한국   대만   중국   일본 
Santander - Uicipeid Jump to content

Santander

O Uicipeid
Santander
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Duthaich An Spainn
Cearn Santander
Sgire Cantabria
Co-chomharran 43° 28′ 00″ Tuath
03° 48′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.76 km²
Aireamh-shluaigh 177,123 (2014)
Dluths 5,095.6/km²
Aireamh fon 942
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile mor agus port gu math cudromach ann an Cantabria ( An Spainn ) a th' ann an Santander ( IPA : santan?der ). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na duthcha , aig 15m os cionn ire na mara , anns an sgire Shantander fhein. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1248 . 'S e direach Spainntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e am port, turasachd ,na bataichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 177,123 duine a' fuireach ann. Chan eil eucoir na trioblaid mhor an seo. [1]

Freumahn an Ainm [ deasaich | deasaich an tus ]

'S ann a sanct ( naomh ) agus Ander ( Anndra ) ann an seann Spainntis a tha ainm a' bhaile. Bheireadh sin Cill Anndra neo Baile Anndra dhuinn sa Ghaidhlig an latha an diugh. [2] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann a Portus Sanctorum Emeterii et Celedonii (Sancti Emetherii > Sancti Emderii > Sanct Endere > San Andero > Santendere > Santanderio > Santander).

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Thathar air stuth Romanach a lorg san aite far an robh port, air an robh Portus Victoriae Iuliobrigensium . [3] Nochd ainm a' bhaile ann an sgriobhainn airson a' chiad turais ann an 1068 . Ann an 1158 fhuair Santander a chuid choirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an 1296 agus 1311 Thainig an reile - agus turasachd - ann an 1858 . [4] Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata Cabo Machichaco ann an 1893 . Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a laimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach ann an Cogadh Siobhalta na Spainne ann an 1937 . Chaidh 90,000 saighdear a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhein agus san sgire mu timcheall. [5] Chaidh Oilthigh Cantabria a steidheachadh an seo ann an 1972 . [6]

Cruinn-eolas [ deasaich | deasaich an tus ]

A reir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhios as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhios as fhuaire ann an Santander . [7] Tuit 1129mm de dh' uisge air a' bhaile fad na bliadhna - direach 44mm nas lugha na Steornabhagh (1173mm) - leis gur e aite fliuch a th' ann, an taca ri aiteachan eile san Spainnː

Daoine Ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Diario Montanes
  2. Fernandez Gonzalez, Lorena (2002). Santander una ciudad Medieval. Estvdio. ISBN 9788495742056
  3. Regio Cantabrorum
  4. Alar Santander
  5. Diario Montanes
  6. UNICAN
  7. Aemet
  8. Matilde Camus