Goilear

O Uicipeid

Is e a tha ann an goilear an mir de inneal smuid sonraichte ri cruthachadh an stoth (smuid) a dh'iomanas an inneal . Cruthachar an stoth le goileadh uisge , mar sin an t-ainm.

Tha goilearan air a bhi deanta do iomadh samhuil re an tri cheud bhliadhna a chaidh. Is ann an goilear bu simplidh goilear a' phoit : coire duinte ach airson piob a tharruinneas stoth dheth. Cleachdar goilearan den seorsa seo chun latha an diugh air innealan beaga a theid air reic mar deideagan. Ged a chaidh cleachdadh air goilearan den leithid air innealan-taosgaidh gu deireadh an ochdamh linn deug, chan eil goilearan mor den samhuil seo eifeagachd.

Tha comas goilear a chruthaich stoth a reir meud a h-aghaidh-bhlathasaidh. Mus am bith aghaidhean gu leor aig goilearan a tharruinn blaths gu luath as an connadh duibh, deanar an cuid bu mhotha de goilearan le feadain-uisge , pioban uisge a ruitheas tro chiste an teine neo le feadain-teine , a tharruinneas gasaichean loisgte on teine , tro roinn an uisge.

Gu ire mhor cleachdar goilearan le pioban uisge an ionadan-dhealain a losgas gual . Tha goilearan le iomadh feadan-teine nas lugha airson an cumhachd a libhrigeas iad agus cleachdar iad air innealan-stoith nan rathad-iarainn .

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: