한국   대만   중국   일본 
Cuenca (provincia) - Uicipeid Jump to content

Cuenca (provincia)

O Uicipeid
Cuenca
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Duthaich An Spainn
Priomh-bhaile Cuenca (en) Translate
Steidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 17,141 km²
Aireamh-shluaigh 219,138 (2014)
Dluths 12.78/km²
Aireamh fon + (969)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spainne a tha ann an Cuenca ( IPA : kweŋka ). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha , ann an ceann a deas na duthcha . 'S e Cuenca a tha na phriomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Runaire na Staite agus Leasachaidh aig an am. [1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fein-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978 , nuair a sgriobhadh Bun-reachd ur. [2] Sinidh Cuenca fad 17,141km² [3] agus tha 219,138 duine a' fuireach ann. [4] Le sin, 's e an 35mh roinn as motha na Spainne a thaobh talmhainn agus an 44mh a thaobh aireimh-sluaigh. Tha criochan aice le Albacete , Ciudad Real , Guadalajara , Madrid , Teruel , Toledo agus Valencia . [5] 'S e direach Spainntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha e coltach gur ann a ????? (Q?nkatu) [6] ann an Arabais a tha an t-ainm, air sailleabh gu robh dun os cionn priomh-bhaile na sgire, nuair a bha an sgire fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ? (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spainntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dha-fhoghair ue (/?/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chanan sin. [7] Mar a b’ abhaist san Spainn, b’ e direach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgire a chuireadh air an roinn.

Bailtean [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitucion Espanola de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geografico Nacional
  6. Herraiz Gascuena M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008 .
  7. Boletin de Filologia