한국   대만   중국   일본 
Inna Zhvanetska - Uicipeid Jump to content

Inna Zhvanetska

O Uicipeid
Inna Zhvanetska
Beatha
Breith 1937
Foghlam
Foghlam Gnessin Russian Academy of Music (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceol-sgriobhaiche

'S e ceol-sgriobhaiche agus neach-teagaisg as An Ucrain / An t-Aonadh Sobhiatach a th' ann an Inna Zhvanetska ( Ucrainis : Жванецька ?нна Абрам?вна ). Rugadh e ann am Vinnytsia air 20 am Faoilleach 1937 . [1] Fhuair i a cuid foghlaim on Cholaiste-ciuil na Staite Gnessin ( Ruisis : Государственный музыкальный колледж имени Гнесиных) am Mosgo , as an tug i ceum ann an 1964 . B' e Nikolay Peyko a thug a cuid oideachaidh ri Zhvanetska fhad 's a bha i sa cholaiste siud. Chaidh Zhvanetska fhastadh leis a' Cholaiste fhein mar neach-teagaisg ann an 1965 , far a theagaisgeadh i piano , ionnsramaideadh agus leughadh ciuil fad bliadhnaichean . [2] Thoisich i ri piosan ciuil sgriobhadh agus fhoillseachadh ann an 1958 , fhad 's a bha i fhathast na oileanach .

Obair [ deasaich | deasaich an tus ]

Guth [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Цикл ( Cuairt , facail le А. Izaakiyan, guth agus piano, 1960 ).
  • Январськ? Строки ( Teirmean an Fhaoillich , facail le S. Smirnov, guth agus piano, 1968 ).
  • Зем?яй! ( An Talamh! , facail le Tvorenye-Cholovek, хор та оркестр; 1972 ).
  • Cередньов?чно? ?врейсько? поез?? ( Bho bhardachd Iudhach meadhan-aoiseil , 1998 )
  • Гучн? п?сн? Анни Ахматово? ( Orain fogharach a rinn Anna Akhmatova ).
  • Романси ( Romansaichean , facail le V. Bryusov agus cuid a baird eile).

Orcastra [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Увертюра ( Fosgladh-ciuil , 1963 ).
  • Сю?та ( Pios , Orcastra le teudan, 1965)
  • Концерт для контрабасу та оркестру ( Consairt airson a' ghas dubailte agus Orcastra , comhla ri lughdachadh phiana, 1978 ).
  • Концерт для фортеп?ано ( Consairt airson a' phiano ).

Orcastra Seomair [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Бурлеск ( Burlesque , fidheall agus piano, 1959).
  • Струнний квартет ( Ceathrar le teudan , 1962 ).
  • Ш?сть п'?с ( Sia piosan , Sianar le innealan-gaoithe, 1969 ).
  • Соната ( Sonata , fidheall agus piano, 1976).
  • П’ять танцювальних п'?с для д?тей ( Coig piosan dannsa do chloinn , da chello, 2007 ).
  • La Bale ( La Bale , viola agus piano, 2015 ).
  • Спогади про композитора Альфреда Шн?тке ( A' cuimhneachadh an ceol-sgriobhaiche Alfred Schnittke , сello na aonar).
  • Осколки дитинства ( Criomagan leanabachd , fidheall na h-aonar). [3]
  • Вар?ац?? ?врейсько? теми ( Atharrachadh air cuspair Iudhach , da fhidheall).

Piano [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Вар?ац?? теми Брамса ( Atharrachadh steidhichte air cuspair a rinn Brahms , 1958 ).
  • Токката ( Toccata , 1961 ).
  • Пол?фон?чна фантаз?я ( Fantasachd Ioma-fhuaimneachail , 1962).
  • Партита ( Partita , 1966 ).

Cenaglaichean A-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Classical Music Online
  2. Cohen, Aaron I. International Encyclopedia of Women Composers, Eabhraig Nuadh , ISBN 0-9617485-2-4 , OCLC 16714846.
  3. Classical Archives