Abel Tasman

O Uicipeid
Abel Tasman
Beatha
Breith Lutjegast , 1603
Duthaich Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte
Ciad chanan Duitsis
Bas Jakarta , 10 dhen Damhair 1659
Teaghlach
Ceile unknown value
unknown value
Foghlam
Canain Beurla
Duitsis
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche agus seafarer (en) Translate

B’ e Abel Janszoon Tasman ( IPA : ?aːb?l ?j?nsoːn ?t?sm?n , Lutjegast , 1603 [1] ? Batavia , 10 an Damhair 1659 ) taisgealaiche as Na Tirean Isle , a bha ag obair airson Companaidh Aonaichte nan Sear-Innseachan [2] ( Duitsis : Vereenigde Oost-Indische Compagnie, neo direach an VOC) san 17mh Linn . Tha e ainmeil gus ar laithean airson na bhoidsean a rinn e eadar 1642 agus 1644 , le cuideachadh bho Antonie van Diemen. Lorg e Tasmania , Sealainn Nuadh agus Tonga ri linn na bhoidsean sin. [3] Cha do chuir na Tusanaich failte chridheil idir air ach ann an Tonga. Chuireadh ordan do Thasman talamh mhor, air an tugadh An Olainn Nuadh (Duitsis: Nieuw-Holland) ach an canar Astrailia an latha an-diugh, rannsachadh. [4] Bha na h-Olainndich gu math eolaichte air oirthir an iar na duthcha mar-tha, ach bha iad ag iarraidh a bhith a’ faighinn a-mach nan robh Terra Australis na Mhor-roinn , agus bha feadhainn dhen bheachd gun cumadh an talamh sin an saoghal uile gu leir ann an co-chothrom. Fiu 's bha iad airson slighe mhara gu ruige An t-Sile a lorg. A bharrachd air sin, bha an VOC an duil gum fosgladh na bhoidsean am Mor-roinn ur sin dhan mhalairt agus gum b’ urrainn dhaibh an talamh a chleachdadh airson prothaid. Thug Tasman ainm do Thasmania. Phos e da thuras: ri Claesgie Meyndrix anns a' chiad dol a-mach agus bha nighean aice. Gu dorainneach, chaochail a bhean agus, ann an 1632 phos e ri Joanna Tiercx. [5]

Ceanglaichean A-mach [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Lutjegast Online
  2. VOC Kenniscentrum
  3. New Zealand History Online
  4. Te Ara
  5. Australian Dictionary of Biography