Wittenberg

O Uicipeid
Lutherstadt Wittenberg
Wittenberg
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Duthaich a' Ghearmailt
Cearn Sagsainn-Anhalt
Sgire Wittenberg
Co-chomharran 51° 52′ Tuath
12° 39′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 128.93 km²
Aireamh-shluaigh 46,384 (2006)
Dluths 359.76/km²
Aireamh fon 03491
Duilleag oifigeil www.wittenberg.de

Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Lutherstadt Wittenberg . Tha e na laighe ann an earra-dheas Sagsainn-Anhalt ri taobh na h-aibhne Elbe . Tha mu 46.000 daoine a' fuireach an seo [1] . Tha an darna phairt den Oilthigh Halle-Wittenberg an-seo cuideachd.

Tha Wittenberg cliuiteach o chionn’s gur e seo an t-aite far an do thoisich an t-Ath-Leasachadh . Tha Eaglais a' Bhaile, Eaglais a’ Chaisteal, taigh Martainn Lutair agus taigh Mhelanchthon ann, a tha air an dion mar dualchas na cruinne leis an UNESCO [2] (comhla ri Lutherstadt Eisleben ). Mar sin is e Lutherstadt Wittenberg ( Baile-Lutair Wittenberg ) an t-ainm oifigeil a tha air Witttenberg.

Eaglais a’ Bhaile [ deasaich | deasaich an tus ]

Eaglais a’ bhaile

Thoiseachadh air Eaglais a' Bhaile Wittenberg [3] ( Stadtkirche Wittenberg sa Ghearmailtis) a thogail ann an 1187 . Thogadh an t-aite, far a bheil an altair, ann an 1280 , agus eadar 1412 agus 1439 chaidh na stiopallan agus an corp-eaglais mor a thogail, mar a tha iad rim faicinn an-diugh. Eadar 1522 agus 1811 chuireadh togalachan eile ri taobh na h-eaglaise. Ann an 1928 agus 1980 - 1983 chaidh nuadhachadh na h-eaglaise.


Bha Martainn Lutair a’ toirt na searmonan aige seachad ann an Eaglais a’ Bhaile Wittenberg. An seo bha an aifreann ri cluinntinn anns a’ Ghearmailtis airson a chiad turas agus fhuair na luchd-creidheamh Suipeir an Tighearna ann an da doigh, aran agus fion . Tha dealbh miorbheallach ann a rinn Lucas Cranach as sine: “Suipeir an tighearna“.

Eaglais a' Chaisteil [ deasaich | deasaich an tus ]

Canar gur e Eaglais a’ Chaisteil Wittenberg [4] [5] ( Schlosskirche Wittenberg sa Ghearmailtis) an t-aite far an do chuir Martainn Lutair na 95 argamaid aige ris an doras ann an 1517 .

Ann an 1490 chaidh luchairt ur a thogail airson a’ bhaile Wittenberg a dhion. Ri taobh na luchairt thogadh eaglais ur (1496-1506). Bha na luchd-ealainn Albrecht Durer , Jacopo de'Barbari agus Till Riemenschneider a’ toirt cuideachadh dhaibh. Ach ann an cogadh seachd bliadhnaichean ( Seven Year’s War sa Bheurla) chaidh an eaglais a losgadh le teinne ( 1760 ). Bha torr piosan ealainn agus fuidheall air chaill, ri measg an doras fiogha. Bha an eaglais sgrioste a-rithist ann na Cogaidhean na Saorsa (1814). Bhon uair sin bha saighdearan a’ fuireach an-seo. Eadar 1883 agus 1892 chaidh ath-nuadhachadh na h-eaglaise anns an stoidhle tusail. Tha doras a umha ann leis na argamaidean Lutair ann an Laideann , giobht bhon righ Pruiseach Frederick William IV. Am broinn na h-eaglaise tha uaighean Martainn Lutair , Melanchthon agus Frederick III ( Frederick the Wise ) ann.

Taigh Mhelanchthon [ deasaich | deasaich an tus ]

Is e taigh Mhelanchthon ( Melanchthonhaus 'sa Ghearmailtis) aon de na taighean as breagha a Linn an Ath-bheothachaidh anns a’ Ghearmailt. Fhuair Melanchthon e mar gibht bho Frederick III ann an 1536 . Bha e a’ fuireach an-seo leis an teaghlach aige. Bha e na ard-ollamh anns an Oilthigh Wittenberg , ach anns an taigh sgriobh e co-ionad a’ Chreideamh Prosdanach . Anns an darna lar chithear dealbhan tusail air a’ bhalla, a rinn na h-oileanaich a bha a’ fuireach an-seo.

Ann an 1810 thoisicheadh taisbeanadh beag mu bheatha Mhelanchthon ann an tri seomraichean. Bho 1954 is e taigh-tasgaidh a tha ann am Melanchthonhaus. An-diugh tha e dionta cuideachd mar dualchas na cruinne leis an UNESCO .

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Dealbhan [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. Baile Wittenberg http://www.wittenberg.de
  2. UNESCO http://whc.unesco.org/en/list/783
  3. Eaglais a' Bhaile Wittenberg http://www.stadtkirchengemeinde-wittenberg.de
  4. Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20130812101911/http://www.schlosskirche-wittenberg.de/
  5. Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20071024091553/http://unterkunft.wittenberg.de/en/seiten/schlossk/sk01.html anns a' Bheurla
  6. Stadt Bretten
  7. Stadt Gottingen

Ceanglaichean a-muigh [ deasaich | deasaich an tus ]