Aonadh Kalmar

O Uicipeid
Aonadh Kalmar
Kalmarunionen
 
 
 
1397 ? 1523  
 
Bratach na duthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Toiseachaidh 1397
Bliadhna mu Dheireadh 1523
Priomh-Bhaile Copenhagen
Cana(i)n Oifigeil Danmhairgis , Laideann , Suainis
Farsaingeachd 3,000,000 km 2

B' e stait air a steidheachadh air aonadh pearsanta an Righ a bh' anns an Aonadh Kalmar ( Danmhairgis / Nirribhis / Suainis : Kalmarunionen , Laideann : Unio Calmariensis ). [1] Chaidh a chruthachadh ann an Kalmar ann an 1397 tro aonadh Rioghachd na Danmhairge , Rioghachd Nirribhidh agus Rioghachd na Suaine . Chruthachadh an t-Aonadh Kalmar air sailleabh gu robh cunnart ann gum fasadh an Liog Hansa na bu chumhachdaile ann an Lochlann agus thar na Mara Baltaich . [2] Cha b' e aon stait a bh' ann, ach tri staitean - agus an cuid cholonaidhean - fo stiuireadh aon Righ. B' ann ann an Halmstad a reiteachadh co a bhiodh na Righ. Cha do mhair an t-Aonadh Kalmar o chionn 's gur robh coimhearachd ann bho uaislean na Suaine. [3] Ged a bha an staite ann fad 126 bliadhna, thathar a' fagail air nach robh ach a' chaoile ghorm a bh' ann. [4] Bhris an t-Aonadh Kalmar a-mach as a cheile ann an 1523 mu dheireadh thall, ged a lean Nirribhidh fo buaidh na Danmhairge gu ruige 1827 . [5] Cha b' urrainn dha na Righrean an t-aonadh pearsanta atharrachadh gu stait aonadach. B' e sin a bha aig cnag na cuise ann an comhstri eadar an Danmhairg agus a' Phruis fad an 19mh Linn . [6] Ghabh an t-Aonadh Kalmar a-steach sgirean mora anns a' Ghraonlainn , ann an Suomaidh , anns an Ruis , anns a' Ghearmailt , ann an Innis Tile agus - a bharrachd air Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba .

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Sydsverige
  2. Store Norske Leksikon
  3. Universite Laval
  4. Rummet
  5. Danmarks Historien
  6. Fortress Scandinavia