Murchadh Moireach

O Uicipeid

Bha Murchadh Moireach ( 1890 - 1964 ) ’na shaighdear agus ’na bhard Gaidhlig a Leodhas . Rugadh e ann an Sgire Bhac agus bha athair na ghreusaiche. [1] B' e Murdo Murray a bh’ air sa Bheurla. Chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steornabhagh agus bha e 'na dux ann an 1909. [1] Fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1913. Ghabh e anns an arm ann an 1914. Nuair a bha e 'n sas anns a' Chogadh Mhor , bha e a' cumail leabhar-latha an da chuid sa Ghaidhlig agus sa Bheurla. Nuair a thainig crioch air a' chogadh, bha e ag obair mar thidsear is an deidh sin mar neach-sgrudaidh airson sgoiltean.

Murchadh Moireach agus Iain Rothach [ deasaich | deasaich an tus ]

Bha Murchadh Moireach na charaid do Iain Rothach , bard Leodhasach eile a bhasaich anns a' Chogadh Mhor. Sgriobh Murchadh aiste air Iain Rothach a chaidh fhoillseachadh ann an Gairm (Aireamh 19, An t-Earrach 1957).

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. 1.0 1.1 Iain Mac a' Ghobhainn agus Ruairidh MacIomhair. "Iain Rothach". Scottish Review, 9 An t-Iuchar 2014.