한국   대만   중국   일본 
Geamannan a' Cho-fhlaitheis - Uicipeid Jump to content

Geamannan a' Cho-fhlaitheis

O Uicipeid
Hampden Park Glaschu Geamannan a' Cho-fhlaitheis Latha 7

'S e tachartas spors a th' ann an Geamannan a' Cho-fhlaitheis .

Thig luth-chleasaichean as a' Cho-fhlaitheas gus pairt a ghabhail ann an iomadach spors. Thathas ag radh gur e an darna tachartas ioma-spors as motha air an t-saoghail as deidh na Geamannan Olympic. Gabhaidh e aite ann am baile eadar-dhealaichte gach ceithir bliadhna.

'S e an Commonwealth Games Federation a tha os cionn rianachd nan Geamannan agus a bhios a' taghadh nam bailtean far an gabh e aite.

Ann an 2014, bidh na ficheadamh Geamannan ann an Glaschu .

Eagrachadh [ deasaich | deasaich an tus ]

Ged a tha 54 duthchannan nam buill anns a' Cho-fhlaitheas, bidh 71 sgiobaidhean a' gabhail pairt ann an Geamannan a' Cho-fhlaitheis. Tha siud air sgath 's gum bi sgiobaidhean fa leth ag cuid a tha nan eilean, ranntairean no 'crown dependencies' mar sin air adhart. Tha sgiobaidhean fa leth aig na ceithir duthchannan anns an Rioghachd Aonaichte: Sasainn , Alba , a' Chuimrigh agus Eireann a Tuath .

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Chuireadh air bhog na Geamannan ann an 1930 . Thachair e gach ceithir bliadhna on uair sin ach ann an 1942 agus 1946 air sgath an Darna Cogaidh.

B' e an t-ainm 'British Empire Games' a bh' air an toiseach. Dh'atharraich an t-ainm ann an 1954 mar 'British Empire and Commonwealth Games' agus a-rithist ann an 1970 mar 'British Commonwealth Games'. Fhuair e ainm an latha an-diugh, na Commonwealth Games no Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an 1978.

Gu ruige seo, ghabh na Geamannan aite ann an 18 bailtean ann an 7 duthchannan.

Ceanglaichean a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]