한국   대만   중국   일본 
Partaidh Comunnach Romainia - Uicipeid Jump to content

Partaidh Comunnach Romainia

O Uicipeid
Partidul Comunist Roman
Partaidh Comunnach Romainia
Fiosrachadh
Steidheachadh 8 an Ceitean 1921 gu 22 an Dubhlachd 1989
Luchd-steidheachaidh Gheorghe Cristescu , Vitali Holostenco , Elek Koblos , Boris Stefanov
Aite-Steidheachaidh Bucharest
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Co-mhaoineas agus Stalineachd
Cathraiche Ana Pauker , Gheorghe Gheorghiu-Dej agus Nicolae Ceau?escu
Riaghaltas 1944 - 1989

B' e partaidh poileatagach a Romainia a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas agus Stalineachd a bh' ann am Partidul Comunist Roman ( IPA : par?tidul k?mun?ist r??m?n , giorrachadh: PCR , Gaidhlig : Partaidh Comunnach Romainia ). [1] Chaidh am PCR a steidheachadh tron sgarradh on Phartidul Social Democrat Roman (Gaidhlig: Partaidh Comunnach Romainia ) ann am Bucharest ann an 1921. Cha do ghabh am PCR pairt ann an taghadh no taghadh eadar na cogaidhean leis gu robh e fo thoirmeasg bho 1924 gu ruige deireadh an Darna Cogaidh . [2] Ghabh am Partaidh os laimh Riaghaltas na duthcha , le taic on Aonadh Sobhiatach , ann an 1944 agus chumadh e Romainia fo smachd, agus gu math dluth air Stalin , gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989. [3] B' i Ana Pauker (Hana Rabinsohn) a bh' anns a' chiad cheannard comunnach na duthcha ach chaill i a dreuchd ann an cur-fodha an aghaidh Iudhaich sa Phartaidh, ann an 1952 . Fhuair Gheorghe Gheorghiu-Dej ceannas na duthcha gus a chaochail e le aillse ann an 1965 . Chuireadh Nicolae Ceau?escu na aite, ach chaidh esan a chur gu bas ann an Targovi?te ann an 1989 . B' e Uniunea Tineretului Comunist ( Gaidhlig : Aonadh nan Comannach Oga) a bh' ann a bhuidheann oigridh agus b' e Scinteia (Gaidhlig: An Sradag) a bh' ann paipear-naidheachd a' pairtidh. [4]

Buill a' Phairtidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Keith Hitchins, Romania 1866-1947. Edi?ia a IV-a, Bucharest , 2013 , ISBN 978-973-50-3922-6
  2. Dinu C. Giurescu, Cade Cortina de Fier. Romania 1947, Documente diplomatice. Editura Curtea Veche, Bucharest, 2002
  3. Dennis Deletant, Teroarea comunist? in Romania. Gheorghiu-Dej ?i statul poli?ienesc, 1948-1965, Polirom, 2001 , Ia?i , ISBN 973-683-783-1
  4. Adev?rul
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: