한국   대만   중국   일본 
Spainntis - Uicipeid

'S e canan Innd-Eorpach a`tha ann an Spainntis , ainm bho thus: castellano . Thainig an canan bho thaobh tuath na Spainne . Tha freumhan cumanta aig an Spainntis agus am Portagailis . Tha Spainntis ga bhruidhinn anns an Roinn Eorpa, ann am corra aite ann an Aisia is Afraga, agus gu h-araidh air feadh Aimearaga.

Spainntis
espanol, castellano
Fuaimneachadh espa??ol/, /kaste??ano/
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

500 millean (mar ciad chainnt)
417 millean mar chiad is darna chanan

Reangach 2 or 3 (mar chiad chainnt) [1]
3 (gu leir)
Teaghlach-chanan

Innd-Eorpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chanan oifigeil 21 duthchannan
'Ga riaghladh le Association of Spanish Language Academies ( Real Academia Espanola is 21 acadamaidhean eile)
Codan Canan
ISO 639-1 es
ISO 639-2 spa
ISO 639-3 spa
Roinnean far a bheil Spainntis ga bruidhinn;
Dearg : Spainntis mar canan oifigeil a-mhain,
Gorm : Spainntis mar canan oifigeil comhla ri canain eile

Eachdraidh

deasaich

Thathar ag radh gun do nochd an Spainntis agus Am Portagailis mar chanain re linntean na cogaidhean an aghaidh nan Arabach. Aig toiseach toiseachaidh an ghnothaich, fhad' s a bha lamh an uachdair fhathast leis na Arabaich, bha sreath dhe Rioghachdan beaga neo-eisimeileach ann, is iad uile ann an ceann a thuath na Spainne. Anns A' Ghailis , bha canan le freumhan Laideann ga bhruidhinn. Beag air bheag, rinneadh na Criostaidhich an gnothaich air na h-Arabaich, gan sguabadh a-mach as an duthaich. Mu dheireadh thall, nochd da stait, An Spainn agus A' Phortagail, far an robh da chanan coltach ann: Spainntis agus Portagailis.

Laideann ga Bhruidhinn

deasaich

Cha robh Laideann ga bhruidhinn ann am Iberia mus do rainig feachd na Roimh ann am 318 RO is rinn iad an gnothaich mu dheireadh thall ann an 18 RO, fo Chaesar Augustus. Sgaoil an canan fad is farsaing gu luath, agus an ceann beagan ghinealach, bha na cananan tusail air a bhasachadh ach ann corra aite. Thathar a' creidsinn gu robh na daoine deiseil airson a ghabhail ri cultar agus canan na Roimh leis gu robh cultaran adhartach mar na Greugaich ann bho thus. Anns a' chiad linn thuit iompaireachd na Roimh a-mach a cheile agus thoisich leasachadh neo-eisimeileachd a' chanain anns na beanntan ann an thaobh mu thuath na duthcha. Tha iomadh ainm-aite Laideann anns an Spainn gus an latha an-diugh. Cha do leig na cananan tusail ach facal neo dha.

Turas na Visigoths

deasaich

Bha lamh an iuchair aig na Visigoths, treudan as a' Ghearmailt, re iomadh linne an deidh dha na Romanaich Hispania fhagail. Thug iad facal neo dha dhuibh, ach cha do chuir an canan aca air an duthaich, leis cho proiseil a bha cultar agus canan na Roimh, ged nach robh a saighdearan nas motha. 'S e clas flathail a chruthaich iad anns an Spainn. An dileab aca: na sloinnidh. 'S e ainmean Visigoth a th' ann na sloinnidh Spainnteach le -ez: Martinez = Mac Mhartainn, Rodriguez = Mac Ruaraidh (Martin's/Roderick's).

A' Bhuaidh Arabach

deasaich

Ann am 711 Rainig airm Muslamach an ceann a deas na Spainne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chanan laitheil beo anns an duthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Righ Fernando agus Banrighinn Isabel an Rioghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fogarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am Maroco . 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tirean Muslamaich far a bheil An Spainn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Re 881 bliadhna bha cultar Arabach, saidheans , ionnsachadh, aiteachas , smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na duthcha agus gu ruige an Roinn Eorpa. Chruthaich righrean na Spainne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an deidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eorpa beartas mor bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan Iudhaich agus Criostaidh nan tamh gu sitheil comhla.

