Achd na Croitearachd (1886)

O Uicipeid
Peighinn Choinnich , baile chroitearachd faisg air Uige anns an Eilean Sgitheanach

'S e lagh de Pharlamaid na Rioghachd Aonaichte a tha ann an Achd na Croitearachd (1886) (uaireannan: Achd Chroitearachd (Alba) 1886 ) a tha an sas ann gus an latha an-diugh. Anns an achd seo chaidh mineachadh oifigeil a chur air bhonn co th' ann an croitear agus de tha ann an sgire chroitearachd . Airson a chiad turais fhuair na croitearan tearainteachd air an fhearann aca agus mar sin chuir an achd seo crioch air Fuadaichean nan Gaidheal . [1] Bha i a' leantainn gu ire mhor na h-achdan a chaidh a steidheachadh ann an Eirinn ann an 1870 is 1881.

Ro-eachdraidh [ deasaich | deasaich an tus ]

Mar a chunnacas anns na Fuadaichean, cha robh coraichean oifigeil aig na croitearan air an fhearann aca gus 1886, bha e ceadaichte gam fuadach a-mach as na bailtean croitearachd aca gun dragh sam bith. Thoisich stri nan croitearan ann an 1874, air sgath 's gun robh iad ag iarraidh na coraichean tradaiseanta air an fhearann air ais. [2]

Tha adhbharan na strithe rin lorg ann an eachdraidh siostam nan cinnidhean, a chaidh a steidheachadh ann na Meadhan Aoisean. Tro leasachaidhean eaconomach is poileataigeach chaidh seallaidhean eadar-dhealaichte a chruthachadh eadar na daoine uasail agus an tuath:

The cultural force of duthchas was pervasive in Gaeldom and was central to the social cohesion of the clan because it articulated the expectations of the masses that the ruling family had the responsibility to act as their protectors and guarantee secure possession of land in return for allegiance, military sevice, tribute and rental. It was a powerful and enduring belief which lived on long after the military rationale of clanship itself had disappeared and tribal chiefs had shed their ancient responsibilitities and become commercial landlords. [3]

Thoisich stri nan croitearan air sgath an gluasad " Home Rule " ann an Eirinn agus na beachdan aca a chaidh a thoirt do na h-Eileanan Siar leis na h- iasgairean . Chleachd iad stailcean mail agus chuir iad an spreidh aca air a’ choitcheann. Bha na croitearan den bheachd gum b’ ann leotha a bha coraichean air a' choitcheann, ach bha na uachdaran gan iarraidh airson nan caoraich mora agus mar oighreachdan seilg. Dh'fhas an stri na bu mhiosa, dh'iarr na uachdaran bataichean-chogaidh airson an dion an aghaidh nan croitearan. Bho am gu am bha upraidean is sabaidean cruaidh eatorra.

Aig ire phoileataigeach bhathar ag iarraidh fuasgladh laghail, mar sin chaidh Comunn Gaidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn ( Highland Land Law Reform Association ) a chur air bhonn 1885 ann an Lunnainn . Cuideachd chaidh Partaidh nan Croitearan a steidheachadh, bha coignear bhuil pharlamaid aca ann an 1885. 'S e 'Is Treasa Tuath na Tighearna' an sluagh-ghairm a bha aca.

Bha eagal air an riaghaltas gum biodh an gluasad "Home Rule" a' sguabadh thairis air a' Ghaidhealtachd cuideachd. Le agallamhan leis na croitearan air feadh na Gaidhealtachd rinn an Coimisean Napier sgrudadh mionaideach air suidheachadh nan croitearan. Chuir iad aithisg a-mach ann an 1884. Dh’fheuch William Gladstone lagh ur a chur tron pharlamaid ach chaidh e a dhiultadh san Cheitean 1885. Leig Gladstone an dreuchd aige dheth san Ogmhios 1885, ach dh'fhairlich na partaidhean eile riaghaltas ur a chruthachadh. Nuair bha Gladstone air ais san Fhaoilleach 1886 thug e an achd a-mach san 25mh den Ogmhios 1886 .

