한국   대만   중국   일본 
Dun Deagh - Uicipeid Jump to content

Dun Deagh

O Uicipeid
(Air ath-sheoladh o Dun De )
Dun Deagh no Dun De
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùn Dèagh is located in Alba
Dùn Dèagh
Dun Deagh (Alba)
Duthaich Alba
Co-chomharran 56° 27' Tuath
2° 59' Iar
Comharradh-cleithe NO4030
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 52 km²
Aireamh-shluaigh 147,389 (2011 [1] )
Dluths 2,834.4/km²
Aireamh fon (01382)
Duilleag oifigeil http://www.dundeecity.gov.uk/
Drochaid ann an Dun Deagh

'S e cathair-bhaile ann an Albain a tha ann an Dun Deagh no Dun De [2] (Beurla: Dundee ). Suidhichte air cladach tuath Linne Tatha air taobh sear na h- Alba , dh'fhas Dun Deagh gu mor re an 19mh cheud, nuair a fhuair e priomhachas mar baile-mhuilinn a rinn bathair (gu sonraichte ropan is buill) an diut . Chrion an malairt seo gu h-obann anns na 1960an nuair a cheannsaich snathan-olachd na margaidean airson a leithid.

Suidheachadh [ deasaich | deasaich an tus ]

'S ann gu h-araidh bho a shuidheachadh a tha Dun Deagh a' faighinn a' chuid as motha de a bhoidhchead. Tha e sinte a-mach fad ochd mile air taobh a tuath Beul na Tatha agus tha e an taice ri tulaichean Fhiobh dhan taobh deas, agus a' faighinn fasgaidh dhan taobh tuath bho bhruthaichean gorma nan Sidhbheann . Mu a choinneamh, tha uisgeachan na h-aibhne moire, a' sgaoileadh a-mach gu farsaing.

A' toiseachadh aig Dun Deagh, tha drochaid reile na Tatha a' ceangal Siorrachd Aonghais ri Siorrachd Fhiobh. Chaidh a fosgladh sa bhliadhna 1887, agus le da mhile is tri fichead slat 's a tri, b' i seo aon de na drochaidean a b' fhaide air an t-saoghal aig aon am.

Gu taobh an ear Bruach Tatha (no Aiseag Bhrothaig), tha miltean de ghainmhich bhain agus bhon a dh'fhagas e oir an uisge, tha Dun Deagh ag eirigh uidh air n-uidh gu ruige mullach an Lath , cnoc cruinn fradharcach, 572 troigh os cionn na mara, a cheannaicheadh leis a' bhaile ann an 1878.

Paircean [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha maise nadarra air a buileachadh air a' bhaile agus uile gu leir, eadar an Lath agus moran phaircean eile, tha 1682 acair a bhuineas do Chomhairle a' Bhaile. Tha na h-acraichean sin air an cur saor 's an asgaidh an tairgse luchd-cuairt 's muinntir a' bhaile. 'S i Pairce Champerdown sa bheil 1035 acair as motha agus as breagha de na paircean sin uile.

Aitean sonraichte a' bhaile [ deasaich | deasaich an tus ]

Eaglais an t-Seann Stiopaill

Chan eil Dun Deagh a' tagradh urraim airson greadhnachas nan togalach aige, ach tha corra thogalach agus aite ann is fhiach coimhead air.

Eaglaisean [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha tri eaglaisean mora a' bhaile an teis meadhan gharranan breagha, air chumadh croise agus fon aon mhullach, a dha dhiubh a chaidh a thogail mu mheadhan na naoidheimh linn deug, agus an te eile, Eaglais an t-Seann Stiopaill, a thogadh ann an 1788. Tha an t-Seann Stiopaill mu 160 troigh an airde air a dheanamh air ballachan garbha a tha ochd troighean air leud aig am bonn. Tha e air aithris gun deach a dhealbh gu bhith na earran de eaglais a chaidh a steidheachadh ann an 1190, ach tha daoine fiosrach ag radh nach eil an togalach seo moran nas traithe na an 15mh linn. Tha seann chlachan snaighte ann an aon de na seomraichean 's tha gad ghlag breagha san turaid.

Talla Chaird [ deasaich | deasaich an tus ]

Thug Seumas Caird £100,000 don bhaile ann an 1914 airson Talla Baile agus Seomraichean Comhairle a thogail. Air 10 Iuchar, leag Righ Seoras V agus Banrigh Mairi clachan-steidhte an Talla. Thug a' Bhan-uasal Marryat , piuthar Sheumais Chaird, £75,000 don bhaile airson an obair a chriochnachadh. Dh'fhosgladh an Talla le Prionnsa na Cuimrigh ann an 1923.

'S e talla mor, greadhnach a th' ann, agus cumaidh e 3,300 dhaoine. Tha an t-ard-urlar air a dhealbh airson 75 de orcastra agus coisir anns am bi 300 guth. Tha an t- organ an cul an ard-urlair, agus tha e air aithris gur e seo organ as breagha san Rioghachd. Air an aon urlar ris an Talla mhor, tha Talla Mharryat , 's e sgiamhach le ballachan sgathain. Cumaidh e 550.

Bidh an EIS a' cumail coinneamh choitcheann bhliadhnail san Ogmhios an seo gach darnacha bliadhna.

An Howff [ deasaich | deasaich an tus ]

Am meadhan a' bhaile, tha an seann aite-adhlaic ris an canar an Howff , facal Albannach a tha a' ciallachadh 'aite-coinneachaidh'. Fhuair e an t-ainm ri linn 's gur h-ann an siud a bhiodh luchd-ceairde a' bhaile a' coinneachadh gus an do thogadh Talla nan Ceairdean ann an 1778.

Tha an t-aite-adhlaic ainmeil do bhrigh 's gu bheil e a' toirt barr air gach cladh eile an Alba, (ach a-mhain Cladh nam Manach Glasa an Dun Eideann ) ann an lionmhorachd agus annasachd nan clachan-cuimhne. Thug Banrigh Mairi an t-ait'-adhlaic mar thiodhlac do Dhun Deagh ann an 1567, agus airson 300 bliadhna, b' e priomh-chladh a' bhaile. Rinneadh an t-adhlaiceadh mu dheireadh ann nuair a thiodhlaiceadh Seoras MacDhonnachaidh , Ball Parlamaid airson Dhun Deagh, a chaochail ann an 1878.

Comann Gaidhealach [ deasaich | deasaich an tus ]

'S ann ann an Dun Deagh a tha fear de na Comainn Ghaidhealach as sine an Alba. Steidhicheadh Comann Gaidhealach Dhun Deagh sa bhliadhna 1818. Tha Comann Gaidhealach a' dol fhathast ann am Bruach Tatha, agus 's ann a bhios Coisir Gaidhlig Dhun Deagh a' farpaiseach anns na Modan.

Chaidh am Mod Naiseanta a chumail ann an Dun Deagh anns na bliadhnaichean 1902, 1913, 1937, 1959, agus 1974.

Bailtean co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Daoine ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Brinkhoff, Thomas: “ Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts ”. Air a thogail 21mh dhen Dubhlachd 2016.
  2. Tha Ainmean-Aite na h-Alba a' moladh "Dun De" ach chan eil "Dun Deagh" cearr a-reir AAA: “ Dundee/Dun De ”. Ainmean-Aite na h-Alba . Air a thogail 9mh dhen Mhart 2023.
  3. SisterCities

Faic cuideachd [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Gairm; Aireamh 28 (An Samhradh 1959)

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]