한국   대만   중국   일본 
An Iapan - Uicipeid

'S e duthaich eileanach a th' ann an Iapan [1] [2] ( Iapanais : 日本 Nihon no Nippon , 日本? Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil; uaireannan an t-Seapan [3] sa Ghaidhlig) suidhichte far oirthir Aisia an Ear . Tha na priomh eileanan - Hokkaid? , Honsh? , Shikoku , Ky?sh? agus Okinawa - am measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu leir gan cumail dhaibh fhein. Tha a' chuid as motha dhiubh beanntach , agus moran dhiubh bholcanach ; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as airde, Beinn Fuji . Tha an Iapan an ear air Siona , Coirea 's an Ruis anns a' Chuan Seimh , a' sineadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sineach an Ear san taobh a deas. A thaobh aireamh-shluaigh , 's i an deicheamh dhuthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgire Mhor Tokyo an sgire ard-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-comhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach priomh-bhaile Thokyo agus cuid de na sgirean mun chuairt air.

日本?
Nippon-koku / Nihon-koku
An Iapan/An t-Seapan

Bratach

Seula impireil
Laoidh Naiseanta
Kimi ga Yo
Rioghachadh Impireil
Canan(an) oifigeil Iapanais
Priomh-bhaile Tokyo
Baile as motha Tokyo
Riaghaltas Monarcachd bun-reachdail parlamaideach
Iompaire HIM Iompaire Naruhito (?仁)
Priomh-mhinistear Fumio Kishida (岸田 文雄)
Steidheachadh
Latha Bun-steidheachaidh Naiseanta 11 an Gearran 660 RC
Bonn-steidh Meiji 1890
Bonn-steidh Laithreach 1947
Cumhnant Shan Francisco 1952
Farsaingeachd
Iomlan 377,975 km² (61)
Uisge 1.4?%
Aireamh-shluaigh (2020)
Iomlan 126,226,568 (11)
Dluths 334/km² (48mh)
Roinn tide JST ( UTC +9)
Ruith-airgid Yen
Priomh arainn-lin .jp
Cod Aireamh fon 81

Cultar deasaich

'S e "tus-greine" brigh nan litrichean ann an ainm na duthcha, 's mar sin dheth, dh'aithnichear an t-Seapan mar "Tir Eirigh na Greine". Tha 日 a' ciallachadh Grian, agus 's e Tus no Freumh a' bhrigh a th' air 本。

Bhon a tha an Iapan fada gu leor bho thir-mor Aisia , gun a bhith ro fhada air falbh, fhuair i buannachdan as cultar an tir-mor , ach cha deach amaladh ann am buaireasan a' mhor-thir cho tric re nan linntean. Bha e an comas dhith buaidhean chultarach a tirean cein a dheanamh freagarrach dhan chultar aice fhein 's an uairsin gan aonadh ri a leasachaidh. Gheibhear eisimpleirean dhen seo a thaobh biadh na duthcha, leithid Tempura , le buinteanas ris a' Phortagail . A thaobh litreachais , chaidh an lamh-sgriobhaidh Iapanach, Kana , a chruthachadh as na litrichean iol-fhillte Sionach . A thaobh chreideimh , 's ann a bha Buddhachd air atharrachadh nuair a chaidh a thoirt a-steach san t-siathamh linn. Cha do sgaoil e measg an t-sluaigh gus an do nochd H?nen agus Shinran , an fheadhainn a steidhich an dream J?do 's an dream J?do Shin . [4]

Eu-coltach ri moran duthchannan eile, thathas ag radh gur e duthaich gu ire mhor aon-ghneitheach a th' san Iapan. Leis a' sin, thathar a' cumail a-mach nach eil moran caochladh ann an cultar na duthcha bho sgire gu sgire. Chan e a-mhain gur e aireamh mhor de dhaoine, a' fuireach gu dluth air farsaingeachd bheag de thalamh is adhbhar dha sin, ach gu robh an sluagh riamh beo fad linntean fo riaghladh meadhanaichte , a bhiodh a' stiuireadh a h-uile roinn de bheatha an t-sluaigh gu mionaideach min. [4]

A dh'aindeoin sin, cha ghabh fhagail air nach e cultar mor saoibhir a th' ann an cultar na h-Iapain. Tha e ioma-fhillteach, air a dheanamh air sean is ur, le deagh mheasgachadh de nithean cein is duthchasach an cois. 'S e coimeasgachadh eileamaidean Iapanach agus Siarach a th' anns na tri rudan riatanach - biadh , aodach agus fasgadh . Tha na h-Iapanaich a' cleachdadh deas-ghnathan a Buddhachd 's Shint? comhla, agus tha tuilleadh air darna leth na h-Iapanais air a dheanamh a faclan freumhaich Sionach . Thathar am beachd gur e an uidh a th' aig an sluagh Iapanach ann an cultaran eile agus an seol a bh' aca re nan eachdraidh eileamaidean cultarach cein a thoirt a-steach, gun an cul a chur air cleachdaidhean is traidiseanan duthchasach as adhbhar don ghne ioma-fhillteach seo.

Eolas-sluaigh deasaich

Tha an aireamh-shluaigh aig mu 127,700,000 daoine, agus tha mu 98.2% a' bruidhinn Iapanais mar chainnt mhathaireil. Tha an corr a' buntainn do dh'iomadh dhuthaich, an cuid as motha do Choirea (700,000) agus do Shiona (350,000). Gheibhear cuideachd sluaghan a Bhiet-Nam , a Braisil , na Staitean Aonaichte (85,000), an Roinn-Eorpa (45,000) agus am mion-shluagh duthchasail a bhuineas do Hokkaid? , agus Honsh? a Tuath , na h- Ainu (mu 30,000).

Tha mu 70% dhen t-sluaigh a' fuireach anns a' chearn eadar T?kyo agus Kitaky?sh?, ann an eilean Honsh?. 'S e A' Bheilg agus Na Tirean Isle far a gheibhear an dluths aireamh-shluaigh as airde gu leir, ach 's e an Iapan far am faighear an dluths as airde a-reir farsaingeachd talmhainn air an gabh comhnaidh. [4]

Sgirean na h-Iapain deasaich

 
Sgirean Iapain

Sgriobhaidhean mu a deidhinn sa Ghaidhlig deasaich

Iomraidhean deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Atlas Sgoile Oxford le Storlann Naiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Gaelic Orthographic Conventions 2005 dt. 8
  3. Colin Mark: Am Faclair Gaidhlig-Beurla (2004)
  4. 4.0 4.1 4.2 Japan As It Is/日本タテヨコ ;Ceathramh Eagran Da-chananach, foillsichte le Gakken