한국   대만   중국   일본 
James Watt - Uicipeid Jump to content

James Watt

O Uicipeid
James Watt
Beatha
Breith Grianaig , 19 dhen Fhaoilleach 1736
Duthaich   Alba
Aite-fuirich Glaschu
Bas Heathfield Hall (en) Translate, 25 dhen Lunastal 1819
Aite-adhlacaidh St Mary's Church (en) Translate
Nadar a’ bhais adhbharan nadarra
Teaghlach
Athair James Watt
Mathair Agnes Muirhead
Ceile Peggy Miller (en) Translate  (1763 -
Ann McGriigor (en) Translate  (1775 -
Clann
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Canain Beurla
Dreuchd
Dreuchd einnseanair , ceimigear , fiosaigiche , innleachdair , neach-tionnsgain , matamataigear agus technician (en) Translate
Aitichean-obrach Glaschu  agus  Birmingham
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu
Duaisean a fhuaras
Buaidh Thomas Newcomen (en) Translate
Ballrachd An Comann Rioghail
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Comann Rioghail Dhun Eideann
Lunar Society of Birmingham (en) Translate

Is e saor-innealan-thomhais, fiosaigiche , innleadair agus neach-malairt a bha ann an James Watt ( 19 am Faoilleach 1736 - 25 an Lunasdal 1819 ). Rugadh e ann an Grianaig , far an robh a h-athair na bhaillidh agus na fhear-togail thaighean is bhataichean. Chaochail e aig aois de 83 bliadhna ann am Birmingham , Shasainn .

Cha robh deagh shlainte aige nuair a bha e na bhalach agus fhuair e foghlam trath on a mhathair mus deach e gu sgoil gramair. Chaidh e an 1753 gu Glaschu airson tailleabhachd agus an 1755 gu Lunnainn . Thill e gu Glaschu aig aois 21 a dh'fhosgladh buth aig Oilthigh Ghlaschu airson innealan-thomhais matamataigeachd a dheanamh agus a charadh. 'S ann anns a' cheard sin a bha e nuair a chaidh iarraidh air samhail de dh'inneal Newcomein a chur an gleus. Bha an t-inneal an seilbh roinn Feallsanachd Nadurra na h-Oilthighe ach cha do dh'obraich e gu cheart. 'S ann anns an iomairt siud a chruthaich e ciste fa-leth airson fuaradh agus dluthadh stotha. Leis a' chiste-dhluthaidh an staid falamhantas, nan chuireadh an ciste-dhluthaidh an co-radhas leis an t-siolandair lan stotha, teicheadh stotha bhon t-siolandair dhan chiste-dhluthaidh - far an rachadh a dluthadh ri uisge-gleidheadh mar sin falamhantas a' chiste-dhluthaidh agus aobhraicheadh anns an t-siolandair an falamhantas a bha dhith a dh'obraich an t-inneal.

Is e an dluthadair (ciste-dhluthaidh) fa-leth agus am brebhet a chlaraich e air an son a bha na bhun-steidh da fhortan.