Katherine Johnson

O Uicipeid
Katherine Johnson
Beatha
Ainm slan Creola Katherine Coleman
Breith White Sulphur Springs (en) Translate, 26 dhen Lunastal 1918
Duthaich   Na Staitean Aonaichte
Cinneadh Aimeireaganaich Afragach
Bas Newport News, Bhirginia , 24 dhen Ghearran 2020
Aite-adhlacaidh Hampton Memorial Gardens (en) Translate
Foghlam
Foghlam West Virginia State University (en) Translate
(1933 - 1937) : matamataig , Fraingis
West Virginia University (en) Translate
(1939 - 1940)
Canain Beurla
Fraingis
Luchd-teagaisg William Claytor (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-saidheans coimpiutaireachd , fiosaigiche , flight engineer (en) Translate, matamataigear agus neach-teagaisg
Fastaichean National Advisory Committee for Aeronautics (en) Translate  (1953 -  1958 )
NASA  (1958 -  1986 )
Duaisean a fhuaras
Buaidh Angie Turner King (en) Translate, Dorothy Vaughan (en) Translate agus William Claytor (en) Translate
Ballrachd Alpha Kappa Alpha (en) Translate
IMDb nm7394341

B' e matamataigear as na Staitean Aonaichte a bha an sas ann am program fanas NASA a bha ann an Katherine Johnson .

Rugadh i ann an White Sulphur Springs , baile beag faisg air Charleston , Virginia an Iar, ann an 1918. Bha i na h-oileanach aig Colaiste Staite Virginia an Iar air sgath 's gun do dh'imrich a parantan o Shiorrachd Ghreenbrier, far nach robh foghlam airson Ameireaganach Afraganach as deidh aois 12. Dh'obair i mar thidsear agus mar bhean-taighe mus do thoisich i aig Ionad Rannsachaidh Langley mar mhatamataigear. Aig an am sin, bha an t-ionad sgarta le goireasan eadar-dhealaichte airson daoine dubha gu ruige 1958 nuair a chaidh an t-ionad pairt de NASA.

Bha i an sas anns a' chiad reul-chuairt le John Glenn ann an 1962, ann an landadh air a' Ghealaich ann an 1969 agus cuideachd anns an turas Apollo 13 is dh'obair i air an spal-fanais. Leig i a dreuchd dhi ann an 1986 is chaochail i 24 Gearran 2020. [1]

Urraman [ deasaich | deasaich an tus ]

Bhuannaich i am Bonn Saorsa a' Chinn-suidhe ann an 2015 agus thug Oilthigh Staite Virginia an Iar dhi urras le sgoilearachas. Riochdaich Taraji P. Henson anns an fhilm Hidden Figures (2016, 'Figearan Falaichte') i. [1] Chaidh an Katherine Johnson IV&V Facility, a tha a' dearbhadh bathair-bog airson iteil anns an fhanais, ainmicheadh oirre. [2]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. 1.0 1.1 Johnson, Nigel: “ Katherine Johnson obituary ”, The Guardian. 24mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2020. 
  2. IV&V Facility Renaming ”. NASA. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2020.