Almaty

O Uicipeid
Almaty
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Duthaich Casachstan
Co-chomharran 43° 15' N,
76° 55' O
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 324.8 km²
Aireamh-shluaigh 1,226,300 ( 2005 )
Dluths 3,775.55/km²
Duilleag oifigeil www.almaty

‘S e am baile as motha ann an Casachstan a tha ann an Almaty . [1] (canan kazakh: Алматы). Eadar 1921 agus 1991 bha e na phriomh-bhaile aig am Kazakh Soviet Socialist Republic agus an uair sin ann am Poblachd Kazakhstan (1991 gu 1998). Eadhon ged an do ghluais an cumhachd poileataigeach gu Astana ann an 1998, ‘s e Almaty cridhe malairteach na duthcha fhathast. Gus na 1980 bha gu bhith 50% de mhuinntir a’ bhaile nan Ruiseach. Ach dh’fhag iad aig am neo-eisimeileachd Chasachstain. [2]

Tha Almaty na laighe anns an earra-dheas na Casachstain, faisg air criochan Cirgiostan agus 300 cilemeatair bhon chriochan Sineach . Tha am baile suidhichte aig cois na ruith bheanntan Tian Shan ? Transili-Alatau . Tha an t-ainm Almaty a’ ciallachadh: "beairteach le ubhlan".

Anns na sgirean timcheall air Almaty tha ubhlan riasgail ( Malus sieversii ) a’ fas. Tha luchd rannsachadh ag smaoineachadh gur e sin an t-ubhal as sine air feadh an t- Saoghail agus gu bheil na h-ubhlan anns an latha an-diugh a’ buntainn don aite sin. Thainig an t-ainm bho Alma-Ata, ainm a bha na Ruiseach a’ cleachdadh airson Almaty: "алма" (ubhal) agus "ата" (seanair), ach canar gun do rinn iad mearachd leis an eadar-theangachadh.

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Atlas Sgoile Oxford le Storlann Naiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Lonely Planet
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: