한국   대만   중국   일본 
Muir Mharmara - Uicipeid Jump to content

Muir Mharmara

O Uicipeid
Muir Mharmara
Suidheachadh
Ainm duthchail Marmara Denizi
Seorsa Muir
Farsaingeachd 11,350 km2
Fad 280km
Leud 80km
Mor-roinn Aisia / Roinn-Eorpa
Duthaich An Tuirc
Larach-lin Cevre ve ?ehircilik Bakanli?i

'S e muir staigh-thir anns an Tuirc a th' ann am Muir Mharmara ( Turcais : Marmara Denizi ). Tha i suidhichte eadar Aisia agus an Roinn-Eorpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar am Muir Aigeanach / na Dardainealan agus a' Mhuir Dhubh / Bosfaras a th' ann. Tha a' mhuir 280km a dh'fhaide agus 80km a leud. Chan eil a' Mhuir Mharmara cho domhainn, direach 494m thar cheann, ged a tha i moran nas doimhne ann an corra aite, fiu 's 1,370. Tha salannachd mheadhanach aice, 38psu. [1] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh a' Mhuir Mharmara mu 5600 RC, nuair a bha ire na mara a' sior-fhas an deidh Linn na Deighe . [2] B' e loch mor a bh' innte ro laimh.

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann a μ?ρμαρον ( Gaidhlig : marmor ) ann an Greugais a tha an t-ainm. [3]

Bailtean [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Harvard
  2. Ryan, W.B.F., Pitman, W.C.; et al. (An Giblean 1997). "An Abrupt Drowning Of The Black Sea Shelf". Marine Geology 138: 119?126.
  3. Perseus