한국   대만   중국   일본 
Breac - Uicipeid Jump to content

Breac

O Uicipeid

Cleachdaidhean eile aig breac (soilleireachadh)

Breac

'S e seorsa iasg a tha ann am breac ( Laideann : Salmo trutta trutta )

Tha cuid as motha dhe na bhreacan a-mach sa fior-uisge ach tha feadhainn a’ fuireach ann an uisge saillte . Nuair a tha breac na mara a’ mealgachadh bidh iad a’ gluasad air ais dhan fhior-uisge agus dha na h- aibhnichean eadar an t-Iuchar agus an t-Samhain far am bi gach boireannach a’ deanamh timcheall air deich mile uighean. Bidh na feadhainn beaga a’ feitheamh ann gus a bheil iad eadar coig deug no fichead ciadameatairean sa coig, a’ fas le bhith ag ithe beisteagan. As deidh a bhith a’ fuireach anns na uisge saillte airson eadar leth-bhliadhna agus coig bliadhnaichean bidh iad a’ dol air ais dhan fhior-uisge gach bliadhna airson siolradh a dheanamh. Tron an t-am a tha iad anns a’ mhuir bidh iad a’ fuireach faisg air an oirthir gu h-araidh faisg air beoil-aibhne agus aiteachan eile far a bheil fior-uisge a’ tighinn comhla ri uisge saillte. Tha e air a lorg timcheall Bhreatainn .

‘S e iasg fada agus caol a th’ ann le craiceann airgid no donn air aig a bheil piosan orains, uaine agus gorm. San fharsaingeachd tha an t-iasg seo eadar da fhichead agus leth cheud ciadameatairean air fad. Mar torr eisg eile bidh breac ag ithe eisg beag eile nuair a tha iad anns a’ mhuir.

Tha torr daoine ag iasgach airson breac airson spors agus tha aiteachan ann far a dh’ fheumadh tu cead fhaighinn airson gan glacadh. Tha e torr nas fhasa a bhith a’ faighinn breac bhon fhior-uisge seachd air a’ mhuir agus ‘s e duais mhor a th’ ann a bhith glacadh breac fiadh a tha a’ fuireach sa mhuir, ‘s e roicealachd a th’ ann airson coicearachd agus ithe cuideachd.

'S e iasg lan blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feoil cleiteach. B’ urrainn dhuibh am breac a lionadh a?steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.