An Achd [ deasaich | deasaich an tus ]

Airson a' chiad turais ann an eachdraidh na h-Alba bha Achd na Croitearachd (1886) a' dearbhadh gun robh coir aig na croitearan air an fhearann aca. Thug i inbhe laghail do na bailtean croitearachd tradaiseanta cuideachd. [4]

Bha an achd a' deiligeadh gu sonraichte leis na puingean a leanas:

  • Bha i a' toirt tearainteachd fearainn do na croitearan, cho fad 's a bha iad ag obair na croite agus a' paigheadh a' mhail.
  • Bha cothrom ann a-nis a' chroit a thoirt seachad san teaghlach.
  • Ma bhios dith aig na h-uachdaran air an fhearainn gheibh na croitearan dioladh airson na leasachaidhean a rinn iad air a' chroit (m.e.: taigh no feansaichean a thogail, dreanadh an fhearainn).
  • Feumaidh am mal a bhith reusanta.
  • Theid Coimisean nan Croitearan a steidheachadh.
  • Cothrom do na croitearan am mal a chothromachadh le Choimisean nan Croitearan.

A reir an lagha chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air bhonn. B' urrainnear dol ann nan robh trioblaidean eadar na h-uachdaran agus na croitearan. A-measg na ciad dleastanasan a bha aig a' choimisean bha e ri radh de na sgirean a bha nan sgirean croitearachd agus mar sin a' tighinn fon achd ur. B’ e sin na Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a leanas Sealtainn , Arcaibh , Gallaibh , Cataibh , Siorrachd Rois , Cromba , Inbhir Nis is Earra-Ghaidheal . 'S e coimhearsnachd croitearachd a bha ann anns na sgirean far an robh croitearan ann fad 's 80 bliadhna gun chumhnant mail agus a' paigheadh mal na b' isle na £30 gach bliadhna agus aig an robh coitcheann.

A-measg na dleastanasan eile den choimisean bha e aca ri mal cothromach a steidheachadh agus ath-sgrudadh a dheanamh gach seachd bliadhna. Nan robh croitearan dhen bheachd gun robh e a' paigheadh mal ro ard bha cothrom aca dol don choimisean airson am mal a' cothromachadh. Gu math tric chaidh am mal a ghearradh sios no a dhubhachd as, nan robh an croitearan a' paigheadh cus roimhe sin. [5] Bha cumhachd aig an coimisean an achd seo a leasachadh agus achdan ura eile a chur air bhonn. Bha cumhachd aca cuideachd talamh feurach a thoirt do na croitearan airson croitean beaga a leudachadh.

Buaidh na h-achda [ deasaich | deasaich an tus ]

Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mun achd seo. Air an darna laimh bha na croitearan a' caoineadh nach deach an achd fada gu leor, air sgath 's nach robh cothrom aca greim fhaighinn air fearann torrach airson na croitean beaga aca a leudachadh. Agus na b' mhiosa, cha robh an achd a' deiligeadh le suidheachadh nan coitearan, aig nach robh fearann idir. Ach an deidh greis chunnaic iad gun robh an coimisean deonach na coirichean aca a chur gu bhuill, gu h-araidh a thaobh tearainteachd mail. Gu mi-fhortanach bha cion-airgid aig a' choimisean agus cha robh fearann gu leor ann airson a thoirt do na croitearan cuideachd. Cha robh an achd a' deiligeadh leis an duilgheadas a bu mhotha: am fearann a thoirt air ais do na croitearan. Cha robh fuasgladh ann do na cuisean far an robh an t-uachdaran agus na croitearan ag iarraidh an dearbh pios fearainn. [6]

Air an laimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh " ...communism looming in the future " agus sgriobh am paipear-naidheachd The Scotsman gum b' e " great infringement on the rights of private property " a bha anns an achd seo. [7]

Cha do chuir an achd crioch air stri nan croitearan, air sgath' s gun robh Arthur Balfour dhen bheachd gun tug an achd seo ughdarras mhoralta dha gach upraid a chur sios le armachd airson Law and order a steidheachadh a-rithist. [8] Mar sin thainig bataichean-cogaidh air ais don Eilean Sgitheanach agus Tiriodh .

