Dessau-Roßlau

O Uicipeid
(Air ath-sheoladh o Dessau )
Dessau-Roßlau
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Duthaich A' Ghearmailt
Sgire Sagsainn-Anhalt
Co-chomharran 51° 51' 38' Tuath
12° 14' 49' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 244.74 km²
Aireamh-shluaigh 84,606 (2013)
Dluths 345.7/km²
Aireamh fon +49 (0)340 agus (0)34901
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile mor faisg air Bernburg agus Kothen air an airde an ear na Gearmailte a th’ ann an Dessau-Roßlau . Chaidh a chruthachadh ann an 2007 nuair a chuireadh Dessau agus Roßlau ri cheile. Tha e suidhichte aig 59m os cionn ire na mara , aig comar nan aibhnichean Mulde agus Elbe, anns an stait Sagsainn-Anhalt . Tha am baile 135km air falbh bho Dhresden , 181km bho Hanobhar , 56km bho Leipzig agus 111km bho Bherlin . [1] Tha 84,606 duine a' fuireach ann. [2] 'S ann a Tis (Iubhar) ann an Slabhais agus Aue (Innis) anns Gearmailtis a tha an t-ainm.

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Chaidh Dessau a chlaradh airson a' chiad turais ann an 1213 mar Dissowe. Rainig Martin Luther agus An t-Ath-Leasachadh ann an 1534 , ach cha do ghabh am baile ris ach an ceann 11 bliadhna lan comhstri agus connspaid, gus a fhuair na Prostanaich lamh an uachdair ann an 1545 . [3] B' e priomh-bhaile na Prionnsalachd Anhalt a bh' ann bho 1570 gu ruige 1603 agus an nuair sin na staite Diucachd Anhalt-Dessau gu ruige 1863 , nuair a chaochail an diuc mu dheireadh gun chlann. [4] Chaidh an sgoil-ailtireachd Bauhaus gluasad bho Weimar gu Dessau ann an 1925 , [5] oir bha na Nasaich an torr oirre. Dhunadh i ann an 1931 agus cha do dh'fhosgail i a-rithist ach ann an 1986 . Fhuair an sgoil sin dion fo sgeith UNESCO ann an 1996 . [6] 'S ann ann an Dessau far a dheanadh an gas Zyklon B, a chaidh a chleachdadh anns na campaichean a steidhich na Nasaich gus na h- Iudhaich agus eile a mharbhadh. [7] Bhathar ga dheanamh aig an t-seann taigh-gniomhachais siucair Dessauer Zuckerrraffinerie GmbH, eadar 1942 agus 1945 . Air 7 am Mart 1945 rinn feachdan nan Staitean Aonaichte leir sgrios air a' bhaile agus an ceann sia seachdain gheill am baile dhiubh. [8]

Daoine Ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Luther 2017
  4. Almanach de Gotha
  5. Bauhaus
  6. UNESCO
  7. Zyklon B
  8. Unversity of Exeter
  9. Kurt Weill

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]