic barrachd air 1.6 millean duine an taisbeanadh agus b’ fheudar do chuid feitheamh suas ri 8 uairean a thide. B’ e seo an taisbeanadh as feillmhoir ann an eachdraidh an taighe-thasgaidh a-riamh. Thadhail an taisbeanadh an uairsin air iomadh duthaich eile, eadar na SAA, an USSR, an t-Seapan, an Fhraing, Canada agus a’ Ghearmailt an Iar. B’ ann an Metropolitan Museum of Art a bha taisbeanadh sna Staitean Aonaichte agus eadar an 17mh dhen t-Samhain 1976 agus an 15mh dhen Ghiblean 1979, thadhail barrachd air 8 millean duine air an taisbeanadh

Bha iomadh taisbeanadh eile ann an deidh sin, mar Tutankhamun and the Golden Age of the Pharaohs , Tutankhamen: The Golden Hereafter ach chan eil aghaidh-choimheach oir Tutankhamun a’ nochdadh ann an taisbeanaidhean mun pharaoh og tuilleadh oir cho-dhuin Riaghaltas na h-Eipheit gu bheil e ro bhrisg agus gu bheil teans gum briseadh e agus nach fhagadh e, ri linn sin, an duthaich a-rithist gu brath. [61]

Tusan [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Clayton, Peter A. (2006): Chronicle of the Pharaohs: The Reign-by-Reign Record of the Rulers and Dynasties of Ancient Egypt . Thames & Hudson , td. 128 . ISBN 0-500-28628-0 .  
  2. Zauzich, Karl-Theodor (1992): Hieroglyphs Without Mystery . Austin: University of Texas Press, td. 30?31. ISBN 978-0-292-79804-5 .  
  3. Manetho's King List ”.
  4. The Egyptian Exhibition at Highclere Castle ”. Air a thasglannadh [o http://www.highclerecastle.co.uk/egypt/egyptintro.html ] 3s dhen t-Sultain 2010. Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  5. Hawass, Zahi A. The golden age of Tutankhamun: divine might and splendor in the New Kingdom . American Univ in Cairo Press, 2004.
  6. 6.0 6.1 6.2 6.3 Hawass, Zahi (17mh dhen Ghearran 2010): “ Ancestry and Pathology in King Tutankhamun's Family ,” , leabhar 303, td. 638?647. doi : 10.1001/jama.2010.121 . PMID 20159872 . Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  7. Digging up trouble: beware the curse of King Tutankhamun ”. The Guardian .
  8. Digital Egypt for Universities: Tutankhamun ”. University College London. Air a thogail 5mh dhen Lunasdal 2006.
  9. Hawass, Zahi (17mh dhen Ghearran 2010): “ Ancestry and Pathology in King Tutankhamun's Family ,” , leabhar 303, td. 640?641. Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  10. Powell, Alvin: “ A different take on Tut ”. Ann an: Harvard Gazette , 12mh dhen Ghearran 2013. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2013. 
  11. Jacobus van Dijk: “ The Death of Meketaten ”. Air a thogail 2na dhen Damhair 2008 (PDF).
  12. Classroom TUTorials: The Many Names of King Tutankhamun ”. Michael C. Carlos Museum . Air a thogail 10mh dhen Iuchar 2013 (pdf).
  13. Egypt Update: Rare Tomb May Have Been Destroyed ”. Science Mag . Air a thogail 1d dhen t-Samhain 2013.
  14. Hawass, Zahi and Saleem, Sahar N. "Mummified daughters of King Tutankhamun: Archaeological and CT studies." The American Journal of Roentgenology 2011. Vol 197, No. 5, pp. W829?836.
  15. Booth pp. 86?87
  16. Erik Hornung , Akhenaten and the Religion of Light , Translated by David Lorton, Ithaca, New York: Cornell University Press, 2001, ISBN 0-8014-8725-0 .
  17. Hart, George (1990): Egyptian Myths . University of Texas Press, td. 47 . ISBN 0-292-72076-9 .  
  18. Booth pp. 129?130
  19. "Radiologists Attempt To Solve Mystery Of Tut's Demise" from ScienceDaily.com
  20. Handwerk, Brian: “ King Tut Not Murdered Violently, CT Scans Show ”, National Geographic News. 8mh dhen Mhart 2005, td. 2. Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013. 
  21. 21.0 21.1 King Tut Was Disabled, Malarial, and Inbred, DNA Shows ”. nationalgeographic.com .
