Calbhanaich

O Uicipeid

Seo an coig bun-bheachdan Chalbhnaich, air ainmeatach as Jean Calvin :

1. Adhnair buileach [ deasaich | deasaich an tus ]

Leis a' pheachadh do ar ceud sinnsear, Adhamh agus Eubha, thuit iad o 'n ceud fhireantachd, o 'n co-chomunn ri Dia , mar sin dh'fhas iad marbh ann am peacadh , agus truaillidh gu h-iomlan, ann an uile bhuadhaibh an anama, agus ann an uile bhuill an cuirp. Do bhrigh gu 'm b'iadsan Freumh a chinne-dhaoine uile, bha ciont a' pheacaidh seo air a mheas, agus am bas ceudna 's a' pheacadh agus anns an nadur thruaillidh, air iomchar a dh'ionnsuidh an sliochd uile a tha teachd uatha tre ghinealaich ghnathaichte. O 'n truaillidheachd cheudna seo, leis am bheil sinn gu tur air ar cur o ghleus a chum aon ni maith, air ar deanamh neo-chomasach maith air bith a choimhlionadh, agus air ar suidheachadh 'n a aghaidh, air ar n-aomadh gu h-iomlan chum an uilc, tha na h-uile peacadh gniomha a' teachd.

2. Taghadh neo-chumhnantach [ deasaich | deasaich an tus ]

Trid orduigh Dhe, chum foillseachadh a ghloire, tha cuid eigin do dhaoinibh, agus do ainglibh, air an roimh-orduchadh chum na beatha suthain, agus cuid eile air an roimh-orduchadh chum a' bhais shiorruidh. Iadsan a ta air an tagh-orduchadh roimh laimh chum beatha, rinn Dia roimh thoiseach an t-saoghail, do reir comhairle dhiomhair a ruin shiorruidh, agus neo-chaochlaideich, agus do reir comhairle dhiomhair agus gean maith a thoile fein, an taghadh ann an Criosd chum gloire shiorruidh, o a shaor-ghras agus a ghradh fein, gun roimh-shealladh air creidimh, no deagh oibre, no air buan-mhaireachduinn ann an aon dhiubh, no air aon ni eile 's a' chreutair, mar chumhachaibh, no mar aobharaibh, 'g a bhrosnachadh chuige so; agus so uile chum cliu a ghrais ghlormhoir.

3. So-reite sonraichte [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha na h- ainglean agus na daoine so a bha air an roimh-thagadh agus air an roimh-orduchadh mar so, air an comharachadh fa leth, agus gu neo-chaochlaideach, agus tha 'n aireamh cho cinnteach, agus cho sonraichte, 's nach feudar a mheudachadh, no a lughdachadh. Nuair an Tighearna I^osa Criosd a chur bas air ann chrann-cheusaidh, meomhraich E an roimh-thagadh phobull gu dearbh fhein seadh.

4. Ghras eifeachdach [ deasaich | deasaich an tus ]

Na daoine sin uile a chaidh a roimh-orduchadh le Dia chum beatha, agus iadsan a-mhain, is toil leis 'n a am orduichte agus taitneach an gairm gu h-eifeachdach, le 'fhocal agus le a Spiorad, o 'n staid pheacaidh agus bais anns am bheil iad a thaobh naduir, chum grais agus slainte trid I^osa Criosd; a' soillseachadh an inntinn, gu nithe Dhe a thuigsinn gu spioradail agus gu slainteil; a' tabhairt cridhe cloiche uatha, agus a' tabhairt cridhe feola dhoibh; ag ath-nuadhachadh an toile, agus le a neart uile-chumhachdach a' tabhairt orra socruchadh air an ni a ta maith, agus 'g an tarruing gu h-eifeachdach gu I^osa Criosd: gidheadh is ann air chor 's gu bheil iad a' teachd gu ro shaor, air dhoibh a bhi air an deanamh deonach le a ghras. 'S ann a-mhain o ghras saor agus sonraichte Dhe a ta a' ghairm eifeachdach, 's cha 'n ann o ni 's am bith a chunnacas roimh-laimh 's an duine, neach a ta gu h-iomlan air a chur fuidh chumhachd innte, gus am bheil e, air dha bhi ath-bheothaichte agus ath-nuadhaichte leis an Spiorad Naomh, air a dheanamh comasach a' ghairm so a fhreagradh, agus an gras a ta air a thairgseadh agus air iomchar innte, a dhluth-ghabhail d' a ionnsuidh fein.

5. Am bhuan-mhaireachduinn nan naomh [ deasaich | deasaich an tus ]

Chan fheudar leo-san ris an do ghabh Dia gu taitneach 'n a Mhac ionmhuinn, agus a ghairm e gu h-eifeachdach agus a naomhaich e le a Spiorad, tuiteam gu h-iomlan agus gu criochnail o staid nan gras; ach buan-mhairidh iad ann gu ruig a' chrioch, agus bidh iad air an sabhaladh gu siorruidh. Chan i an saor-thoil fein, is bunchar do bhuan-mhairreanachd so nan naomh, ach neo-chaochlachd orduigh an Taghaidh, a ta sruthadh o ghradh saor, agus neo-chaochlachd Dhe an Athar; eifeachd toillteanais agus eadar-ghuidhe I^osa Criosd; comhnuidh an Spioraid, agus siol Dhe an taobh stigh dhiubh; agus nadur co-cheangail nan gras: agus uatha so uile, tha dearbhachd agus neo-thuiteamachd am buan-mhaireachduinn a' teachd.

Air an lamh eile, seo an coig bun-bheachdan dh'Arminianaich, air ainmeatach bho Seumas Arminius (Jacobus Arminius):

1. An saor-thoil nan daoine

2. Taghadh chumhnantach

3. So-reite uile-choitcheann

4. Gras ioma-chumhann

5. Tuiteam as gras