한국   대만   중국   일본 
Edith Piaf - Uicipeid Jump to content

Edith Piaf

O Uicipeid
Edith Piaf
Beatha
Ainm slan Edith Giovanna Gassion
Breith Paris , 19 dhen Dubhlachd 1915
Duthaich   An Fhraing
Aite-fuirich Paris
Na Staitean Aonaichte
Normandy (en) Translate
An Fhraing
Ciad chanan Fraingis
Bas Grasse agus 16th arrondissement of Paris (en) Translate, 10 dhen Damhair 1963
Aite-adhlacaidh cladh Pere Lachaise
Grave of Gassion-Piaf (en) Translate
Nadar a’ bhais adhbharan nadarra  ( sileadh fala 'na bhroinn )
Teaghlach
Athair Louis Gassion
Mathair Line Marsa
Ceile Jacques Pills (en) Translate  (20 dhen t-Sultain 1952 -  1956)
Theophanis Lamboukas (en) Translate  (9 dhen Damhair 1962 -  10 dhen Damhair 1963)
Caraid Marcel Cerdan
Louis Gerardin
Yves Montand (en) Translate
unknown value
Clann
Foghlam
Canain Fraingis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair , actair , recording artist (en) Translate, chansonnier (en) Translate, neach-ealain na sraide agus sgriobhaiche oran
Airde 157 centimetre
Obraichean comharraichte La Vie en rose (en) Translate
Milord (en) Translate
Non, je ne regrette rien (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Ancient Mystical Order Rosae Crucis (en) Translate
Far-ainmean Edith Piaf
Gne ealain chanson (en) Translate
chanson realiste (en) Translate
ballade (en) Translate
Nadar a’ ghutha contralto (en) Translate
Inneal-ciuil guth
Taigh-claraidh Capitol Records
Pathe-Marconi (en) Translate
Columbia Records
Polydor Records (en) Translate
Philips Records (en) Translate
IMDb nm0681191

B' e aon de na seinneadairean agus luchd-ciuil as ainmeile san Fhraing a bh' ann an Edith Piaf ( IPA : edit pjaf , Fior ainm: Edith Giovanna Gassion , Paris , 19 an Dubhlachd 1915 ? Plascassier , 11 an Damhair 1963 ) agus dh'fhas i iomhaigh dhuthchail. Nochd a seinn a beatha dhochannach, bhronach, le a neart a bhith orain-ghaoil thiamhaidh air seinn ann am guth caointeach. Tha " La vie en rose " (1946), " Hymne a l'amour " (1949), " Milord " (1959), agus " Non, je ne regrette rien (1960) am-measg a h-orain ainmeile.

Beatha mhoch [ deasaich | deasaich an tus ]

A dh'aindeoin na moran eachdraidhean-beatha uimpe, tha moran na beatha Edith falaichte le run, a' gabhail a-steach a breith. Rugadh i Edith Giovanna Gassion ann an Belleville, Paris , an cearn an imreachais aird air thoirt iomradh air nas fhadalaiche le Daniel Pennac . Thuirteadh sgeulachd shean gun rugadh i air a' chabhsair na Rue de Belleville 72 , ach thuirt a teisteanas-breith oifigeil gun rugadh i aig an Hopital Tenon, [1] an taigh-leighis airson an cearn na Belleville. Thugadh an t-ainm Edith dhi airson an banaltram Breatannach A' Chogaidh Mhoir , Edith Cavell , a bha air chur ri bas air a' chuideachadh saighdearan Frangach a theicheadh bhon bhraighdeanas na Gearmailte. Thoisich piaf ? mith-chainnteachas a' Pharas airson " gealbhonn "?cho leas-ainm gum fuair i 20 bliadhnaichean na b' fhadalaiche.

