한국   대만   중국   일본 
Chaparral - Uicipeid Jump to content

Chaparral

O Uicipeid
Chaparral
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Duthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Airde 854m
Co-chomharran 04° 55' Tuath
75° 07' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,124 km²
Aireamh-shluaigh 46,712 (2005)
Dluths 21.99/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Chaparral

‘S e baile beag ann an Tolima , Coloimbia , [1] a th’ann Chaparral. Tha e suidhichte aig 854m os cionn ire na mara aig astar dhe bho Bhogota . Tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1773 .

Freumhan an Ainm [ deasaich | deasaich an tus ]

'S e ainm Spainntis a tha a' ciallachadh Achadh nan Darach a th'ann Chaparral, as an fhacal chaparro (basgais: txaparro ). [2] Tha an t-iar-leasachan - al a' ciallachadh aite lan chraobh neo doire-choille, [3] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Yopal ann an Casanare .

Sluagh a' bhaile [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha 46,712 nan tamh anns a' bhaile, agus 21,374 dhuibh a' fuireach anns na sgirean duthchasail am broinn criochan a' bhaile. [4] Tha fearrann na duthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spainntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiuireadh baile air choireigin. [5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an duthaich , tha a' mhor-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhein, is na daoine a' fagail na sgirean duthchasail. Le sin, ‘s e patran aireimh-sluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhor-chuid dhe na daoine ann an Chaparral (is moran dhuibh mestizos ), tha 5.2% dhe Tusanaich agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga . ' S urrainn dhan 81.3% dhe na daoine ann an Chaparral leughadh agus sgriobhadh. A tuilleadh air sin, tha fon aig an taigh aig 20.3% dhe na dachannan. [6]

Feisean [ deasaich | deasaich an tus ]

Thathar a’ cumail am iomadach seorsa dhe fheis ann an Chaparral. Chithear feilltean caitligeach, leis gur e duthaich le mor-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, [7] feisean na staite agus tachartasan ionadail a sheallas cho laidir ‘s tha beairteas cultarail na duthcha.

Daoine Ainmeil [ deasaich | deasaich an tus ]

Jose Maria Melo ( 1800 ? 1860 ): Ceann-suidhe na duthcha ann an 1854 .

Manuel Murillo Toro ( 1816 ? 1880 ): Ceann-suidhe na duthcha eadar 1864 agus 1868 , agus an uair sin eadar 1872 agus 1874 .

Dario Echandia Olaya ( 1897 ? 1989 ): Ceann-suidhe na duthcha iomadh turas fad na 1940an agus na 1960an .

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Duthchannan aig SMO
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Spanish about.com
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach [ deasaich | deasaich an tus ]

An t-side ann an Chaparral