Cadiz (provincia)

O Uicipeid
Cadiz
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Duthaich An Spainn
Priomh-bhaile Cadiz
Steidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,436 km²
Aireamh-shluaigh 1,243,519 (2014)
Dluths 167.23/km²
Aireamh fon + (956)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spainne a tha ann an Cadiz ( IPA : kaðiθ neo kaðis ). Tha e na laighe ann an Andalusia , ann an ceann a deas na duthcha . 'S e Cadiz a tha na phriomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Runaire na Staite agus Leasachaidh aig an am. [1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fein-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978 , nuair a sgriobhadh Bun-reachd ur. [2] Sinidh Cadiz fad 7,436km² [3] agus tha 1,243,519 duine a' fuireach ann. [4] Le sin, 's e an 34mh roinn as motha na Spainne a thaobh talmhainn agus an ochdamh a thaobh aireimh-sluaigh. Tha criochain aice le Huelva , Malaga agus Sevilla . [5] A bharrachd air sin, tha Giobraltair , a' Chaolas Ghiobraltair agus Afraga gu deas. 'S e Spainntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm [ deasaich | deasaich an tus ]

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann gdr ann am Foinisis a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh dun no caisteal. [6] Mar sin, tha an t-ainm Cadiz coltach ri Agadir, thall ann am Maroco . Bhathar a’ cleachdadh tri ainmean eadar-dhealaichte ann an Greugais : ? Γαδε?ρα (Gadeira), Γ?δειρα (G?deira) agus τ? Γ?δειρα (Gadeira). Chaidh sin atharrachadh gu ann an Arabais a thug Cadiz dhuinn an an Spainntis an latha an-diugh. Mar a b’abhaist san Spainn, b’ e direach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgire a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitucion Espanola de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geografico Nacional
  6. J. Sanmartin (1994). ≪Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura punica en Espana≫. En A. Gonzalez Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo punico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejeria de Cultura y Educacion. Region de Murcia. pp. 227?250. ISBN 84-7564-160-1 .