'S e ban-duthchasach leth-Eadailteach de Livorno a bh' ann a mathair, Annetta Giovanna Maillard (1895?1945). Bha i aig obair cho seinneadair nan taigh-seinnse fodhan ainm Line Marsa . [1] 'S e luth-chleasaiche na t-sraide a bh'ann an athair Edith, Louis-Alphonse Gassion (1881?1944) [2] le eolas an taighe-chluiche . Bha gu luath Edith treigte le a mathair agus bha a h-athair sa' Chogadh, 's mar sin dh'fhuirich i fad uine ghoirid leis a' mhathair a mathar, Emma (Aicha) Said ben Mohammed (1876?1930), a bha 'na Ban-Cabileach . Gu goirid an deidh sin, ghabh an t-athair Edith a nighean a dh'fhuireach le a mhathair, a bha 'na bhana-mhaighstir taigh-striopachas ann an Normandie , agus an uair sin thill e dhan dh'armailt Fhraingich ann an 1916. Chuidich na striopaichean a dh'arach Edith.

As na h-aoisean tri ri seachd, bha air aithris Edith dall , a' fulang bho cor na t-sula, 's docha at-coirne ; agus as na h-aoisean ochd ri ceithir deug, bha i air aithris bodhar . A-reir ri aon a h-eachdraidhean-beatha, fhuair i a leirsinn air ais nuair ann an mar a tha iomradh air thoirt air cho " miorbhail ", an deidh chruinnich na striopaichean a seanmhair airgead ga cur air taisdeal a thoirt urram ri Therese de Lisieux . Ann an 1929, aig an aois 14, cheangail i le a h-athair 'na ghniomhan na t-sraide air feadh na Frainge, far an sheinn i gu follaiseach air a' chiad am. An uair sin ghabh i seomar aig an Grand Hotel de Clermont (18 rue Veron, Paris 18eme) agus dhealaich i bhuaithe, a' dol a slighe fhein cho seinneadair-sraide anns an Pigalle , Menilmontant , agus na h-iomall-bhailtean na Paris (th' ann iomradh ri seo 'san oran "Elle frequentait la Rue Pigalle" (Thadhail I an Sraid Pigalle). Cheangail i le a leth-phiuthar Simone Berteaut ("Momone") [1] 'san oidhirp seo, agus dh'fhas an dithis buan-chairdean sa' mhiastadh. Bha i mu dheidhinn 16 bliadhna a dh'aois nuair thuit i ann am gaol le gille-fritheil, Louis Dupont. Aig an aois 17 rugadh an aon paiste aice, caileag ainmichte Marcelle, a bhasaich aig da bliadhna a dh'aois a fiabhras eanchainne . [2] Mar a mathair fhein roimhpe, lorg Edith ag arach paiste doirbh fad fhuireach beatha air na sraidean, 's mar sin dh'fhagtadh i gu tric Marcelle na h-aonar fad a neo-lathaireachd, agus ghabh Dupont an nighean a dh'arach leis fhein roimh a' bhas Mharcelle miosan na b' fhadalaiche. 'S e druisear a bh' ann an ath-leannan Edith, Albert, agus ghabh e roinn-paighidh as an airgead gun d' rinn i le seinn ann an iomlaid ann an iomlaid nach cuirteadh e spairn oirre a dh'fhas striopach; chuir caraid Edith, nighean thlath ainmichte Nadia, lamh 'na beatha fhein nuair bha i air chur aghaidh air an smaoin de fas striopach agus cha mhor nach do chuir Albert peilear tro Edith nuair bhris i am cairdeas oir a' bhais Nadia.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. 1.0 1.1 1.2 Biography: Edith Piaf (English) . RFI Musique . Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2007.
  2. 2.0 2.1 Ray, Joe ( October 11 , 2003 ): “ Edith Piaf and Jacques Brel live again in Paris: The two legendary singers are making a comeback in cafes and theatres in the City of Light (English) . ' Vancouver Sun' , td. F3. Air a thasglannadh [o http://joearay2.tripod.com/vancouversun/brel_et_piaf.html ] 11mh dhen Dubhlachd 2012. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2007.