St. Louis, Missouri

O Uicipeid
St. Louis
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Duthaich Na Staitean Aonaichte
Cearn St. Louis
Sgire Missouri
Co-chomharran 38° 37’ 38 Tuath
90° 11′ 52 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 171.3 km²
Aireamh-shluaigh 365,589 (2009)
Dluths 2,134.2/km²
Aireamh fon 320
Duilleag oifigeil http://stlouis-mo.gov/

‘S e baile uabhasach mor faisg air Kansas City ann an iar-mheadhan Na Staitean Aonaichte a th’ ann an St. Louis ( IPA Beurla : se?nt ?luː?s, Fraingis : s?? lwi). [1] Chaidh am baile a steidheachadh leis na Frangaich eadar 1703 agus 1764 . Tha e suidhichte aig 142m os cionn ire na mara aig inbhir na h-Aibhnichean Mississippi agus Missouri , dhe 1,140km air falbh bho Washington , priomh-bhaile na duthcha , 1,552km bho Los Angeles agus 418km bho Chicago [2] Tha am baile air an airde an ear Mhissouri. Tha 365,589 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Rugadh 6.3% thall thairis agus ‘s e daoine le freumhan ann an Aimearaga Laideannach a tha 2.9% agus daoine le freumhan ann an Afraga a th' ann 48.2%. [3] ‘S e an 53mh baile as motha na duthcha a th’ ann St. Louis agus an 4mh sgire as motha ann an iar-mheadhan co-dhiu. [4]

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Chaidh am baile a steidheachadh le dithis fhear-mhalairt as an Fhraing, Pierre Laclede agus Rene Auguste Chouteau, eadar 1703 agus 1764 . [5] Thug iad ainm an Righ Louis XVI dhan aite. ‘S e aite mhalairt a bh' ann aig an toiseach. Reic Napoleon an sgire dha na Staitean Aonaichte ann an 1804 . [6] Dh’fhas am baile a bhith gu math laidir taobh ghniomhachais fad an 19mh linn gu ruige a’ chiad leth dhan 20mh linn . [7] Rainig daoine bhon An Roinn-Eorpa , gu seachd araidh a Eirinn , as An Eadailt agus as A’ Ghearmailt agus le sin b’ e St. Louis an 4mh baile na duthcha aig an am. ‘S e daoine le freumhan ann an Afraga a th' ann an coimhearsnachd bheag-chuid as treasa an latha an-diugh. Bha an darna leth an 20 linn uabhasach doirbh taobh ghniomhachais, chaill am baile iomadach daoine agus thuit e gu bhith an 53mh baile na duthcha, [8] ach tha priomh oifisean neo taighean-gniomhachais aig torr companaidhean cudromach ann an St. Louis fhathast, mar eisimpleir Playtex, Budweiser, Wells Fargo, Energizer, DaimlerChrysler agus Alamo. [9]

Daoine Ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]