한국   대만   중국   일본 
Plze? - Uicipeid Jump to content

Plze?

O Uicipeid
Plze?
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Duthaich An t-Seic
Cearn Plze?-m?sto
Sgire Plze?sky kraj
Co-chomharran 49° 44 51' Tuath
13° 22 39' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 137.65 km²
Aireamh-shluaigh 169,033 (2017)
Dluths 1,227.99/km²
Aireamh fon + 378
Duilleag oifigeil http://www.plzen.eu

'S e baile mor agus sgireachd ( Seacais : okres ) air an airde an iar Poblachd nan Seiceach a th' ann am Plze? ( IPA : pl?.z?? , Gearmailtis : Pilsen ). Tha Plze? suidhichte air na criochain leis A' Ghearmailt , eadar Prag agus Nurnberg san roinn ( Seacais : kraj ) Plze?sky , aig comar nan Aibhneachan M?e, Radbusa, Uhlava, Uslava agus Oder (Seacais Odra ), aig 310m os cionn ire na mara . Tha 169,033 duine a' fuireach ann. [1] 'S e an ceathramh baile as motha na duthcha a th' ann cuideachd.

Eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Chaidh am baile a chlaradh airson a' chiad turais ann an 976 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918 . Dh'fhas Plze? gu math beairteach anns na meadhanan aoisean air sailleabh gu robh e suidhichte air slighe mhalairt eadar Regensburg agus Nurnberg . Cha do ghabh muinntir Phlze? leis na beachdan ura aig Jan Hus ( 1369 ? 1415 ) ged a bha iad nam mion-chuid fad da cheud bliadhna. Ann an 1618 thuit am baile do fheachdan Phrosdanaich fo Ernst von Mansfeld ann an Cogadh nan 30 Bliadhna, a chum e gu ruige 1621 . [2] Chuairtich feachdan na Suaine am baile tri tursan eadar 1637 agus 1648 , cha do gheill e idir. Thoisich Tionndadh Gniomhachais an seo fad an 19mh Linn leis gun do dh'fhosgladh taighean-gniomhachais mora mar ?koda ( 1869 ) agus reilichean. Dh'atharraich sin am baile is Seicich a-nis nam mor-chuid is daoine aig an robh Gearmailtis nam mion-chuid. Nochd an leann Pilsner an seo ann an 1842 , [3] air a leasachadh le Josef Groll, a Bayern . Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an 2002 [4]

Daoine Ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Bailtean Co-cheagailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Cunntas-sluaigh na Staite
  2. NKP Teamplaid:Fix/category [ dead link ]
  3. The Spruce
  4. Waymarking
  5. Alfred Stingl: Die Familie Skoda. In: Der Heimatkreis Mies, 1962.
  6. Offizielle Website der Stadt Gera

Ceanglaichean A-mach [ deasaich | deasaich an tus ]