  22. Nature 472, 404-406 (2011); Published online 27 April 2011; Original link
  23. NewScientist.com; January 2011; Royal Rumpus over King Tutankhamun's Ancestry
  24. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  25. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  26. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  27. Was King Tut Buried in a Hurry? ”. History.com .
  28. Hawass, Zahi: “ Tutankhamon, segreti di famiglia ”. National Geographic . Air a thogail 2na dhen Ogmhios 2013.
  29. Roberts, Michelle: “ 'Malaria' killed King Tutankhamun ”, BBC News. 16mh dhen Ghearran 2010. Air a thogail 12mh dhen Mhart 2010. 
  30. Pays, JF (An Dubhlachd 2010): “ Tutankhamun and sickle-cell anaemia ,” ann an: Bull Soc Pathol Exot , leabhar 103, air. 5, number 5, td. 346?347. doi : 10.1007/s13149-010-0095-3 . PMID 20972847 . Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  31. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  32. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  33. Markel, H. (17mh dhen Ghearran 2010): “ King Tutankhamun, modern medical science, and the expanding boundaries of historical inquiry ,” ann an: JAMA , leabhar 303, td. 667?668. doi : 10.1001/jama.2010.153 . Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013.
  34. Rosenbaum, Matthew: “ Mystery of King Tut's death solved? ”. Ann an: ABC News , 14mh dhen t-Sultain 2012. Air a thogail 21mh dhen Damhair 2013. 
  35. EURAC research ? Research ? Institutes ? Institute for Mummies and the Iceman ”. Eurac.edu. Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  36. King Tut's Family Secrets ”. National Geographic . Air a thogail 11mh dhen Damhair 2010.
  37. Owen, Jonathan: “ Solved: The mystery of King Tutankhamun's death ”. Ann an: The Independent , 3s dhen t-Samhain 2013. Air a thogail 3s dhen t-Samhain 2013. 
  38. Joseph, Claudia, Webb, Sam: “ King Tutankhamun did not die in chariot crash, virtual autopsy reveals ”, The Independent. 20mh dhen Damhair 2014. Air a thogail 26mh dhen Damhair 2014. 
  39. Joseph, Claudia, Webb, Sam: “ Tutankhamun died of illness, not from chariot racing ”, Russia Today. 25mh dhen Damhair 2014. Air a thogail 26mh dhen Damhair 2014. 
  40. Interview with G.A. Gaballa, of Cairo University. "The Hittites: A Civilization that Changed the World" by Cinema Epoch 2004. Directed by Tolga Ornek. Documentary.
  41. Redford, Donald B., PhD, McCauley, Marissa: “ How were the Egyptian pyramids built? ”. Research . The Pennsylvania State University. Air a thogail 11mh dhen Dubhlachd 2012.
  42. Aude Gros de Beler, Tutankhamun , foreword Aly Maher Sayed, Moliere, ISBN 2-84790-210-4
  43. Oxford Guide: Essential Guide to Egyptian Mythology , Editor Donald B. Redford , p. 85, Berkley, ISBN 0-425-19096-X
  44. The Boy Behind the Mask , Charlotte Booth, p. 120, Oneworld, 2007, ISBN 978-1-85168-544-8
  45. " The Golden Age of Tutankhamun: Divine Might and Splendour in the New Kingdom ", Zahi Hawass , p. 61, American University in Cairo Press, 2004, ISBN 977-424-836-8
  46. Reeves and Wilkinson (1996) p.81
  47. Michael McCarthy: “ 3,000 years old: the face of Tutankhaten ”. Ann an: The Independent , 5mh dhen Damhair 2007. 
  48. Hankey, Julie (2007): A Passion for Egypt: Arthur Weigall, Tutankhamun and the 'Curse of the Pharaohs' . Tauris Parke Paperbacks, td. 3 ?5. ISBN 978-1-84511-435-0 .  
  49. David Vernon in Skeptical ? a Handbook of Pseudoscience and the Paranormal , ed. Donald Laycock , David Vernon , Colin Groves , Simon Brown , Imagecraft, Canberra, 1989, ISBN 0-7316-5794-2 , td. 25.
  50. Egypt: The Mummy Curse of Tutankhamun - Tour Egypt
  51. "Death Claims Noted Biblical Archaeologist", Lodi News-Sentinel , 8 September 1961, Retrieved 9 May 2014 [1]
  52. Williams, A. R., 24, National Geographic PUBLISHED November: “ King Tut: The Teen Whose Death Rocked Egypt ”. National Geographic News . Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2015.
