한국   대만   중국   일본 
Hitlerputsch - Uicipeid Jump to content

Hitlerputsch

O Uicipeid
Hitlerputsch

Dealbh na h-aimhreite sna sraidean
Ceann-latha 8 an t-Samhain agus 9 an t-Samhain 1923
Aite Munchen
Buil Dh'fhailnig an cur-fodha staite . Chaidh na Nasaich dhiteadh
Luchd-cogaidh
Partaidh Nasach
Sturmabteilung
Poblachd Weimar
Reichswehr
Poileas na Baidhearn
Cinn-fheachda
Adolf Hitler
Erich Ludendorff
Ernst Rohm
Rudolf Hess
Scheubner-Richter
Robert Wagner
Hermann Goring
Heinrich Himmler
Hans Frank
Otto von Lossow
Eugen von Knilling
Gustav von Kahr
Hans von Seisser
Neart
mu 2,000 mu 130
na chaidh a leon 's na chaidh a chall
16 4

B' e cur-fodha staite a thachair ann am Munchen ann an 1923 nach robh soirbheachail a bh' ann an Hitlerputsch air neo Cur-fodha staite Talla Leanna/Cur-fodha staite Mhunchen . [1] B' ann fo stiuir Adolf Hitler , Erich Ludendorff agus ball eile na Kampfbund ( Gaidhlig : Lig na Strithe ) a thachair an cur-fodha staite seo eadar 8 an t-Samhain agus 9 an t-Samhain 1923 . Theab a' ghraisg seo an Riaghaltas a ghabhail os laimh. Thug iad ionnsaigh air Poblachd Weimar ann am Munchen an aite Bherlin - priomh-bhaile na duthcha - air sgath 's gur ann anns A' Bhaidhearn 's a bha am Partaidh Nasach na bu treasa aig an am. [2] Rinn mu 2,000 nasach air Carragh-chuimhne air a bheil am Feldherrnhalle (Gaidhlig: Talla an t-Seanaileir ), ann am meadhan a' bhaile, ach sheas na Poileis nan aghaidh. Fhuair 16 Nasaich agus ceathrar oifigearan-poileis bas san aimhreit agus ainneart a lean sin. [3] Bha Hitler, Frank agus Goring air an leon. Theich Hitler gu similidh meatach ach chaidh a chur an greim an ceann sreatha agus bha e air a dhiteadh airson traoidhtearachd. Ged nach robh an Hitlerputch soirbheachail a thaobh armachd, b' ann feumail do Nasachd san fhad-uine 's a bha e o chionn's gun deach beachdan Hitler a chraoladh anns na meadhannan air feadh an t- saoghail fad miosan . Mhair a' chuis-lagha an aghaidh Hitler 24 latha , is luchd-aithris na tire a' cluinntinn ris agus a' cur sa chlo anns na paipearan-naidheachd na canadh esan fad an t-suibhail. Fhuair Hitler binn-priosain fada, ach cha do chur e seachad ach naoi mios fo ghlais is iuchair. Sgriobh e an droch leabhar Mein Kampf (Gaidhlig: Mo Stri ) fhad 's a bha e fo ghlasaibh.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Ernst Deuerlein: Der Hitler-Putsch. Bayerische Dokumente zum 8./9, 1923 . Eingeleitet u. hrsg. von Ernst Deuerlein. Quellen und Darstellungen zur Zeitgeschichte. Band 9. Deutsche Verlags-Anstalt, Stuttgart , 1962 .
  2. Ernst Nolte: Die Weimarer Republik. Demokratie zwischen Lenin und Hitler. Herbig, Munchen , 2006 , ISBN 3-7766-2491-4 .
  3. Harold J. Gordon Jr.: Hitlerputsch 1923. Machtkampf in Bayern 1923?1924. Bernard & Graefe, Munchen, 1978 , ISBN 3-7637-5108-4 .