Seo sreath fhacail le tus Arabach ann an Spainntis. Mar as abhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, aiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.

Facal ann an Spainntis [2] Facal ann an Arabais Fuaimneachadh Facal anns a' Ghaidhlig
Alqueria ???? Qeriya Baile beag armailte
Aceite ??? Zayt Ola
Albaricoque Albarquq Crann chocair
Tobaco ????? Tabaq Tombac
Jabali Ghabali Tuirc
Limon ????? Laymun Liomaid
Algebra ??? ????? Alghabru Ailseabra
Aceituna ??????? Azazaytuna Meas a' Chrann-ola
Acequia Assaqya Clais-uisge
Visir ?????? Wazir Ministear an Riaghaltais
Alberca ???? Albirqa Stor-uisge
Alcalde Alqadi Probhaist
Azotea Assuthayha Mullach comhnard taigh
Alferez Alfaris Leas-oifigear
Tabique Taisbik balla
Almirante ?????? Amir Ceann-loingeis
Fanega Faniqa Acair
Alcazar ??????? Qasr Caisteal
¡Ojala! O mo chreach!
Cafe ???? Qahwah Cofaidh

Ceannsachadh Aimearagaidh

deasaich
 
Ceannsachadh Aimearagaidh

Ann an 1592, rainig loingeas Spainnteach eileanan anns a' Chairib. Le sin, thoisich ceannsachadh mor a thug an tir-mor Aimearaga fo bhuaidh na Spainne neo A' Phortagail bho Chalifornia mu thuath gu ruige Patagonia ann an ceann a deas. Cha do chaill An Spainn an colonaidh mu dheireadh aice gus 1898, nuair bhuannaich na Staitean Aonaichte ann an Cuba. Rinn na Spainntich droch mhilleadh an siud, agus thuit an aireamh-shluaigh gu mor, leis nach robh iad deiseil airson gan dion bho tinneasan na Roinn Eorpa is an droch laimhseachaidh a fhuair iad. A bharrachd air sin, nochd iomadach fhacal ann an Spainntis: faclan airson rudan nach fhaiceadh a-riamh ann an Roinn Eorpa, rudan a-nis cho laitheil dhuinn, mar a' bhuntata neo an tomato.

Seo sreath dhe na faclan a thainig dhan Spainntis bho na Canainean tusail ann an Aimearaga, gu h-araidh bho na cultaran adhartach. Gu tric, tha faclan tusanach eadar-dhealaichte anns gach uile duthaich ann an Aimearaga Laideannach. Mar eisimpleir, ann am Meagsago, tha na faclan bho Nauhatl, canan nan Aztec, uabhasach pailt. Ann am Pearu, tha a' mhor-chuid dhuibh a' tighinn bho Quechua, teanga oifigeil Tawantinsuyu . An latha an diugh, 's e Piri-Piri ( Guaranaidh ) an t-ainm ann am Paraguaidh agus Braisil air an stuth ris an canar chile (nahuatl) ann am Meagsago, ach 's e aji (taino) am facal a tha aca air feadh na Mara Chairibianach.

Facal ann an Spainntis [3] Facal tusail Canan tusail Roinn Facal anns a' Ghaidhlig
Achiote achiyotl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Stuth dearg 'son cocaireachd
Aguacate Ahuacatl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Abhocado
Barbacoa Taino Muir Chairibianach aine-chaoire
Bejuco
Bohio Tobht
Cacique Ka Chi Ka Taino Muir Chairibianach Ceann-cinnidh
Canibal Caribal Taino Muir Chairibianach Canabail
Caucho Kauchu Quechua Pearu Rubair
Chicle tzictli Nauhatl Aimearaga Meadhannach Glaodh Cagnaidh
Chile Chilli Nauhatl Aimearaga Meadhannach Tile
Chocolate Xoco (searbh) Atl (uisge) Nauhatl Aimearaga Meadhanach Teoclaid
Guacamole Huaca Mulli Nauhatl Aimearaga Meadhanach Sabhas guacamole
Guagua Wawa Quechua Pearu Aran milis
Guayaba Arawak Muir Chairibianach Meas Ghuabha
Huracan Taino Muir Chairibianach Stoirm mhor
Iguana Iwana Arawak Muir Chairibianach Ioguana
Maiz Mahis Taino Muir Chairibianach Cruinneachd Innseanach
Papa Papa Quechua Pearu Buntata
Pirana Pira (iasg) Anha Guarani Paraguaidh Mhor Iasg Piranha
Tomate Tomatl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Tomato

An-diugh tha eadar 322 agus 400 millean duine a' bhruidhinn Spainntis mar priomh-chanan.