Anns na bliadhnaichean an deidh na h-achda chaill Comunn Gaidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (a-nise fon ainm: Dionnasg an Fhearainn) agus Partaidh nan Croitearan a' chumhachd phoileataigeach aca, air sgath 's nach b' urrainn dhaibh aontachadh air ceist an fhearainn agus de cho fad 's am biodh iad a' leantainn a' ghluasaid "Home rule" ann an Eirinn a thaobh seilbh an fhearainn.

Chaidh am beachd seo a thogail a-rithist ann an Achd Chroitearachd (1976) anns an d’fhuair na croitearan cothrom a' chroit aca a cheannachd airson pris 15 x am mal bliadhnail agus mar sin a bhith na neach-seilbh. Ach le seilbh air a' chroit chaill iad an coir air grantaichean CCAGS ( Crofting Counties Agricultural Grant Scheme ). Ann an Achd Ath-leasachaidh Fearainn (Alba) 2003 chaidh coir ceannachd a thoirt do bhuidheann coimhearsnachd croitearachd eadhon an-aghaidh miann nan uachdarain airson leasachaidhean eaconomach is soisealta a chur air adhart. Ann an Achd Chroitearachd 2010 chuirear co-ionnanachd do luchd-gabhaltais agus luchd-seilbh, gu h-araidh a thaobh grantaichean agus dleastanasan agus chaidh soilleireachadh nas mionaidiche a chur seachad mu neo-lathaireachd. A-nise feumaidh an neach-gabhail no an neach-seilbh a bhith a' fuireach an taobh a-staigh 32 cileameatair bhon chroit. Le sin chaidh cothrom a chruthachadh croitean nach eil air an obrachadh ceart a thoirt seachad do luchd-gabhaltais ur.

Le a bhith a' coimhead air ais ann an eachdraidh tha Hunter den bheachd gun do steidhich an achd suidheachadh seann-fhasanta, suidheachadh gabhaltais eu-coltach ri Eirinn far an robh cothroman ann do na croitearan am fearann aca a cheannachd a reir nan achdan " Home rule ". Bha an achd gun buadhachd airson leasachadh a chur ri aiteachais agus nach do ghabh i a-steach beachdan poileataigeach is soisealta. [9] Ach a reir Wightman tha Achd na Croitearachd (1886) a' sealltainn an rathaid gu ath-leasachaidhean an fhearainn ann an Alba, ged nach robh buaidh aice ach air a' Ghaidhealtachd. Chan eil fuasgladh do cheist an fhearainn ann gus an latha an-diugh air sgath ’s gu bheil 2/3 de dh’Alba ann an laimh de 1.252 uachdaran a-mach a sluaigh de 5 millean Albannaich. (Aireamhan a 2000). [10]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. 1983, d. 237
  2. Hunter: The making of the crofting community. 1976, d. 219
  3. Devine: Clanship to Crofters' War. 1993, d. 11
  4. Hunter: The making of the crofting community. 1976, d. 206
  5. Hunter: The making of the crofting community. 1976, d. 225
  6. Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. 1983, d. 237
  7. Hunter: The making of the crofting community. 1976, d. 225
  8. Hunter: The making of the crofting community. 1976, S. 228
  9. Hunter: The making of the crofting community. 1976, d. 283
  10. Wightman: Scotland: Land and Power. 2000, d. 23-29

Leabhraichean [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean a-mach [ deasaich | deasaich an tus ]