한국   대만   중국   일본 
Buirdeasachd - Uicipeid Jump to content

Buirdeasachd

O Uicipeid
A' Bhuirdeasachd agus Calpa

'S e clas soisealta a tha co-ionnan le na clasaichean meadhanach agus meadhanach-ard a th' anns a' Bhuirdeasachd ( Fraingis : bourgeoisie , IPA ; bu??wazi ), a reir luchd-eolas Eolas-comainn . [1] Tha a' Bhuirdeasachd air a dealachadh bho agus, gu traidiseanta, air a h-iomsgaradh ris a' mhor-shluagh air sgath 's gu bheil a' Bhuirdeasachd moran nas beairtiche a thaobh airgid agus cumhachd chultaireil. Thathar daonnan a' roinneadh na Buirdeasachd eadar seann ( ancienne ), mor ( grande ), ard ( haute ), meadhan ( moyenne ), agus beag ( petite ). Aig an toiseach-toisichidh, anns na meadhan aoisean, bha ciall an fhacail Bhuirdeasachd ceangailte ri bailtean anns A' Ghearmailt o chionn's gum faigheadh cuid dhuibh pribhleidean eaconomach ann an saoghal gu math fiudalach , mar choirichean mhalairt neo inbhe borgh rioghail. [2] Ann an Gearmailtis canar burger ri cuideigin a tha a' fuireach ann am baile agus cha robh a' Bhuirdeasachd mar a chithear an latha an-diugh idir ann. B' e gu robh luchd na tuatha fo shiostam laghail eile. A reir feallsanachd Mharxach , b' e a' Bhuirdeasachd a bh' anns a' chlas soisealta a thug seilbh air an doigh-dheanaimh tron Tionndadh Gniomhachais agus tha uidh aice air an cuid luach cuid-seilbhe agus calpa a chumail gus a h-uachdaranachd san eaconomaidh a ghleidheadh. Tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur e gabhail a-steach eileimeidean ura dhan a' Bhuirdeasachd, gu seachd-araidh luchd-tionnsgain a bhios a' toirt ur-ghnathachadh dhan eaconomaidh tro mhilleadh chruthachail , 's a bha aig teis-mheadhain Calpachais . [3] A reir Karl Marx , [4] bidh comhstri ann eadar a' Bhuirdeasachd agus am Mor-shluagh an-comhnaidh. Dhiuilteadh Faisisteachas agus Nasachd clasaichean soisealta mar fhorsa eachdraidheil . [5]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Dahrendorf, Ralf ( 1959 ): Class and Class Conflict in Industrial Society. Stanford, CA: Stanford University Press, Stanford .
  2. Marx, K. Lohnarbeit und Kapital, Neue Rheinische Zeitung, Koln , 1847 ( 1849 )
  3. Byrne, Frank J. Becoming Bourgeois: Merchant Culture in the South, 1820?1865. University Press of Kentucky, Lexington , 2006 .
  4. Callinicos, Alex ( 2010 ): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7 .
  5. Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, Lunnainn , 1971