한국   대만   중국   일본 
Dearcmhara shawcrossi - Uicipeid Jump to content

Dearcmhara shawcrossi

O Uicipeid
Dearcmhara shawcrossi
Rangachadh saidheansail
Rioghachd Animalia
Fileam Chordata
Clas Reptilia
Ordugh Ichthyosauria
Fo-ordugh Neoichthyosauria †
Geineas Dearcmhara †
Speiseas D. shawcrossi

'S e seorsa Ichthyosaur a tha ann an Dearcmhara shawcrossi . Chaidh cnamhan a thaisgealadh ann an 1959 ann am Baigh Bearreraig faisg air Stafainn anns an Eilean Sgitheanach . [1] Tha na h-eolaichean dhen bheachd gur e seorsa ur a th' anns an Dearcmhara shawcrossi. [1] Bha an snagair bho linn na h-ailbhinn gu bith 14 troighean a dh'fhad bhon t- sroin chun an earbaill , agus bha e beo o chionn mu 170 millean bliadhna. (Meadhan- Diurasach ). 'S e sin a' chiad ichthyosaur ann an Alba a nochdas ann an foillseachan saidheansail. [2]

Chaidh na cnamhan a lorg le Brian Shawcross a bhuineas don aite fhein. Gus urram a thoirt air Shawcross chaidh an fhosail ur ainmeachadh gu h-oifigeil a reir an duine seo. Ged a tha ainmean Gaidhlig oifigeil gann air seorsaichean bheathaichean tha a' chiad ainm "Dearcmhara" aon dhiubh. [1]

Tha an fhosail anns an Hunterian Museum ann an Glaschu a-nis.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. 1.0 1.1 1.2 Guardian 11 Faoi. 2015 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015
  2. Stephen L. Brusatte et al. (2014) Ichthyosaurs from the Jurassic of Skye, Scotland , Scottish Journal of Geology td.11 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]