Duthchannan far a bheil Spainntis ga bhruidhinn

deasaich

Canan Oifigeil

deasaich

'S e Canan fa-leth eadar-naiseanta a th' ann an Spainntis, leis gu bheil e ga bhruidhinn ann a bharrachd air 20 duthchannan. 'S an teanga oifigeil anns na duthchannan a leanas. Tha iad uile duthchannan a bha fo bhuaidh iompaireachd na Spainne o shean:

  An Argantain   Coloimbia   El Salbhador   Niocaragua
  A' Bheiniseala   Costa Rica   Guatamala   Panama
  An t-Sile   Cuba   Honduras   Poblachd Dhoiminicia
  An Spainn   Eacuador   Meagsago   Uruguaidh

Canan Co-oifigeil

deasaich

'S an teanga co-oifigeil anns na duthchannan a leanas a th' ann an Spainntis, is iad uile duthchannan ann an Aimearaga-Laideannach far a bheil sluagh laidir tusanach, neo fada falbh bhon na sgirean a bha fo bhuaidh na Spainne, mar Afraga neo Aisia . A bharrachd air sin, tha an Spainntis na chanan co-oifigeil ann am Puerto Rico, air sgath gu bheil ceanglaichean laidir aige ris na Staitean Aonaichte :

A bharrachd air sin, tha iomadh mhuillean dhe daoine le Spainntis mar chiad canan anns na Staitean Aonaichte , seadh ann an coimhearsnachdan Spainntich traidiseanta air feadh na staitean a chaill Meagsago ann an cogadh an aghaidh Riaghaltais Washington ( Texas agus California , mar eisimpleir), seadh in-imrich anns na bailtean-mora.

Suidheachadh Cananach anns an Spainn

deasaich
 
An Spainne Aon Mor Saor

Tha an suidheachadh cananach air atharrachadh gu mor bho chaochail an deachdaire Francisco Franco ann an 1975. 'Se an aon chanan oifigeil na duthcha a bh' ann an Spainntis, is an tir fa-leth fo bhratach na Spainntis. Mar a leughadh air gach uile bonn airgid o shean Espana:, Una, Grande, Libre (An Spainn: Aon, Mor, Saor). Ach Bhasaich e agus dh'atharraich an duthaich gu tur. Ghlaodh Bun-Reachd na Spainne (1978):

Is e Canan oifigeil na Stait a th' ann an Spainntis Castellanach. Tha dleastanas aig gach uile Spainnteach a bhith eolach air agus tha coir aca a bhith ga chleachdadh. Is e canainean Spainntich oifigeil anns na Roinnean aca le fein-ughdarras a th' ann na canainean eile cuideachd, a-reir na Aontaidhean a th' ann. 'S e dileab chultarail a th' ann am beartas aig an caochlach doighean labhairt na Spainne is bidh iad fo mheas agus dion sonraichte. [8]

A-nis, tha na cananan roinneil ( Basgais , Catalanais agus Gailisis a' dol bho neart gu neart, tha steiseanan telebhisein rim faotainn ann gach fear dhuibh, tha iad gam cleachdadh anns na soighnichean rathaid agus, gu h-araidh, tha foghlam tro mheadhan na mion-chanain ga sgaoileadh air feadh na roinnean sin. Thathar ag aithneachadh na daoine le da chanan anns an Spainn, oir 's e Spainntis brighmhor soilleir a th' acasan, leis cho soirbheachail a tha poileasaidhean da chananach na duthcha.

Iomraidhean

deasaich
  1. 100 Languages by Population .
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Bolivia: Decreto Supremo Nº 25894, 11 de septiembre de 2000 ”. Portal Juridico Libre de Bolivia. Air a thogail 28mh?dhen Lunasdal 2023.
  5. Constitucion del Paraguay de 1992
  6. Constitucion del Peru de 1993
  7. [1]
  8. Constitucion Espanola de 1978 .