한국   대만   중국   일본 
Ouagadougou - Uicipeid Jump to content

Ouagadougou

O Uicipeid
Ouagadougou
Suidheachadh
Duthaich Buircina Fhaso
Cearn Centre Region
Sgire Kadiogo
Co-chomharran 12° 22’ 13" Tuath
1° 20’ 29" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,805 km²
Aireamh-shluaigh 1,523,980 (2006)
Dluths 543.31/km²

'S e priomh-bhaile Bhuircina Fhaso a tha ann an Ouagadougou , ainm goirid: Ouaga . Anns a' bhliadhna 2006 bha 1,181,702 duine [1] a’ fuireach anns a’ bhaile fhein. Mar sin dheth 's e am baile as motha a tha anns an duthaich seo. Tha Ouagadougou suidhichte air ard-thir ann am meadhan na duthcha. Tha Ouagadougou 772km air falbh bho Accra ( Gana ), 756km bho Lome ( Togo ), 742km bho Yamoussoukro ( Costa Ibhri ), 414km bho Niamey ( Niger ), 703km bho Bhamako ( Mali ) agus 798km bho Cotonou Benin ). [2] Tha e suidhichte ann an cridhe na duthcha , aig 307m os cionn ire na mara . [3]

'S e teas meadhan malairteach 's gniomhachail a th' ann. Bha an Ouagadougou grand market , aon de na blar-feillean as motha air feadh Afraga-an-Iar , suidhichte an seo cuideachd. Ach chaidh an losgadh ann am 2003 agus tha e duinte fhathast.

Tha port-adhair eadar-naiseanta ann ris an chanar Ouagadougou Airport . Tha rathad-iarainn ann an Ouagadougou cuideachd, tha am baile ceangailte le Abidjan ann an Costa Ibhri agus Kaya ann an taobh tuath Burkina Faso. Tha rathad mor ann gu Niamey , priomh-bhaile Nigeir .

Bailtean Co-cheangailte [ deasaich | deasaich an tus ]

Ceanglaichean A-mach [ deasaich | deasaich an tus ]

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. National 2006 census preliminary results [1]
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. TwinCities Nederland
  5. Comhairle Bhaile Quebec

Dealbhan [ deasaich | deasaich an tus ]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: