한국   대만   중국   일본 
Rioghachd Bayern - Uicipeid Jump to content

Rioghachd Bayern

O Uicipeid
Rioghachd Bayern
Konigreich Bayern
  1806 ? 1918  
Bratach na duthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Toiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Priomh-Bhaile Munchen
Cana(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 75,865 km 2
Aireamh-shluaigh 6,524,372 ( 1910 )
Dluths 86/km 2

B’ e duthaich mheadhanach neo-eisimeileach ann an ceann a deas na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Rioghachd Bayern ( Gearmailtis : Konigreich Bayern ). [1] B’ e Munchen a bh’ ann priomh-bhaile na duthcha agus b' e an Teaghlach uasal Wittlesbach a bha os a cionn. [2] Chruthachadh an Rioghachd tro Chordadh Phressburg, [3] nuair a ghairm Napoleon Bonaparte gur e righ an aite diuc a bh' ann ceannard na Prionnsalachd-taghaidh Bayern ri linn atharrachadh mor a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Reine , [4] an deidh dha chur as do dh' Impireachd Naomh na Roimhe . Bha Bayern na ball a' Cho-chaidreachais bho 1806, a' cur 30,000 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais, gus a chuir i cul air An Fhraing ann an 1813 agus ghabh i thairis air Ard-Dhiucachd Frankfurt . Chaill Bayern fearann ann an Tyrol agus Voralberg dhan Ostair tro Chordadh Pharis ( 1815 ), [5] ach fhuaireadh Aschaffenburg) agus sgire neo dha ann an Hesse-Darmstadt nan aite. Mhair an stait seo mar sgire fad Impireachd na Gearmailte (1871 ? 1918 ). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhor air Bayern agus leig an Righ Ludwig III dheth an crun. Chaidh poblachd , a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhein, a steidheachadh na h-aite. [6]

Righrean [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Maximilian I. Joseph, 1806 ? 1825
  • Ludwig I. 1825 ? 1848
  • Maximilian II. Joseph 1848 ? 1864
  • Ludwig II., 1864 ? 1886
  • Otto I., 1886 ? 1916 (tainistearan: Luitpold, 1886 ? 1912 , Ludwig III, 1912 ? 1913
  • Ludwig III. 1913 ? 1918

Bailtean Eile [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Almanach de Gotha
  2. Almanach de Gotha
  3. Joseph Engel et Ernst Walter Zeeden, Grosser Historischer Weltatlas. Drittter Teil. Neuzeit, Bayerischer Schulbuch-Verlag, 1981, 3762760217
  4. Napoleon
  5. Victorian Web
  6. Lucha de Clases