한국   대만   중국   일본 
Iain Knox - Uicipeid Jump to content

Iain Knox

O Uicipeid
Iain Knox
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

dhen Dubhlachd 1562 - dhen Ogmhios 1563
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

dhen Dubhlachd 1568 - dhen Ghearran 1569
Beatha
Breith Baile Adainn , 1514
Duthaich   Alba
Aite-fuirich Cathar-eaglais Naomh Giles
St Andrews (en) Translate
Bas Dun Eideann , 24 dhen t-Samhain 1572
Aite-adhlacaidh Cathar-eaglais Naomh Giles
Teaghlach
Ceile Margery Bowes (en) Translate  1560)
Margaret Knox (en) Translate  (dhen Mhart 1564 (Gregorian) -
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Chill Rimhinn
Canain Beurla
Luchd-teagaisg Jean Calvin
Dreuchd
Dreuchd diadhair , ministear , sgriobhadair agus neach-poileataigs
Creideamh
Creideamh Seanaireachd

B' e pearsa-eaglaise, diadhair, sgriobhadair agus ceannard air Ath-leasachadh na h-Alba a bha ann an Iain Knox (Beurla: John Knox , Baile Adainn , mu 1510 ? Dun Eideann 24 an t-Samhain 1572 ).

Sgeul-bheatha [ deasaich | deasaich an tus ]

Rugadh Iain Knox ann am Baile Adainn . Thathar den beachd gun d'fhuair e foghlam aig Oilthigh Chill Rimhinn . As deidh sin, bha e na shagart Caitligeach. Thachair e ri Seoras Uiseart, ath-leasachair na h-eaglaise Albannach a chaidh chuir ri bas ann an 1546. B' e leanmhainniche Uiseairt a bh' ann an Knox. Mar eisimpleir, shearmonaich e mar fhear-leasachaidh aig Caisteal Chille Rimhinn. Chuir Knox seachad 18 miosan mar thraill air soithichean-cogaidh Frangach, gu ruige 1549.

An uair sin, thainig e gu bhith na shearmonaiche Prostanach ann an Sasainn . Bha e na sheaplain rioghail do Eideard VI . Ann an Sasainn, phos e Margery Bowes. Theich e dhan Roinn Eorpa nuair a steidh, Mhairi I, "Mairi Fhuilteach" mar a chanar rithe, an creideamh Caitligeach a-rithist ann an Sasainn. Ann an  Geneva , choinnich Knox ris an diadhair mor Prostanach agus ath-leasachair na h-eaglaise Jean Calvin .

Thill Iain Knox a dh'Alba ann an 1559 agus shearmonaich e an aghaidh a' chreidimh Chaitligich. Thug na sgriobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhor airsan. [1] Chaochail e ann an Dun Eideann ann an 1572.

Leabhar-chlar [ deasaich | deasaich an tus ]

  • 1558: "Ciad Ghuth na Trompaid an aghaidh Reiseamaid Uabhasach nam Ban"
  • 1586-1587: Eachdraidh Ath-leasachadh na h-Alba

Aistean co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Tusan [ deasaich | deasaich an tus ]

  • "Knox". Comhradh Oll. Ruairidh A. Fionlasdan agus Iain MacAonghais . Gairm , Am Foghar is An Geamhradh 1972 (da phairt).

Ceanglaichean a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Musee Protestant
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: