An t-Impireachd Bheasantian

O Uicipeid
Βασιλε?α Ρωμα?ων


Impireachd (Beasantian) an Roimh


(Bratach an Impireachd anns na linntean mu dheireadh)

(An samhaltan impireil)

An t-Impireachd Bheasantian aig an ire is cumhachdach c. 550 .
Chaidh talamhan purpaidh fo cheannsail fo riaghail Justianian I .
facal-suaicheantais :
Βασιλε?? Βασιλ?ων Βασιλε?ων Βασιλευ?ντων
(Greek: "Righ nan Righ a riaghladh tarsainn Uachdaran") [ feum air teisteanas ]
Canain Oifigeil Greugais (comhla-ri Laideann anns na linntean thrath)
Priomh-bhaile Constantinople
Creideamh Oifigeil Criosdaidheachd Ghreugach
Ceann na Staite Impire
Ceann an Riaghaltas Megas Logothetes , agus nas fhadalach Megas Doux
Ceannsal Seanaid Beasantian , shuas ris an 13mh linn
Arainn
 - Gu Leir

 - % Uisge

2.7 millean cm² aig an ire is motha
 ?%
Sluagh ca. 34 millean naur a chaidh a steidheachadh anns an 4mh linn
Steidheachadh Gu tradiseanta le steidheachadh Constantinople mar priomh-bhaile Impireachd an Roimh 11 an Ceitean , 330 AC
Crioch Nuair a ghlach Impireachd nan Otomanach Constantinople air an 29 den Cheitean, 1453 AC
A Chiad Impire Constantine Mhor ( 306 - 337 AC)
Impire mu dheireadh Constantine XI ( 1449 - 1453 AC)
Airgead Solidus , Hyperpyron
edit

'S e An t-Impireachd Bheasantian (ainm Greugach : Βασιλε?α τ?ν Ρωμα?ων - Basileia t?n Romai?n), gu tric direach Beasantian no 'sa Bheurla " Byzantium ", an t-ainm a tha againn mar is abhaist (bhon an 19mh linn) air Impireachd Earrach an Roimh anns an t- Aois Mheadhanach . Tha an Impireachd sonraichte agus air leth bho Impireachd an Roimh (ann an taobh a Siar na Roinn Eorpa ) oir bha e air a shocrachadh air Constantinople agus 's e Greugais , seach sean Laideann , an canan a bha na h-uaislean, an riaghaltas agus a mhor-chuid den t-sluagh a cleachdadh. Ged a tha an Impireachd seo leantainneach, a-reir riaghaltas agus steidheachadh co-dhiu, ri Impireachd an Roimh ann an taobh siar a Roinn Eorpa bi daoine a deanamh eadar-dhealachadh eadarra mar is tric oir gu bheil iad atharraichte ann an iomadh dhoimh a-reir aois, canan agus dualchas. Chaidh ainmeachadh mar " Impireachd nan Greugaich " airson a chuid mhor de bheatha anns an Roinn Eorpa mar is coireach ri cho cumhachdach 'sa bha an t-sluagh agus dualchas Greugach ann.

Chan eil co-aonta ann mu cuin a thoisich an aois Bheasantian. Bi feadhainn ga cheangail ri riaghail an t-Impire Diocletian (284-305), a chruthaich iomadach atharrachan anns an riaghaltas agus 'sann mar seo a chaidh Impireachd an Roimh a ghearradh ann an da leth; pars Orientis (an leth Earrach) agus pars Occidentis (an leth Siarach). Tha feadhainn den bheachd gur e Constantine I a chiad Impire Beasantian. Bi feadhainn a cuir toiseach an Impireachd sonraichte ann an riaghail Theodosius I (379-395) agus le buaidh Chriosdaidheachd tarsainn air an Creideamh Romanach , air a neo a leantainn a bhas ann an 395 leis an dealachadh den Impireachd. Tha buidheann eile ann a bhios ga cheangail ri 476 oir gur ann 'sam bliadhn' ud a leig an Impire mu dheireadh san Iar, Romulus Augustus , as a dhreuchd agus mar sin a fagail an cumhachd impireil le Impire an Ear a-mhain. Tha aon beachd eile ann gur e ath-chruthachadh an Impireachd ann an aois Heraclius (mu 620 ) nuair a fhuair Greugais inbhe mar canan oifigeil agus a chuid mhor chogadh agus stri ris an robh an Impireachd ceangailte a gabhail aite 'san Ear. Gun diofar de am beachd a ghabhas neach, chaidh an atharrachadh air adhart beag air bheag agus an 330 , nuair a steidhich Constantine priomh-bhaile ur airson an impireachd na ainm fhein - Constantinople , bha cumhachd an canan agus cultar Greugach a sgaoileadh (Hellenization 'sa Bheurla ) mu tha.