  53. Dagger in Tutankhamun's tomb was made with iron from a meteorite The Guardian
  54. King Tutankhamun buried with dagger made of space iron, study finds , ABC News Online , 2 June 2016
  55. Comelli, Daniela, d'Orazio, Massimo; Folco, Luigi, et. al (2016): “The meteoritic origin of Tutankhamun's iron dagger blade,” ann an: Wiley Online (Foills.): Meteoritics & Planetary Science . Bibcode:  2016M&PS..tmp..331C . doi : 10.1111/maps.12664 . "Early View (Online Version of Record published before inclusion in a printed issue)".
  56. Walsh, Declan: “ King Tut’s Dagger Made of ‘Iron From the Sky,’ Researchers Say ”. Ann an: The New York Times , 2na dhen Ogmhios 2016. 
  57. Nicholas Reeves Tutankhamun's Mask Reconsidered BES 19 (2014), pp.511-522
  58. Peter Hessler, Inspection of King Tut's Tomb Reveals Hints of Hidden Chambers National Geographic, September 8, 2015
  59. Nicholas Reeves, The Gold Mask of Ankhkheperure Neferneferuaten, Journal of Ancient Egyptian Interconnections, Vol.7 No.4, (December 2015) pp.77-79 & click download this PDF file
  60. Nicholas Reeves, Tutankhamun's Mask Reconsidered BES 19 (2014), pp.523-524
  61. Jenny Booth: “ CT scan may solve Tutankhamun death riddle ”. Ann an: The Times , 6mh dhen Fhaoilleach 2005. 

Leabhraichean feumail mun chuspair [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Andritsos, John. Social Studies of Ancient Egypt: Tutankhamun . Australia 2006.
  • Booth, Charlotte. The Boy Behind the Mask , Oneworld, ISBN 978-1-85168-544-8 .
  • Brier, Bob. The Murder of Tutankhamun: A True Story . Putnam Adult, 13 April 1998, ISBN 0-425-16689-9 (paperback)/ ISBN 0-399-14383-1 (hardcover)/ ISBN 0-613-28967-6 (School & Library Binding).
  • Carter, Howard and Arthur C. Mace, The Discovery of the Tomb of Tutankhamun . Courier Dover Publications, 1 June 1977, ISBN 0-486-23500-9 The semi-popular account of the discovery and opening of the tomb written by the archaeologist responsible.
  • Desroches-Noblecourt, Christiane. Sarwat Okasha (Preface), Tutankhamun: Life and Death of a Pharaoh . New York: New York Graphic Society, 1963, ISBN 0-8212-0151-4 (1976 reprint, hardcover) / ISBN 0-14-011665-6 (1990 reprint, paperback).
  • Edwards, I.E.S. , Treasures of Tutankhamun . New York: Metropolitan Museum of Art , 1976, ISBN 0-345-27349-4 (paperback)/ ISBN 0-670-72723-7 (hardcover).
  • Egyptian Supreme Council of Antiquities, The Mummy of Tutankhamun: The CT Scan Report , as printed in Ancient Egypt , June/July 2005.
  • Haag, Michael. The Rough Guide to Tutankhamun: The King: The Treasure: The Dynasty . London 2005. ISBN 1-84353-554-8 .
  • Hoving, Thomas. The Search for Tutankhamun: The Untold Story of Adventure and Intrigue Surrounding the Greatest Modern archeological find . New York: Simon & Schuster, 15 October 1978, ISBN 0-671-24305-5 (hardcover)/ ISBN 0-8154-1186-3 (paperback) This book details a number of anecdotes about the discovery and excavation of the tomb.
  • James, T. G. H. Tutankhamun . New York: Friedman/Fairfax, 1 September 2000, ISBN 1-58663-032-6 (hardcover) A large-format volume by the former Keeper of Egyptian Antiquities at the British Museum , filled with colour illustrations of the funerary furnishings of Tutankhamun, and related objects.
  • Neubert, Otto. Tutankhamun and the Valley of the Kings . London: Granada Publishing Limited, 1972, ISBN 0-583-12141-1 (paperback) First hand account of the discovery of the Tomb.
  • Reeves, C. Nicholas. The Complete Tutankhamun: The King, the Tomb, the Royal Treasure . London: Thames & Hudson, 1 November 1990, ISBN 0-500-05058-9 (hardcover)/ ISBN 0-500-27810-5 (paperback) Fully covers the complete contents of his tomb.
  • Rossi, Renzo. Tutankhamun . Cincinnati (Ohio) 2007 ISBN 978-0-7153-2763-0 , a work all illustrated and coloured.

Ceanglaichean ris an taobh a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: