한국   대만   중국   일본 
Marc Parrot - Uicipeid Jump to content

Marc Parrot

O Uicipeid
Marc Parrot
Guth
Beatha
Breith Barcelona , 14 dhen Cheitean 1967
Duthaich   Na Duthchannan Catalanach
Teaghlach
Ceile Eva Armisen (en) Translate
Foghlam
Canain Catalanais
Spainntis
Dreuchd
Dreuchd saothraiche chlaran , ceol-sgriobhaiche agus neach-ciuil
IMDb nm1688480
marcparrot.com agus marcparrot.com

'S e sgriobhaiche ciuil , craoladair agus seinneadair Catalanach a th’ann Marc Parrot Rufias . Rugadh e ann am Barcelona , Cataloinia , An Spainn , air 14mh an Ceitean 1967 .

Beatha ann an Saoghal a’ Chiuil [ deasaich | deasaich an tus ]

Thug e a’ chiad cheum aige ann an Saoghal a’ Chiuil ann an 1990 leis a’ chomhlan-chiuil Regreso a las minas , ( Spainntis : Tilleadh dha na Mheinean) le Julian Ruiz na riochdaire. An uair sin dh’fhoillsich e da dhiosg na aonar, is iad Solo para locos (Airson daoine craicte a-mhain) ann an 1993 agus Solo para ninos (Airson clann a-mhain) ann an 1995 . Chlaraich e an treas diosg aige, Cocinero ann an 1998 , ach cha robh an diosg sin ga reic nuair a rinn e e, is cha do deach orain a’ phroiseact sin fhoillseachadh. Bha e aig obair comhla ris a’ chompanaidh ciuil Warner Music aig an am sin.

Dh’fhas e gu math ainmeil air feadh na duthcha nuair a rinn e caractar air program Deireadh na Bliadhna air Telebhisean Chataloinia (Catalanais: Televisio de Catalunya), a dheanadh dreachan pearsanta dhe seann orain Spainnteach. Mar sin thoisich am proiseact ris an canar El chaval de la peca (Spainntis: Balach a’ Buill-dorain ), agus dh’fhoillsich e a’ chiad dhiosg aige fon ainm sin ann an 1998 .

Bha a’ chiad oran singilte aige, deach ur dhen oran "Libre" (Saor) a rinn Nino Bravo o shean, uabhasach soirbheachail. ‘S e oran mor-chordte an t-Samhraidh a bh’ ann is chleachd an companaidh fonaichean-laimhe Amena e nuair e thoisich iad an gnothach. Rinn oran neo dha eile aig an alter ego sin anns na charts, agus dh’fhoillsich e 3 diosgaichean fon ainm sin, gus a cho-dhuin Marc a chur as a’ charactar ann an 1999 . Rinn e cuirm-chiuil mar shoraidh slan is thuirt e gun do dh’fhalbh e gu Miami airson a bhith a’ leantainn mar Mharc Parrot. Mar a thuirt e dha na meadhanan:

Nise, tha e air a bhith mar gum falbhadh fior dheagh charaid bhon a chuir mi gu cul ris. ‘S e caractar gu math eibhinn a bh’ ann is fhuair sinn moran fhealla-dha comhla. Ach, ge-ta, chaidh e air falbh gus aite a leigeil airson luchd-ciuil eile mar mise fhin cuideachd, leis cho deonach ’s a bha sinn. Bha esan anns gach uile aite. [1]

Ann an 2001 chuir Marc Parrot diosg ur air doigh leis an airgead a fhuair e bhon Chaval de la Peca. ’S e Rompecabezas (Toimhseachan) an t-ainm a bh’ air agus bha e na riochdaire comhla ri Robin Hancock. Aig an aon am bha e an sas a’ togail agus a’ cur air bhog an stiuideo aige, air a bheil Grabaciones Silvestres (Claraidhean na Coilltean). Tha e air a bhith an sas mar riochdaire is e a’ claradh diosgaichean na daoine eile bhon am sin.

Nuair a chaidh an cumhnant aige le Warner Music gu crioch, Thagh Marc an companaidh neo-eisimeileach PIAS, far an do chlaraich e an diosg Dos maletas (Da mhaileid) ann an 2002 . An ceann greiseag dh’fhoillsich e da dhiosg ann an Catalanais , Mentider (Breugadair) ann an 2005 agus Interferencia (Riasladh) ann an 2007 . Tha e direach air diosg ur da-chananach, Avions (Pleanaichean), a dh'fhoillseachadh ann an 2009 . Nochd an t-oran ainmeil Ulleres per veure-hi malament (Speuclairean son ga fhaicinn gu dona) air a' chlar sin. Thoir e a’ mhor-chuid dhe na cuirm-chiuil agus tursan aige ann an Cataloinia fhein a-nis. Tha e ag obair fhathast mar cheoladair, sgriobhaiche orain agus riochdaire ciuil.

Diosgaichean [ deasaich | deasaich an tus ]

Fon ainm Regreso a las minas [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Regreso a las minas (ann an Spainntis) ( 1990 )

Fon ainm Marc Parrot [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Solo para locos ( 1993 ) (ann an Spainntis) le Warner Music
  • Solo para ninos' ( 1995 ) le Warner Music
  • Cocinero' (airson a bhith ga fhoillseachadh ann an 1998 , ach chuir soirbheachas El Chaval de la Peca dail air) (ann an Spainntis)
  • Rompecabezas ( 2001 ) (ann an Spainntis) le Warner Music
  • Dos maletas ( 2004 ) (ann an Spainntis) le PIAS
  • Mentider ( 2005 ) (a’ chiad dhiosg aige sa chatalanais) le PIAS
  • Interferencia ( 2007 ) (an darna diosg aige sa chatalanais) le PIAS
  • Avions ( 2009 ) (diosg da-chananach Spainntis-Catalanais) le PIAS

Fon ainm El Chaval de la Peca [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Artista Internacional ( 1999 ) le Warner Music
  • Grandes exitos ( 1999 ) le Warner Music
  • In person ( 1999 ) le Warner Music

Rud neo dha inntinneach [ deasaich | deasaich an tus ]

  • Tha stiuideo ciuil aig Marc Parrot fhein, Grabaciones Silvestres, ann am baile beag ris an canar Sant Quirze Safaja ann an sgire Barcelona.
  • Tha Marc Perrot air iomadh phios chiuil a sgriobhadh airson programan telebhisein, (mar eisimpleir Malalts de tele neo Club Super 3 ), torr dhaibh air TV3 ann an Catalonia. A-nis, tha e cuideachd na chraoladair air a' phrogram ciuil Casal Rock [2] air an telebhisean ann an Cataloinia.

Iomraidhean [ deasaich | deasaich an tus ]

  1. El Mundo, 6 an t-Iuchar 2001 (Spainntis)
  2. Casal Rock, TV-3 (Catalanais)

Ceanglaichean A-mach [ deasaich | deasaich an tus ]